FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Food, Drink and Eating Biadh, Deoch agus Ithe

Food, drink and eating (verbal nouns and feminine nouns). Biadh, deoch agus ithe (ainmear gnìomhaireach agus ainmear boireann).

Video is playing in pop-over.

Biadh, deoch agus ithe

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Taigeis, buntàta agus snèap. Bidh thu a' bruich a h-uile càil, a' pronnadh a' bhuntàta agus a' pronnadh na snèip. Agus sin e. Sin agad biadh nàiseanta na h-Alba, a bha a' còrdadh cho math ris a' bhàrd nàiseanta, Raibeart Burns.

Chan e facal snog a th' ann an taigeis. Chan eil na tha na broinn uabhasach tlachdmhor - pìosan cridhe, adha agus sgamhain. Ach, mura bi thu a' smaoineachadh air an sin, tha i glè bhlasta. Cuideachd, dh'fhaodadh biadh nàiseanta eadar-dhealaichte a bhith againn. Dh'ith an fheadhainn a chruinnich aig a' chiad Suipeir Burns ceann caorach.

Taigeis, bàrdachd, uisge-beatha agus a' phìob mhòr - sin an t-suipeir air a bheil sinn eòlach an-diugh, le còcaire a' giùlan na taigeis, cuideigin a' cluiche na pìoba agus daoine ag aithris na bàrdachd. Tha sinn a' gabhail ris gur e taigeis neo a' mharag Ghallda mar a chanas cuid - am biadh nàiseanta againn. Gheibh thu fiù 's i anns na bùithtean èisg is shlisneagan.

Ach, dè nam biodh againn ri biadh nàiseanta ùr a thaghadh? Dè bhiodh ann? Marag eile 's dòcha - marag dhubh Steòrnabhaigh. A' mharag dhubh, measgachadh de mhin-choirce, geir, spìosraidh agus fuil ann an craiceann no nas trice an-diugh - plastaig. Mmm... Mo mhionnan, tha i math... ach tha e nas fheàrr gun a bhith ag ithe na plastaig. Tha maragan dubha eil ann, ach 's e marag dhubh Steòrnabhaigh an tè as ainmeile, agus am beachd mòrain, an tè as blasta. Carson? Tha bùidsearan Leòdhais a' cumail sin aca fhèin.

Am bradan - sin biadh a tha math agus Albannach. No dè mu dheidhinn "smokies" Obar Bhrothaig? Adag a tha sin. Bidh iad a' smocadh na h-adaig nan dòigh fhèin. Tha deagh ainm aig feòil-mhairt na h-Alba agus bithear a' reic na feòla air feadh an t-saoghail.

Bidh cuid a' fanaid is iad ag ràdh gur e "Mars Bar" air a fhraidhigeadh am biadh as fheàrr le Albannaich. Chan fhaca mi fhìn a-riamh e, agus tha mi an dòchas nach fhaic. 'S dòcha gum biodh curaidh freagarrach. 'S caomh leis a h-uile duine curaidh. Cha bhuin e dhan dùthaich seo bho thùs, ach tha beachd ann gu bheil an aon rud fìor mun taigeis. No, dh'fhaodadh sinn a dhol air ais gu ceann caorach, an rud a bha iad ag ithe aig a' chiad Suipeir Burns. Ach, càite am faigheadh tu ceann caorach le slisneagan?

Sin e. Bheir sinn sùil air cuid dhe na facail a chleachd mi.

Snèap. Snèap.

Bidh thu a' bruich a h-uile càil, a' pronnadh a' bhuntàta agus a' pronnadh na snèip.

Taigeis. Taigeis.

Còcaire a' giùlan na taigeis.

Pìob. Pìob.

Cuideigin a' cluiche na pìoba.

Bàrdachd. Bàrdachd.

Daoine ag aithris na bàrdachd.

Plastaig. Plastaig.

Mo mhionnan, tha i math... ach tha e nas fheàrr gun a bhith ag ithe na plastaig.

Adag. Adag.

Adag a tha sin.

Bidh iad a' smocadh na h-adaig nan dòigh fhèin.

Feòil. Feòil.

Tha deagh ainm aig feòil-mhairt na h-Alba agus bithear a' reic na feòla air feadh an t-saoghail.

Sin e ma-thà. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!