FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Canal An Canàl

The canal (regular verbs in the past tense). An canàl (gnìomhairean riaghailteach anns an tràth chaithte.)

Video is playing in pop-over.

An Canàl

Presenter: Derek MacAoidh (Derek MacKay)

[DEREK] Choinnich mi ri fear à Nirribhidh bho chionn bliadhna a bha ann am bàta ann an teis-mheadhan na h-Alba. Dh'innis e dhomh gun robh e a' seòladh dhan Charribean, agus feumaidh mi a ràdh gun do chuir sin iongnadh mòr orm. Oir, bidh thu a' dìochuimhneachadh gum faigh daoine air seòladh tron dùthaich, fiùs ann an soitheach a bheir gu ceann eile an t-saoghail iad. Bha mi aig a' Chanàl Chailleannach.

Tha an canal a' dol bhon ear chun iar tron Ghleann Mhòr - bho Inbhir Nis chun na Corpaich, a tha faisg air a' Ghearasdan. 'S e an treas cuid dheth a th' air a dhèanamh le mac an duine. Tha e a' dol tro ceithir lochan mòra: Loch Dhabhach a' Phùir, Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh.

Dhealbhaich an t-innleadair ainmeil, Tòmas Telford, an canàl aig toiseach na 19mh linn. Chaidh a chruthachadh gus nach biodh aig bàtaichean ri dhol timcheall a' chost a tuath, mun Pharbh agus tron Chaol Arcach, far am bi a' mhuir fiadhaich glè thric. Cuideachd, bha cunnartan aig muir bho nàimhdean Bhreatainn.

A thuilleadh air an sin, smaoinich an Riaghaltas gun cruthaicheadh an canàl mòran chosnaidhean air Ghàidhealtachd. Chruthaich, ach bhiodh mòran a' falbh nuair a bha obair fearainn ri dhèanamh, agus air sgàth sin, chaidh luchdobrach à Èirinn fhastadh cuideachd.

An do shoirbhich leis a' chanàl? Nuair a dh'fhosgail e ann an 1822, bha e air toirt na b' fhaide na bha dùil a thogail, chosg e tòrr a bharrachd na bhathas a' sùileachadh agus cha robh e cho domhainn sa bha Tòmas Telford ag iarraidh bho thùs. Ach, na bu mhiosa na sin, cha deach a chur gu feum mar a bha dùil. Dh'fhàs na bàtaichean a bha daoine a' cleachdadh airson luchd na bu mhotha fhad 's a bha an canàl ga thogail. Agus, nach do shoirbhich le Breatainn mu dheireadh thall an aghaidh Napoleon! Bha sin a' ciallachadh nach robh na cuantan cho cunnartach.

Cha do shoirbhich leis gu coimearsalta idir, ach tha e a' tàladh mòran luchdturais is e a' dol tro chuid dhe na sgìrean as bòidhche de dh'Alba. Agus, a cuimhneachadh air fear Nirribhidh is e a' dèanamh air Seimeuca, tha e duilich a ràdh gun do dh' fhàillig a' phròiseict.

Bheir sinn sùil air cuid dhe na facail is abairtean a chleachd mi.

Teis-mheadhan. Choinnich mi ri fear à Nirribhidh bho chionn bliadhna a bha ann am bàta ann an teis-mheadhan na h-Alba.

Iongnadh. Dh'innis e dhomh gun robh e a' seòladh dhan Charribean, agus feumaidh mi a ràdh gun do chur sin iongnadh mòr orm.

Dhealbhaich. Dhealbhaich an t-innleadair ainmeil, Tòmas Telford, an canàl aig toiseach na 19mh linn.

Cosnaidhean. A thuilleadh air an sin, smaoinich an Riaghaltas gun cruthaicheadh an canàl mòran chosnaidhean air Ghàidhealtachd.

Obair fearainn. Chruthaich, ach bhiodh mòran a' falbh nuair a bha obair fearainn ri dhèanamh.

Domhainn. Chosg e tòrr a bharrachd na bhathas a' sùileachadh agus cha robh e cho domhainn sa bha Tòmas Telford ag iarraidh bho thùs.

Shoirbhich. Nach do shoirbhich le Breatainn mu dheireadh thall an aghaidh Napoleon!

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!