FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Past Events Tachartasan a tha Seachad

Past events. (The perfect tense and nouns.) Tachartasan a tha seachad. (An tràth coileanta le ainmear.)

Video is playing in pop-over.

Tachartasan a tha seachad

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Tha fear às an Fhraing a' dèanamh deiseil gus an Cuan Sèimh a shnàmh. 'S dòcha gum bi e air a dhèanamh mus fhaic thu am bhidio seo. Tha Benoît Lecomte air an Cuan Siar a shnàmh mu thràth - ann an 1998. B' e a' chiad duine a rinn sin gun uidheam airson a chumadh air bhog. B' e fìor euchd a bha sin.

Tha mac an duine air coiseachd air a' ghealaich. Shreap daoine na beanntan as àirde anns an t-saoghal agus tha daoine air mòran dhe na h-aibhnichean as fhaide a shnàmh. Ràinig daoine am Pòla a Tuath agus am Pòla a Deas. Tha mòran air a dhol timcheall an t-saoghail - nan cois, air baidhsagalan agus ann an iomadach dòigh eile. Leis an sin, tha e a' fàs nas dorra do dhaoine euchdan a dhèanamh nach deach a dhèanamh roimhe no àiteachan ùra a lorg.

Lorg maraichean ainmeil mar Vasco da Gama agus Crìsdean Columbus dùthchannan ùra, ach tha an saoghal gu tur eadar-dhealaichte a-nis. Càite an tèid Columbus an latha an-diugh? Fon talamh, ann an uaimhean? Bidh gu leòr annta nach deach a lorg fhathast. Fon mhuir? Tha creutairean ùra fhathast gan lorg ann an doimhneachd a' chuain. Tha iomadach annas air grunnd na mara. No anns na speuran - air Mars? Uaireigin 's dòcha, ach cha tachair sin airson deagh ghreis.

Bidh daoine a tha airson siubhal no euchdan a dhèanamh an-diugh mar as trice a' dèanamh rudan a rinn daoine eile mu thràth ... ann an dòighean eadardhealaichte. Tha mòran air slighean ùra a ghabhail suas na beanntan àrda - agus tha slighean air fhàgail fhathast. Tha cuid eile air a bhith a' sgitheadh sìos na beanntan sin.

Nochd a' cheist seo mu euchdan ùra air-loidhne. Bha cuideigin a' moladh a dhol timcheall an t-saoghail air each. Thuirt neach eile gu faodadh duine coiseachd air grunnd na mara eadar Sasainn agus an Fhraing le èideadh dàibheir orra. Cha do rinn duine sin fhathast - cha do rinn co-dhiù nuair a chaidh am bhidio seo a chlàradh.

Bheir sinn sùil air cuid dhe na facail agus abairtean a chleachd mi.

An Cuan Siar
Tha Benoît Lecomte air an Cuan Siar a shnàmh mu thràth - ann an 1998.

euchd
B' e fìor euchd a bha sin.

mac an duine
Tha mac an duine air coiseachd air a' ghealaich.

Pòla a Tuath
Ràinig daoine am Pòla a Tuath agus am Pòla a Deas.

doimhneachd
Tha creutairean ùra fhathast gan lorg ann an doimhneachd a' chuain.

slighean
Tha mòran air slighean ùra a ghabhail suas na beanntan àrda - agus tha slighean air fhàgail fhathast.

sgitheadh
Tha cuid eile air a bhith a' sgitheadh sìos na beanntan sin.

air-loidhne
Nochd a' cheist seo mu euchdan ùra air-loidhne.

grunnd na mara
Thuirt neach eile gu faodadh duine coiseachd air grunnd na mara eadar Sasainn agus an Fhraing le èideadh dàibheir orra.

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!