FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Health and Exercise Slàinte agus Eacarsaich

Health and exercise (verbal nouns and masculine nouns). Slàinte agus eacarsaich (ainmear gnìomhaireach agus ainmear fireann).

Video is playing in pop-over.

Slàinte agus Eacarsaich

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Tha a' mhòr-chuid againn a' cur seachad fada cus tìde nar suidhe. 'S dòcha gum bi sinn a' dràibheadh a dh'obair - no a' dol air trèana no a' gabhail a' bhus. Ma tha sinn ag obair ann an oifis, bidh sinn nar suidhe aig coimpiutairean.

Air ais aig an taigh, tha an telebhisean a' feitheamh rinn. Dè cho tric 's a bhios sinn air an t-sòfa fad na h-oidhche a' coimhead an telebhisein?

Chuir mise romham fàs nas fhallaine - beag air bheag. Bha mi air cuideam a chur orm agus cha robh mi a' faireachdainn ro mhath.

Rinn mi obair anns a' ghàrradh. B' e toiseach tòiseachaidh a bh' ann - agus bha am feur air fàs fada. Bha mi a' sgioblachadh eadar na lusan agus a' gearradh an fheòir.

Bha an càr gam fhàgail leisg. Chuir mi na h-iuchraichean gu aon taobh agus thòisich mi a' coiseachd an àite a bhith a' cleachdadh a' chàir. Bha mi an uair sin a' dol a-mach airson chuairtean na b' fhaide.

Tha cnoc a tha caran cas faisg air an taigh agam agus cha b' fhada gus an robh mi a' dìreadh a' chnuic gach latha. Cha robh mi a' dèanamh cus, ach bha mi a' faireachdainn mòran na b' fheàrr agus bha mi a' call cuideam.

Tha mi air cumail orm leis an eacarsaich agus bidh mi a' ruith agus a' snàmh andiugh. Canaidh dotairean gur e leigheas air leth a th' ann an eacarsaich. Tha mise a' dol leotha. Tha e math dha do chorp agus tha e a' toirt togail inntinn dhut.

Tha mi cuideachd a' toirt barrachd aire do bhiadh. Tha geir, salann agus siùcar cus dhiubh co-dhiù - dona dhut. Chan ith mi biadh le mòran geir a-nis. Chuir mi mo chùl ris an t-salann agus bidh mi a' seachnadh an t-siùcair.

Tha measan agus glasraich math dhut ged-tà. Chan eil fhios agam am bi mi a' gabhail "còig anns an latha" an-còmhnaidh, ach bidh mi a' feuchainn mo dhìcheall.

Tha iasg math agus math dhut, agus bidh mi ag ithe gu leòr èisg. Tha iasg anns a bheil ola buileach fallain - mar bhradan, sgadan agus rionnach. Ma gheibh mi rionnach, bidh mi a' ròstadh an èisg ann an spìosraidh.

Chuir siud an t-acras orm. Mus fhalbh mi, bheir sinn sùil air cuid dhe na facail a chleachd mi.

Telebhisean ... telebhisean

Dè cho tric 's a bhios sinn air an t-sòfa fad na h-oidhche a' coimhead an telebhisein?

Feur ... feur

Bha mi a' sgioblachadh eadar na lusan agus a' gearradh an fheòir.

Càr ... càr

Thòisich mi a' coiseachd an àite a bhith a' cleachdadh a' chàir.

Cnoc ... cnoc

Cha b' fhada gus an robh mi a' dìreadh a' chnuic gach latha.

Siùcar ... siùcar

Chuir mi mo chùl ris an t-salann agus bidh mi a' seachnadh an t-siùcair.

Iasg ... iasg

Ma gheibh mi rionnach, bidh mi a' ròstadh an èisg ann an spìosraidh.

Sin e. Mar sin leat an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!