FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Place names 2 Ainmean-àite 2

Place names (part 2). The genitive case and feminine singular nouns. Ainmean-àite 2. An tuiseal ginideach agus ainmearan boireann singilte.

Video is playing in pop-over.

Ainmean-àite 2

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Fàilte. Coimheadaidh sinn air ainmean-àite agus chì sinn mar a bhios ainmearan boireann ag atharrachadh annta.

Am measg nan ainmearan a chì sinn, tha "an annaid". 'S e seann eaglais chudromach a th' ann an annaid. Deas air Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach, tha baile beag leis an ainm Achadh na h-Annaid - no Achadh na h-Annaide ma tha sibh airson a bhith buileach ceart. An cuala sibh mar a tha "an annaid" eadardhealaichte ann an Achadh na h-Annaid, agus gu h-àraidh ann an Achadh na hAnnaide?

Bidh sibh eòlach air an fhacal "a' chraobh", ach an aithne dhuibh baile beag ann an Lodainn, faisg air Dùn Èideann, leis an ainm Baile na Craoibhe? Tha "a' chraobh" a' dol gu "na craoibhe" anns an ainm. Bidh ainmearan boireann a' cumail ris a' phàtran seo mar as trice ann an suidheachaidhean mar seo. Mura bi an litir "i" faisg air deireadh an ainmeir, feumaidh sinn a cur a-steach, agus ma tha am facal car goirid, feumaidh sinn an litir "e" a chur aig an deireadh. Mar sin, bidh "a' chraobh" a' dol gu "na craoibhe". An cuala sibh cuideachd mar a tha an t-alt? Achadh na h-Annaid agus Baile na Craoibhe.

Tha eisimpleirean gu leòr eile ann. Ma tha sibh eòlach air Loch Nis, tha fhios gu bheil sibh eòlach air a' bhaile bheag air bruach an locha leis an ainm Druim na Drochaid. Chì sinn an drochaid an sin fhathast, agus cluinnidh sinn mar a tha "an drochaid" a' dol gu "na drochaid". Ma tha sibh airson a bhith buileach ceart agus buileach traidiseanta, faodaidh sibh Druim na Drochaide a ràdh, leis an litir "e" aig an deireadh, ach tha "na drochaid" fhèin fada gu leòr mar fhacal mar-thà. Chan fheum sinn a dhèanamh nas fhaide.

Faodaidh sinn fuireach faisg air Druim na Drochaid, agus smaoineachadh air a' chaisteal ainmeil a tha fon rathad eadar Inbhir Nis agus an Gearasdan. Tha an caisteal na shuidhe air sròn - pìos fearainn a tha a' stobadh a-mach dhan loch. Ma choimheadas sibh sìos bhon rathad, chì sibh an t-sròn agus an caisteal. Anns a' Ghàidhlig 's e Caisteal na Sròine an t-ainm a th' air, agus cluinnidh sinn mar a tha "an t-sròn" a' dol gu "na sròine".

Anns an dealachadh, 's dòcha gu bheil sibh a' faighneachd cò às a thàinig an litir "h" ann an Achadh na h-Annaid. Uill, ma thòisicheas an dàrna ainmear le fuaimreag ("a", "e", "i", "o", no "u"), cuiridh sinn "h" a-steach eadar "na" agus an dàrna ainmear. Tha e nas fhasa a ràdh. Nach fheuch sibh fhèin ri Achadh na Annaid a ràdh agus an uair sin Achadh na h-Annaid? Tha e nas fhasa leis an "h", nach eil?

Sin e an-dràsta ma-thà. Mar sin leibh.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!