FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sport Spòrs

Sport. (The verbal noun and plural nouns). Spòrs. (An ainmear gnìomhaireach agus ainmearan iolra.)

Video is playing in pop-over.

Spòrs: an Tour de France

Presenter: Angela Mackay

[ANGELA] 'S iongantach gu bheil mòran rudan ann an spòrs cho duilich ris an Tour de France, agus 's e fir a tha fìor làidir a bhios an sàs ann.

B' ann ann an 1910 a chaidh an Tour de France dha na beanntan àrda an toiseach. Bha an duine a bha ag ullachadh na rèis aig mullach beinne a' coimhead nam fear, is iad a' strì. Thuirt an duine a bhuannaich ris: "a mhurtair".

Bha na baidhsagalan uabhasach trom an uair sin, agus cha robh orra ach aon ghèar. Nan deigheadh càil ceàrr, dh'fheumadh an luchd-spòrs fhèin a bhith a' càradh nam baidhsagalan.

Ach, bidh an oidhirp a tha daoine a' dèanamh an-diugh a cheart cho mòr. Thuirt fear eile a bhuannaich an turas mu bhith rèiseadh: "Chan eil e a' fàs càil nas fhasa - tha thu dìreach a' fàs nas luaithe".

'S dòcha gu bheil an aon rud fìor mun turas fhèin. An-diugh, tha an turas a' dol airson trì seachdainean agus tha e còrr air dà mhìle mìle a dh'fhaid. Chan eil fhios cò ris a tha e coltach dhan luchd-baidhsagail a bhith a' coimhead nan rathaidean - mìltean mòra air am beulaibh - gun luaidh air a bhith a' dìreadh nam beann!

Bidh e uaireannan gu math teth air na rathaidean ìosal, ach ged a tha an turas a' gabhail àite as t-samhradh, 's urrainn dhan t-sìde fàs cho fuar anns na beanntan 's gum bi i a' cur an t-sneachda.

Tha farpais ann airson lèintean - lèine bhuidhe airson an duine as fheàrr uile gu lèir, lèine uaine airson an duine a gheibh an àireamh as motha de chomharran agus lèine spotach, a bhios a' dol chun an duine as fheàrr anns na beanntan.

'S e aon duine a-riamh a fhuair na trì lèintean anns an aon bliadhna - Eddy Merckx às a' Bheilg. Bhuannaich Merckx an turas gu lèir còig trupan.

Bha an t-Ameireaganach Lance Armstrong na bu shoirbheachaile buileach. Bhuannaich esan seachd tiotalan an sreath a chèile. Bha casaidean a' nochdadh na aghaidh co-cheangailte ri drugaichean airson bhliadhnaichean, agus nuair a thuirt e nach biodh e a' sabaid nan casaidean tuilleadh, nochd an naidheachd gun robh e a' call nan tiotalan.

Tha drugaichean air a bhith timcheall bho thòisich an turas, agus tha iad air cuid a mharbhadh. Thuirt fear de ghaisgich na spòrs anns an linn mu dheireadh, Fausto Coppi, gun robh e a' gabhail uiread de philichean 's gum biodh a chasan a' dol mun cuairt an taobh ceàrr.

Tha dòchas ann nach eil drugaichean cho cumanta an-diugh, gu bheil an spòrs a' fàs nas glaine, agus gun tòisich linn ùr às dèidh cùis Armstrong. 'S e tìde a dh'innseas an tachair sin.

Sùil air ais

Fir

A' coimhead nam fear.

Baidhsagalan

A bhith a' càradh nam baidhsagalan.

Rathaidean

A bhith a' coimhead nan rathaidean.

Beanntan

A bhith a' dìreadh nam beann.

Casaidean

Thuirt e nach biodh e a' sabaid nan casaidean.

Tiotalan

Thàinig an naidheachd gun robh e a' call nan tiotalan.

Sin e. Mar sin leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!