FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Family An Teaghlach

Nouns for family members and how to count people. Ainmearan buill teaghlaich agus àireamhan dhaoine (dithis, triùir...).

Video is playing in pop-over.

An Teaghlach

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Fàilte. Tha sinn a' dol a thoirt sùil air na facail a th' againn air buill teaghlaich, facail mar athair, màthair, nighean, mac agus eile.

Mar as trice ann an teaghlach, bidh an t-athair, a' mhàthair agus a' chlann. Chì sibh an sin - ged a tha clann a' ciallachadh dithis no triùir no ceathrar no barrachd - gur e ainmear singilte a th' ann: a' chlann.

Ma tha clann aig na pàrantan 's dòcha gum bi mac agus nighean ann, no mic agus nigheanan ma tha teaghlach mòr aca. A bharrachd air an athair 's a' mhàthair 's air a' chloinn; a bharrachd air a' mhac 's an nighinn, tha daoine eile ann an teaghlach.

Anns an teaghlach agamsa, tha m' athair agus mo mhàthair: Iain agus Iseabail. Tha mise ann, agus tha bràthair agus piuthar agam cuideachd. 'S e Murchadh an t-ainm a th' air mo bhràthair agus 's e Cairistìona a th' air mo phiuthar. Uaireannan bidh mi duilich nach eil bràithrean agus peathraichean eile agam, oir 's toigh leam teaghlaichean mòra. Ach ann an dòigh, tha an teaghlach againne mòr. Tha athair agus màthair aig mo mhàthair: an seanair agus an tseanmhair agam, Dòmhnall agus Mairead. Tha mo sheanair agus mo sheanmhair sin a' fuireach faisg oirnn ann am Baile an t-Sagairt.

Chan eil ach aon phiuthar aig mo mhàthair. 'S e Seonag an t-ainm a th' oirre agus chan eil clann aice. Mar sin chan eil ach triùir oghaichean aig an t-seanair 's an t-seanmhair ann am Baile an t-Sagairt: mi fhìn, mo bhràthair agus mo phiuthar. Bidh mo sheanair ag ràdh gur e mise an t-ogha as fheàrr a th' aige. Ach 's dòcha gum bi e ag ràdh sin ri mo bhràthair 's mo phiuthar cuideachd. Cò aige tha fios?

Tha seanair agus seanmhair eile agam - na pàrantan aig m' athair. 'S e Calum-Iain a th' air an t-seanair eile agus 's e Oighrig a th' air an t-seanmhair eile agam, ach tha iadsan a' fuireach fada air falbh, ann an Àird nan Seileach. Tha mòran oghaichean acasan, oir tha mi fhìn, mo bhràthair 's mo phiuthar aca, ach tha bràithrean is peathraichean aig m' athair, agus tha clann acasan cuideachd.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil dusan ogha aig mo sheanair 's mo sheanmhair sin, eadar an triùir againne ann am Baile an t-Sagairt agus an naoinear eile ann an Àird nan Seileach.

Nuair a dh'fhàsas mise mòr, bu toigh leam mic agus nigheanan, 's dòcha dithis mhac agus triùir nigheanan - còignear cloinne uile gu lèir - agus nuair a dh'fhàsas mi sean, bu toigh leam mòran oghaichean faisg orm. Chan eil mi ach òg fhathast, ged-thà, agus tha tìde gu leòr agam fhathast airson a bhith a' smaoineachadh mu theaghlach.

Beannachd leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!