FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Manners Modh

Manners: the difference between “thu” and “sibh” Modh: an diofar eadar “thu” is “sibh”.

Video is playing in pop-over.

Modh

Presenter: Derek MacAoidh (Derek MacKay)

[DEREK] Ciamar a tha thu? No, am bu chòir dhomh a ràdh, ciamar a tha sibh? Bidh sinn ag ràdh "thu" anns a' Ghàidhlig nuair a tha sinn a' bruidhinn ri aon duine agus "sibh" nuair a tha sinn a' bruidhinn ri barrachd air aon duine. Ach, bidh sinn cuideachd ag ràdh "sibh" ri aon duine nuair a tha sinn airson spèis a shealltainn dha no dhi.

Chan eil fios agamsa cò thu - no sibh - ach cumaidh mi orm le thu, ma dh'fhaodas mi. Ach, ma tha fios agad cò ris a tha thu a' bruidhinn, bu chòir beachd a bhith agad an e "thu" no "sibh" a bu chòir dhut a ràdh.

Can gu bheil fireannach òg - gabhaidh sinn Dòmhnall air - a' coinneachadh ri ministear eaglaise a tha còrr air 60 bliadhna a dh'aois, air an gabh sinn an tUrramach Coinneach MacLeòid. Chan eil Dòmhnall ro eòlach air an Urramach MacLeòid. Dè bu chòir dha a ràdh nuair a choinnicheas e ris?

A) Halò a Choinnich. Ciamar a tha thu?

No:

B) Halò a Mhaighstir MhicLeòid. Ciamar a tha sibh?

Obh obh. Nan canadh Dòmhnall A, bhiodh daoine ag ràdh gur e meaban a bh' ann - sin duine òg mì-mhodhail. Tha A dàna, leis gu bheil Dòmhnall a' cleachdadh a' chiad ainm aig an Urramach MacLeòid agus ag ràdh "thu". Tha B tòrr nas fheàrr. Bhiodh Dòmhnall a' cuimhneachadh air aois a' mhinisteir agus air an dreuchd aige.

Bidh daoine ag ràdh "sibh" nuair a tha iad a' bruidhinn ri duine nas sine na iad fhèin. B' àbhaist do dhaoine cuideachd a bhith ag ràdh "sibh" ri daoine aig an robh àite sònraichte anns a' choimhearsnachd, ged a bhiodh iad fhèin na bu shine na an fheadhainn a bha a' faighinn urram. Chan eil sin cho cumanta andiugh, ach bidh daoine fhathast a' toirt urram dhan aois.

Ach, dè cho sean a bharrachd ort fhèin a dh'fheumas daoine a bhith mus can thu "sibh" riutha? Mura h-eil iad mòran nas sine, dh'fhaodadh tu "sibh" a ràdh gus an cuir thu beagan eòlais orra is "thu" a ràdh an uair sin. Cha bhiodh cus diofair ann nan canadh tu "thu" bho thùs ged-tà.

Ach, le daoine a tha tòrr nas sine - fichead bliadhna no barrachd - feuch gun cleachd thu "sibh" nuair a choinnicheas tu riutha. Agus, 's dòcha gum biodh e na b' fheàrr "sibh" a ràdh fiù 's nuair a tha thu eòlach orra. Tha mi ag ràdh 's dòcha, oir tha cuid nas dèidheile air "thu", agus dh'fhaodadh iad iarraidh ort sin a ràdh. Tha "thu" neo-fhoirmeil.

Na gabh dragh ged-tà ma chanas tu "thu" ri duine a tha airidh air "sibh". Mura còrd e riutha, can gu bheil iad a' coimhead cho òg 's nach do smaoinich thu air "sibh" a ràdh.

Tapadh leat - no leibh - airson èisteachd. Bheir sinn sùil air cuid de na facail a bh' agam a-nis.

Spèis.

Bidh sinn cuideachd ag ràdh "sibh" ri aon duine nuair a tha sinn airson spèis a shealltainn dha no dhi.

Mì-mhodhail.

Bhiodh daoine ag ràdh gur e meaban a bh' ann - sin duine òg mì-mhodhail.

Urram.

Bidh daoine fhathast a' toirt urram dhan aois.

Neo-fhoirmeil.

Tha "thu" neo-fhoirmeil.

Airidh. (chan e àirigh, neo àraidh.)

Na gabh dragh ged-tà ma chanas tu "thu" ri duine a tha airidh air "sibh".

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!