FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Buildings Togalaichean

Buildings (genitive sequences). Togalaichean (sreathan ginideach).

Video is playing in pop-over.

Togalaichean

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Fàilte. Is toigh leam Dùn Èideann, agus, chan eil mi nam aonar.

Bidh mòran luchd-turais a' tadhal air togalaichean ainmeil prìomh bhaile na hAlba. Chan eil gin aca cho ainmeil ris a' chaisteal. Bha sabaid gu leòr aig ballaichean Caisteal Dhùn Èideann thar nam bliadhnaichean. Chan eil saighdearan an latha an-diugh cho eagalach ged-tà. Tha brag aig gunna mòr a' chaisteil, ach cha dèan e cron air duine. Bidh an gunna ag innse gu bheil e uair feasgar.

Tha an caisteal aig ceann na Mìle Rìoghail, far a bheil mòran bhùithtean anns a bheil gnothaichean tartain. Bidh an t-sràid seo a' cur thairis le luchd-turais.

Tha Lùchairt Holyrood aig a' cheann eile dhen Mhìle Rìoghail. Bidh an Teaghlach Rìoghail a' fuireach an seo uaireannan.

Tha togalach cudromach eile faisg air làimh nach eil cho aosta. Seo sinn aig togalach Pàrlamaid na h-Alba. Tha cuid ag ràdh gu bheil a' Phàrlamaid grànda, ach tha daoine eile gu math dèidheil oirre. Dè ur beachd fhèin? Tha Buill Phàrlamaid Albannach air a bhith a' cruinneachadh an seo bho 2004. Roimhe sin, bha iad aig Talla Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba. Tha Seann Bhaile agus Baile Ùr ann an Dùn Èideann.

Chaidh am Baile Ùr a thogail anns an 18mh linn, seach gun robh cus dhaoine a' fuireach anns an t-Seann Bhaile. An-diugh, tha an dà sgìre air an dìon le UNESCO.

Tha Àrd-Oifis Banca na h-Alba ann an Dùn Èideann. 'S e an dàrna banca as sine san t-saoghal. Bidh thu feumach air gu leòr airgid ma thig thu an seo aig cuid a dh'amannan dhen bhliadhna. Air Oidhche Challainn, bidh cuirm mhòr sràide anns a' bhaile, agus anns an Lùnastal, bidh Fèis Dhùn Èideann a' gabhail àite. Seo fear de thallaichean-cluiche a' bhaile. Bidh tòrr a' dol an seo aig àm na Fèise.

Tha cliù aig Dùn Èideann cuideachd airson foghlam agus sgrìobhadh. Seo sinn aig Oilthigh Dhùn Èideann, fear de phrìomh oilthighean Bhreatainn. Agus tha litreachas cudromach dhan bhaile. Tha sàr sgrìobhadairean air a bhith a' fuireach ann an Dùn Èideann agus tha ainm stèisean-rèile Waverley a' tighinn bho nobhail le Sir Bhatair Scott.

'S ann aig stèisean Waverley a tha sinn a' fàgail Dhùn Èideann. Bheir sinn sùil anis air cuid dhe na facail a bh' againn.

prìomh bhaile na h-Alba

togalaichean ainmeil prìomh bhaile na h-Alba

Caisteal Dhùn Èideann

Aig ballaichean Caisteal Dhùn Èideann

gunna mòr

Tha brag aig gunna mòr a' chaisteil.

Pàrlamaid na h-Alba

Seo sinn aig togalach Pàrlamaid na h-Alba.

Àrd-Sheanadh

aig Talla Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba

Oidhche Challainn

Air Oidhche Challainn, bidh cuirm mhòr sràide anns a' bhaile.

Oilthigh Dhùn Èideann

fear de phrìomh oilthighean Bhreatainn


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!