FaclairDictionary EnglishGàidhlig

In the Country Air an Dùthaich

In the country. (Compound prepositions and nouns.) Air an dùthaich. (Roimhearan fillte agus ainmearan.)

Video is playing in pop-over.

Air an dùthaich

Presenter: Derek Mackay (Derek MacAoidh)

[DEREK] Tha mi air tòiseachadh ag iasgach airson bhreac le slat agus tha mi airson innse dhut mu na tha mi air ionnsachadh.

Moch gu abhainn agus anmoch gu loch. Sin comhairle a bhios iasgairean a' faighinn air Ghàidhealtachd. Tha e nas fheàrr a bhith ag iasgach airson bhreac tràth sa mhadainn no anmoch feasgar. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na hamannan seo freagarrach air sgàth an t-solais. Tha e doirbh bric a ghlacadh nuair a tha a' ghrian a' deàrrsadh. Bidh daoine ag iasgach airson bhànagan air feadh na h-oidhche agus airson bhradan, ach 's e sgeulachd eile a tha sin!

Ma tha thu ag iasgach airson bhreac air abhainn, tha e feumail faighinn a-mach mu dheidhinn na h-aibhne - na pàirtean dhith a tha math. Air aibhnichean farsaing, bidh cuid a' coiseachd a-mach dhan uisge le bòtannan mòra. Ach, faodaidh tu a bhith ag iasgach às aonais nam bòtannan, oir bidh iasg cuideachd ri taobh bruach na h-aibhne.

Tha a' mhòr-chuid de dhaoine a bhios ag iasgach airson bhreac ann an Alba a' dol gu lochan. Bidh mi a' faighinn a-mach bho dhaoine a tha eòlach dè na lochan as fheàrr.

Nuair a tha thu ag iasgach air loch, tha e math a dhol timcheall an locha gus am feuch thu an t-slat ann an diofar àiteachan. Sin, ma leigeas an aimsir leat. Oir, chan eil e math an loidhne a thilgeil a-mach an aghaidh na gaoithe, no leis a' ghaoith. Tha e nas fheàrr ma tha a' ghaoth a' tighinn bho do chliathaich.

Feumaidh tu sùil gheur a chumail air an loch. Ma chì thu iasg a' tighinn gu uachdar, cuir an loidhne a dh'ionnsaidh an èisg. Feuch gun tig e sìos gu socair.

Ach dè an stuth a chleachdas tu? Ceist mhòr - agus bidh daoine gan atharrachadh a rèir na h-aimsir agus a rèir càit a bheil iad ag iasgach. Ach, ma tha e coltach ri rud a bhios iasg ag ithe - cuileag, iasg beag no daolag - tha teansa ann gun obraich e. Tha seòrsaichean gu leòr ann, ach bidh daoine ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid air an dèanamh airson iasgairean a ghlacadh an àite èisg.

Bheir sinn sùil air cuid de na facail agus abairtean a chleachd mi.

Air sgàth
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-amannan seo freagarrach air sgàth an tsolais.

Air feadh
Bidh daoine ag iasgach airson bhànagan air feadh na h-oidhche.

Ri taobh
Faodaidh tu a bhith ag iasgach às aonais nam bòtannan, oir bidh iasg cuideachd ri taobh bruach na h-aibhne.

Timcheall
Tha e math a dhol timcheall an locha gus am feuch thu an t-slat ann an diofar àiteachan.

An aghaidh
Chan eil e math an loidhne a thilgeil a-mach an aghaidh na gaoithe, no leis a' ghaoith.

A dh'ionnsaidh
Ma chì thu iasg a' tighinn gu uachdar, cuir an loidhne a dh'ionnsaidh an èisg.

A rèir
Ach dè an stuth a chleachdas tu? Ceist mhòr - agus bidh daoine gan atharrachadh a rèir na h-aimsir.

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!