FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Place names 3 Ainmean-àite 3

Place names (part 3). The genitive case of plurals. Ainmean-àite 3. An tuiseal ginideach iolra.

Video is playing in pop-over.

Ainmean-àite 3

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Fàilte. Bheir sinn sùil air ainmean-àite agus chì sinn mar a bhios ainmearan iolra ag atharrachadh annta.

An toiseach, ge-tà, dè tha iolra a' ciallachadh? Ma tha aon rud ann, 's e sin singilte. Ma tha còrr is aon rud ann, 's e sin iolra.

Tha trì dòighean ann air ainmearan iolra a dhèanamh anns a' Ghàidhlig, mar eisimpleir, le bhith a' cur "i" a-steach: "an seileach" agus "na seilich"; le bhith a' cur "-an" ris an fhacal: "a' mhuc" agus "na mucan"; agus le bhith a' cur rudeigin eile ris an fhacal: "am bràthair" agus "na bràithrean".

Co-dhiù, bheir sinn sùil air a' chiad sheòrsa de dh'ainmear, far a bheil "i" a' dol asteach. Eadar Inbhir Nis agus Loch Carrann, tha àite ann far a bheil craobhan gu leòr a' fàs. Am measg nan craobhan tha seilich. 'S e craobhan beaga ìseal a tha anns na seilich, agus tha stèisean ann far a bheil iad a' fàs, agus 's e Achadh nan Seileach an t-ainm a th' air. Chì sinn gur e "nan" a th' againn eadar an dà ainmear, agus nach eil an "i" ann tuilleadh.

Bheir sinn sùil a-nis air an dàrna seòrsa, far a bheil "-an" a' dol aig an deireadh. Faisg air Malaig, tha eilean beag ris an canar Eilean nam Muc. Chan eil sinn cinnteach dè na mucan a tha seo, an e mucan fhèin a th' ann no an e mucanmara, ach chì sinn anns an ainm gu bheil an t-ainmear iolra "na mucan" a' dol gu "nam muc". A rèir gràmar na Gàidhlig, bhiodh e ceart gu leòr Eilean nam Mucan a ràdh, ach 's e Eilean nam Muc a chanas a h-uile duine. Tha an t-ainm seo a' sealltainn gum faod sinn "-an" a chumail no fhàgail às anns an t-suidheachadh seo. Chan eil e gu diofar.

Mu dheireadh chì sinn an treas seòrsa, far a bheil rudeigin eile a' tachairt aig deireadh an ainmeir iolra. Bidh sibh eòlach air an fhacal "na bràithrean", agus ann an Ceann Loch Goibhle tha seann eaglais leis an ainm Cill nam Bràithrean. Feumaidh sinn an t-ainmear iolra a chumail mar a bha e, ach bidh an t-alt a' dol bho "na" gu "nan" no "nam".

Agus tha seo a' togail ceist: cuin a chanas sinn "nan" agus cuin a chanas sinn "nam"? Chan eil seo doirbh: ma thòisicheas an dàrna ainmear le "b", "f", "m" no "p", canaidh sinn "nam". Tha e nas fhasa. Nach fheuch sibh fhèin ri Eilean nan Muc a ràdh agus an uair sin Eilean nam Muc? Agus Cill nan Bràithrean agus an uair sin Cill nam Bràithrean. Tha e nas fhasa nam a ràdh, nach eil?

Uill, sin e an-dràsta. Mar sin leibh.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!