FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A Difficult Person Duine Duilich

A difficult person. (Regular verbs and the conditional tense.) Duine duilich. (Gnìomhairean riaghailteach agus an tràth cumhach.)

Video is playing in pop-over.

Duine Duilich

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Tha caraid agamsa a tha uabhasach duilich a riarachadh agus bha e a' fuireach còmhla rium airson oidhche bho chionn ghoirid. Tha mi an dòchas nach fhaic mi an duine duilich a tha seo airson deagh ghreis - agus ma tha e gam choimhead andràsta tha mi an dòchas gum bi e a' faireachdainn gu math ciontach.

Nuair a thig e gu biadh, tha e nas miosa na naoidhean. An còrdadh iasg ris? Cha chòrdadh. Cha robh e a-riamh dèidheil air iasg, agus bha còir fios a bhith agam air an sin. Chan fhulaingeadh e fiùs fàileadh èisg, bha e ag ràdh.

An gabhadh e curaidh? Cha ghabhadh. Tha e trom air a stamaig.

An itheadh e biadh Sìneach? Chan itheadh. Thigeadh losgadh-bràghad air.

Shaoileadh tu gun dèanadh cearc a' chùis. Ach cha dèanadh. Ghabh e cearc nach robh buileach bruich uaireigin ann an Obar Bhrothaig a dh'fhàg tinn e airson seachdain. "An robh mi air dìochuimhneachadh air cearc Obar Bhrothaig?" arsa esan.

An gabhadh e pasta? Ghabhadh. Bha fios agam gun gabhadh e pasta, oir, chan fhaca mi e ag ithe mòran a-riamh ach pasta. Pasta no piotsa. Agus, ged nach robh mi ag iarraidh pasta a-muigh no a-mach, rinn mi pasta.

An òladh e leann. Chan òladh. "Chan eil mi an-diugh ro dhèidheil air leann," thuirt e.

Dh'òladh e fìon ge-tà - fìon dearg na Frainge. Dh'òladh. Uaireigin, dh'òladh e a lèine. Agus bheireadh e beachd seachad nuair a fhuair e am fìon. Thuirt e gur e fìon an t-saoghail ùir a bhios e ag òl an-diugh. "Nach e Bordeaux," arsa esan, "a chunnaic an dà latha?"

Am faigheadh e cuireadh a thighinn a dh'fhuireach còmhla rium a-rithist? Chan fhaigheadh. Och, gheibheadh; nach eil na Gàidheil ainmeil airson an cuid aoigheachd agus an cuid pasta?

Bheir sinn sùil air cuid dhe na facail agus abairtean a chleachd mi.

Chan fhulaingeadh

An còrdadh iasg ris? Cha chòrdadh. Cha robh e a-riamh dèidheil air iasg, agus bha còir fios a bhith agam air an sin. Chan fhulaingeadh e fiùs fàileadh èisg, bha e ag ràdh.

Losgadh-bràghad

An itheadh e biadh Sìneach? Chan itheadh. Thigeadh losgadh-bràghad air.

Bruich

Ghabh e cearc nach robh buileach bruich uaireigin ann an Obar Bhrothaig a dh'fhàg tinn e airson seachdain.

Dìochuimhneachadh

"An robh mi air dìochuimhneachadh air cearc Obar Bhrothaig?" arsa esan.

Ghabhadh

An gabhadh e pasta? Ghabhadh Bha fios agam gun gabhadh e pasta, oir, chan fhaca mi e ag ithe mòran a-riamh ach pasta.

Fìon dearg na Frainge

Dh'òladh e fìon, ge-tà - fìon dearg na Frainge.

Dh'òladh

Uaireigin, dh'òladh e a lèine.

Cuireadh

Am faigheadh e cuireadh a thighinn a dh'fhuireach còmhla rium a-rithist?

Sin e. Mar sin leibh.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!