FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Manners again Modh a-rithist

Manners again: expressing respect and formality. Modh a-rithist: a’ cleachdadh abairtean modhail.

Video is playing in pop-over.

Modh a-rithist

Presenter: Derek Mackay (Derek MacAoidh)

[DEREK] Trobhad ort … tha beagan comhairle agam mu mhodh airson daoine a tha a' tadhal air coimhearsnachdan Gàidhlig.

Nuair a tha thu a' coinneachadh ri cuideigin, can, "Halò," "Madainn mhath," no, "Feasgar math." Na can, "Tha thu an sin." Faighnich, "Ciamar a tha thu?" No, "Ciamar a tha sibh?" ma tha an duine ris a bheil thu a' bruidhinn nas sine na thu fhèin. Na can, "A bheil thu gu math?"

Mura cluinn thu rudeigin ceart, can, "B' àill leibh?" Na can, "Duda?" no, "Dè tha thu ag ràdh?"

Airson taing a thoirt do dhuine, can, "tapadh leat" no "tapadh leibh" - "tapadh leibh" airson urram a thoirt dhan neach ris a bheil thu a' bruidhinn. Ma bheir iad taing dhutsa, can, "'S e do bheatha," no, "'S e ur beatha," no, "Tha thu (no sibh) di-bheathte".

Ma bheir cuideigin drama dhut, can, "Slàinte mhath," mus gabh thu deoch. Na can, "Am faigh mi tè mhòr?"

Ma tha thu ag iarraidh rudeigin, faodaidh tu, "Mas e do thoil e," no, "Mas e ur toil e," a ràdh. "Am faigh mi pinnt bainne, mas e ur toil e?" Na can, "Thoir dhomh pinnt bainne." Bidh daoine ag ràdh, "Mas e do thoil e," ann an cuid de shuidheachaidhean foirmeil, ach bhiodh e a cheart cho math dìreach faighneachd airson rud ann an dòigh a tha modhail agus càirdeil.

Ma bhuaileas tu ann an duine, can, "Gabh mo leisgeul," no, "Gabhaibh mo leisgeul," no, "Tha mi duilich." Na can, "Gluais."

Cuideachd, thoir an aire leis na facail "cailleach" agus "bodach" . Na faighnich do chroitear cò mheud caora a th' aige. Dùin geataichean. Agus na teirig - mar bhoireannach air Taobh Siar Leòdhais uaireigin - dhan eaglais ann am bikini. Bhiodh facal aig daoine.

Nuair a bhios tu a' leigeil soraidh le duine, can, "Mar sin leat (no leibh)" , "Dia leat (no leibh)" no, "Tìoraidh."

Mus fhalbh mise, bheir sinn sùil air cuid de na facail is abairtean a chleachd mi. Agus cuimhnich, lean a' chomhairle a thug mi dhut agus bidh thu ceart gu leòr.

B' àill leibh?
Mura cluinn thu rudeigin ceart, can, "B' àill leibh?"

'S e do bheatha
Ma bheir iad taing dhutsa, can "'S e do bheatha," no, "'S e ur beatha," no, "Tha thu (no sibh) di-bheathte."

Mas e ur toil e
Ma tha thu ag iarraidh rudeigin, faodaidh tu, "Mas e do thoil e," no, "Mas e ur toil e," a ràdh. Am faigh mi pinnt bainne, mas e ur toil e?

Gabh mo leisgeul
Ma bhuaileas tu ann an duine, can, "Gabh mo leisgeul," no, "Gabhaibh mo leisgeul."

Mar sin leat
Nuair a bhios tu a' leigeil soraidh le duine, can, "Mar sin leat (no leibh)", "Dia leat (no leibh)" no, "Tìoraidh."

Sin e. Mar sin leat.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!