FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Months in Verse Bàrdachd nam Mìosan

The months in verse (and verbs in the future tense). Bàrdachd nam Mìosan (agus gnìomhairean san tràth theachdail).

Video is playing in pop-over.

Bàrdachd nam Mìosan

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Seo bàrdachd mu na mìosan agus an aimsir:

Anns an Fhaoilleach thig an sneachda,

Anns a' Ghearran tuiltean mòr';

Gheibh sinn stoirmean anns a' Mhàrt,

Is tùs nam blàth sa Ghiblean chòir.

Anns a' Chèitean bidh uain a' leumnaich;

Chì an t-Ògmhios fàs mòr;

Bidh frasan troma anns an Iuchar,

Ach bidh an Lùnastal mar bu chòir.

Measan agus sealg san t-Sultain,

Cnòthan anns an Dàmhair dhuinn,

Gèile is gailleann anns an t-Samhain,

Is grian is fuachd san Dùbhlachd dhuinn.

Tha an dàn snog, agus fìor tha mi a' smaoineachadh. Tha seanfhacal againn a tha ag ràdh: "Am feur a thig a-mach sa Mhàrt, thèid e a-staigh sa Ghiblean." Tha e ag innse dhuinn nach eil e math rud a dhèanamh ro thràth.

Bha an dàn ag ràdh: "Gheibh sinn stoirmean anns a' Mhàrt, "Is tùs nam blàth sa Ghiblean chòir." Feumaidh fios a bhith aig daoine a tha ag obrachadh an fhearainn dè an t-àm as fheàrr airson rudan a dhèanamh anns na diofar ràithean.

Grafaic: an t-Earrach; an Samhradh; am Foghar, an Geamhradh

Tha an t-àm a bhios croitearan a' buain na mònadh as t-earrach cudromach. Ma thaghas iad an t-àm ceart, tiormaichidh na fàdan mar is còir. Cuiridh iad am buntàta aig àm freagarrach as t-samhradh. A-rithist, as t-fhoghar, togaidh iad am buntàta, buainidh iad an t-arbhar agus bheir iad a' mhòine dhachaigh aig na h-amannan as fheàrr.

Nì iad deiseil airson a' gheamhraidh aig àm sònraichte cuideachd. Ged a tha "Gèile is gailleann anns an t-Samhain", bidh aimsir shocair anns a' mhìos sin cuideachd, a bhios croitearan a' cleachdadh airson a h-uile càil a dhèanamh tèarainte mus tig an droch shìde. 'S urrainn dhan aimsir a bhith caochlaideach.

Tha dùil againn ri aimsir mhath anns an Iuchar. Ach, tha an dàn ag ràdh: "Bidh frasan troma anns an Iuchar." Cuideachd, tha seanfhacal ann a tha ag ràdh: "Tha dà latha den Iuchar anns an Fhaoilleach agus dà latha den Fhaoilleach anns an Iuchar." Tha mi cinnteach gu bheil sin ceart, ach saoilidh mi fhìn gum faca mi barrachd de lathaichean geamhraidh as t-samhradh na chunnaic mi de lathaichean samhraidh anns a' gheamhradh.

Mus fhalbh thu a shealltainn an e geamhradh no samhradh a th' againn andiugh, bheir sinn sùil air cuid dhe na facail a chleachd mi.

Stoirmean
Gheibh sinn stoirmean anns a' Mhàrt

An t-Ògmhìos
Chì an t-Ògmhios fàs mòr.

Am Màrt
Am feur a thig a-mach sa Mhàrt, thèid e a-staigh sa Ghiblean.

Cuiridh
Cuiridh iad am buntàta aig àm freagarrach as t-samhradh.

Togaidh
As t-fhoghar, togaidh iad am buntàta, buainidh iad an t-arbhar agus bheir iad a' mhòine dhachaigh aig na h-amannan as fheàrr.

Gailleann
Ged a tha "Gèile is gailleann anns an t-Samhain", bidh sìde shocair anns a' mhìos sin cuideachd.

An t-Iuchar
Tha dà latha den Iuchar anns an Fhaoilleach agus dà latha den Fhaoilleach anns an Iuchar.

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!