FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Books Leabhraichean

Books. (Future tense of regular verbs.) Leabhraichean. (Gnìomhairean riaghailteach anns an tràth theachdail.)

Video is playing in pop-over.

Leabhraichean

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Marbhaidh uidheaman leughaidh didseatach - leabhraichean-d - leabhraichean traidiseanta. Nochdaidh am beachd seo tric is minic an-diugh, nach nochd?

Tha leabhraichean-d grinn agus goireasach agus gabhaidh iad na mìltean de leabhraichean. Tha fear agam. Togaidh mi orm gu trèana no bus leis an leabhard na mo phòcaid. Nam bithinn airson a' cheart uimhir de leabhraichean traidiseanta a thoirt leam, bhithinn feumach air bhan.

Tha an sgrìon a th' air an leabhar-d snog agus furasta a leughadh; leughaidh tu leabhar-d airson ùine mhòr agus chan fhàs do shùilean goirt. Òrdaichidh tu leabhraichean ùra air an inneal fhèin cuideachd. Gabhaidh a cheangail ris an eadar-lìon. Gheibh thu mòran seann leabhraichean saor an asgaidh airson leabhraichean-d - leabhraichean ainmeil clasaigeach.

A thuilleadh air an sin, tha e a' toirt cothrom do sgrìobhadairean nach fhaigh air obair a chur ann an clò an cuid sgrìobhaidh fhoillseachadh gu didseatach.

Ach, am faigh an leabhar traidiseanta bàs? Ruithidh leabhar-d a-mach à cumhachd - agus cha tachair sin le leabhar. Cuideachd, bidh gu leòr nas dèidheile air a bhith a' làimhseachadh leabhraichean. A thuilleadh air an sin, còrdaidh dreach leabhraichean ri daoine - an còmhdach is eile.

Tha mi cinnteach gun robh daoine ag ràdh gun cuireadh an telebhisean às do rèidio. Cha do thachair sin. Cha do chuir telebhisean no rèidio às do leabhraichean a bharrachd - agus 's iongantach gu marbh an leabhar-d an leabhar. Chan eil fhios nach dèan e feum dhan leabhar agus do sgrìobhadh ma bhios barrachd dhaoine a' leughadh. Faodaidh na diofar meadhanan a bhith a' neartachadh a chèile.

Sin e. Bheir sinn sùil air cuid dhe na facail agus abairtean a chleachd mi.

traidiseanta

Marbhaidh uidheaman leughaidh didseatach - leabhraichean-d - leabhraichean traidiseanta.

tric is minic

Nochdaidh am beachd seo tric is minic an-diugh, nach nochd?

goireasach

Tha leabhraichean-d grinn agus goireasach agus gabhaidh iad na mìltean de leabhraichean.

togaidh

Togaidh mi orm gu trèana no bus leis an leabhar-d na mo phòcaid.

sgrìon

Tha an sgrìon a th' air an leabhar-d snog agus furasta a leughadh; leughaidh tu leabhar-d airson ùine mhòr agus chan fhàs do shùilean goirt.

òrdaichidh

Òrdaichidh tu leabhraichean ùra air an inneal fhèin cuideachd.

ann an clò

A thuilleadh air an sin, tha e a' toirt cothrom do sgrìobhadairean nach fhaigh air obair a chur ann an clò an cuid sgrìobhaidh fhoillseachadh gu didseatach.

ruithidh

Ruithidh leabhar-d a-mach à cumhachd - agus cha tachair sin le leabhar.

còrdaidh

A thuilleadh air an sin, còrdaidh dreach leabhraichean ri daoine - an còmhdach is eile.

meadhanan

Faodaidh na diofar meadhanan a bhith a' neartachadh a chèile.

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!