FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Using Someone's Name A' Cleachdadh Ainm Cuideigin

Using someone’s first name (the vocative case). A’ cleachdadh ainmean baistidh (an tuiseal gairmeach).

Video is playing in pop-over.

A' cleachdadh ainm cuideigin

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Fàilte. Bheir sinn sùil air mar a chleachdas sinn ainm cuideigin nuair a bhios sinn a' bruidhinn riutha.

Anns a' Ghàidhlig, chan fhaod sinn rudan mar "Feasgar math, Calum" no "Madainn mhath, Màiri" a ràdh. Feumaidh sinn na h-ainmean atharrachadh rud beag. Ma tha ùidh agaibh ann an gràmar, 's e An Tuiseal Gairmeach an t-ainm a th' air seo.

Tòisichidh sinn le ainmean bhoireannach, oir tha iad nas fhasa na ainmean fhireannach. Tha sinn uile eòlach air ainmean mar Catrìona, Màiri is Seònaid, ach ma bhios sibh a' bruidhinn ri boireannaich leis na h-ainmean seo, feumaidh sinn am facal beag "a" a ràdh agus toiseach an ainm atharrachadh.

Mar eisimpleir:

"Ciamar a tha sibh, a Chatrìona?";
"Madainn mhath dhut, a Mhàiri"; agus
"Dè tha thu ag iarraidh, a Sheònaid?".

Chan eil am facal beag "a" a' ciallachadh rud sam bith, agus uaireannan cha chluinn sinn idir e. Can, ma tha fuaimreag aig deireadh an fhacail a tha dìreach roimhe.

Mar eisimpleir:

"Ciamar a tha thu, Chatrìona?";
"Hallo, Mhàiri"; agus
"Cò às a tha thu, Sheònaid?".

Tha "a" fhathast ann, ach tha e cho lag 's nach cluinn sinn e. Ma tha an t-ainm a' tòiseachadh le fuaimreag, chan eil "a" ann, ach chan eil toiseach an ainm ag atharrachadh, oir chan urrainn dhuinn fuaimreag atharrachadh mar seo.

Mar eisimpleir:

"Ciamar a tha sibh, Eilidh?";
"Madainn mhath dhut, Anna"; agus
"Dè tha thu ag iarraidh, Ùna?"

Bheir sinn sùil air ainmean fhireannach a-nis: Calum, Dòmhnall agus Seumas. Tha an aon rud a' tachairt aig toiseach an ainm, ach tha "i" a' dol a-steach aig an deireadh cuideachd.

Mar eisimpleir:

"Dè do chor, a Chaluim?";
"Feasgar math dhut, a Dhòmhnaill"; agus
"Mar sin leat, a Sheumais."

'S dòcha gun robh fios agaibh mar-thà gun tàinig an t-ainm Beurla, Hamish, bhon Tuiseal Ghairmeach aig Seumas - a Sheumais.

Ma tha an t-ainm a' tòiseachadh le fuaimreag, can Ailean, Eòghann agus Eachann, chan eil dad a' tachairt aig an toiseach, agus tha "i" fhathast a' dol asteach.

Mar eisimpleir:

"Oidhche mhath leibh, Ailein";
"Tapadh leat, Eòghainn"; agus
"'S e do bheatha, Eachainn".

Dè ma tha "i" faisg air an deireadh anns an ainm mar-thà, can, ann an Iain, Màrtainn is Pàdraig? Uill, chan urrainn dhuinn "i" eile a chur a-steach, ach cluinnidh sibh na tha a' tachairt anns na h-eisimpleirean seo.

"Feasgar math dhut, Iain";
"Dè do chor, a Mhàrtainn?"; agus
"Bidh mi gad fhaicinn, a Phàdraig".

Tha an aon rud a' tachairt le ainmearan cumanta cuideachd, agus iad a' cumail ris an aon phàtran ris na h-ainmean.

Mar eisimpleir:

"Ciamar a tha sibh, a dhuine?";
"Dè do chor, a charaid?"; agus
"Cò às a tha sibh, a chaileagan?".

Ma bhios tu a' sgrìobhadh litir gu cuideigin, bu chòir dhuibh an Tuiseal Gairmeach a chleachdadh aig toiseach na litreach.

Beannachd leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!