FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What's the Time? Dè an Uair a tha e?

How to talk about what time it is. Dè an uair a tha e?

Video is playing in pop-over.

Dè an uair a tha e?

Presenter: Derek MacAoidh (Derek MacKay)

[DEREK] Tha cuid ag ràdh nach eil mi math air èirigh, ach tha mi fhìn dhen bheachd gu bheil mi fìor mhath air cadal.

Co-dhiù, tha mi a' cur feum air trì uidheaman dùsgaidh. Tha fòn-làimhe agam a bhios a' bìogail. Tha gleoc didseatach agam a bhios a' cluich an radio agus a' bìogail. Agus, tha seann ghleoc bhuidhe le dà chlag agam a bhios a' glaodhraich.

Bidh mi gan cur a dhol eadar aon uair deug a dh' oidhche agus dà reug (dà uair dheug) - meadhan-oidhche. Bidh mi a' cur uair dhan fhòn - can cairteal às dèidh seachd. Bidh an gleoc didseatach a' faighinn dà uair - leth-uair às dèidh seachd, can, agus còig mionaidean fichead gu ochd. Bidh an seann ghleoc a' dol gu deich mionaidean às dèidh ochd - daonnan.

Mar as tric, chan obraich am fòn. Uaireannan, bidh mi ga chur dheth na mo leth-chadal. Bidh an gleoc didseatach ag obrachadh, ach tha putan air a tha cunnartach - putan mòr tha ag iarraidh orm norrag bheag a ghabhail - deich mionaidean no cairteal na h-uaireach. Agus, mar as trice, bidh mi a' gabhail norraig. Nach dèan dà fhichead mionaid a' chùis airson dèanamh deiseil? Neo leth-uair a thìde? Neo deich mionaidean? Cò a smaoinich air a' phutan ud? An ath rud, cuiridh mi an gleoc didseatach dheth le putan eile agus bidh e an urra ris an t-seann ghleoc mo chur an àirde.

Aig deich mionaidean às dèidh ochd, air an diog, dùisgidh an t-òrd beag a tha eadar an dà chlag agus bidh an gleoc aosda a' gliongartaich gu socair ... mus tòisich e a' glagadaich. Mu dheireadh, bidh e a' gliongartaich, a' glagadaich agus a' glaodhraich. Chan eil putan air airson norraig no càil eile. Chan eil an gleoc aosda airson càil a dhèanamh ach mo dhùsgadh, agus leis gu bheil e còig troighean air falbh bhon leabaidh, bidh agam ri èirigh is dùsgadh gu ceart airson a chur dheth. 'S math gu bheil e ann.

'S e nàmhaid, canaidh cuid, a th' ann an tìm, ach 's e fìor charaid a th' anns an t-seann ghleoc bhuidhe leis an dà chlag.

Bheir sinn sùil air cuid dhe na facail is abairtean a chleachd mi.

Bìogail. Tha fòn-làimhe agam a bhios a' bìogail.

Glaodhraich. Agus, tha seann ghleoc bhuidhe le dà chlag agam a bhios a' glaodhraich.

Dà reug (dà uair dheug). Bidh mi gan cur a dhol eadar aon uair deug a dh'oidhche agus dà reug (dà uair dheug) - meadhan-oidhche.

Cairteal. Bidh mi a' cur uair dhan fhòn - can cairteal às dèidh seachd.

Didseatach. Bidh an gleoc didseatach a' faighinn dà uair - leth-uair às dèidh seachd, can, agus còig mionaidean fichead gu ochd.

Air an diog. Aig deich mionaidean às dèidh ochd, air an diog, dùisgidh an t-òrd beag a tha eadar an dà chlag ...

Nàmhaid. 'S e nàmhaid, canaidh cuid, a th' ann an tìm, ach 's e fìor charaid a th' anns an t-seann ghleoc bhuidhe leis an dà chlag.

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!