FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Place names 1 Ainmean-àite 1

Place names (part 1). The genitive case and masculine singular nouns. Ainmean-àite 1. An tuiseal ginideach agus ainmearan fireann singilte.

Video is playing in pop-over.

Ainmean-àite 1

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Fàilte. Bidh sinn a' coimhead air ainmean-àite agus chì sinn mar a bhios ainmearan ag atharrachadh ann an ainmean-àite.

Ach an toiseach, dè th' ann an ainmear? Uill, 's e ainm rud air no duine a th' ann.

Am measg nan ainmearan a chì sinn an seo, tha "am bealach". 'S e slighe eadar dà bheinn no dà mhonadh a th' ann am bealach. Tha baile beag ann an Earra-Ghàidheal faisg air bealach. Uaireigin cha robh ach aon taigh ann, agus 's e Taigh a' Bhealaich an t-ainm a th' air fhathast. An cuala sibh mar a tha "am bealach" eadar-dhealaichte ann an Taigh a' Bhealaich? "Am bealach", ach "a' bhealaich".

Bidh a' chuid mhòr de dh' ainmearan fireann a' dèanamh seo, mar eisimpleir: "am pùball" a' dol gu "a' phùbaill", ann an Achadh a' Phùbaill, baile beag ann an Loch Abar. Tha an aon rud a' tachairt le "am manach". 'S e Baile a' Mhanaich an t-ainm a th' air baile ann am Beinn nam Fadhla. Tha "am manach" a' dol gu "a' mhanaich".

Sin mar a tha ainmearan fireann a' tòiseachadh le "b", "p" or "m" a' dol, ach dè mu dheidhinn ainmearan fireann a' tòiseachadh le litrichean eile?

Seo "an cladach" a' tòiseachadh le "c". Ann an Ìle tha taigh-staile leis an ainm Bruach a' Chladaich, agus is cinnteach gun cuala sibh an diofar eadar "an cladach" agus "a' chladaich". Ann am Bòid, tha baile beag leis an ainm, Ceann a' Gharaidh, far a bheil "an garadh" a' dol gu "a' gharaidh", dìreach mar a chaidh "an cladach" gu "a' chladaich" ann am Bruach a' Chladaich.

Seo a-nis ainmearan a' tòiseachadh le fuaimreag: "a", "e", "i", "o", no "u". Bidh sibh eòlach air an ainmear, "an t-aiseag", agus tha e a' nochdadh ann an Àird an Aiseig ann an Earra-Ghàidheal. "An t-aiseag" a' dol gu "an aiseig". Agus seo eisimpleir eile: "an t-aonach" a' dol gu "an aonaich" ann an Taigh an Aonaich faisg air Inbhir Pheofharain.

Tha "f" eadar-dhealaichte. Tha "am fàn" a' dol gu "an fhàin", mar a chluinneas sinn ann am Baile an Fhàin faisg air Inbhir Nis.

Agus bidh "s" eadar-dhealaichte cuideachd mar as trice. Mar eisimpleir, tha "an sìthean" a' dol gu "an t-sìthein", mar a chì sinn ann an Sròn an t-Sìthein agus Àird an t-Sìthein.

Tha na litrichean eile fada nas sìmplidhe: "d", "t", "l", "n", "r", "sg", "sm", "sp", "st". Cha bhi toiseach an ainmeir ag atharrachadh idir, ach bithidh an deireadh. Seo eisimpleir no dhà: "an dùn" a' dol gu "an dùin" ann an Loch an Dùin; "an rathad" a' dol gu "an rathaid" ann an Taigh an Rathaid agus "an sgitheach" a' dol gu "an sgithich" ann am Machair an Sgithich.

Chì sinn ainmearan boireann a-rithist. Mar sin leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!