FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Family names 2 Ainmean Teaghlaich 2

Surnames (part 2): the genitive case of masculine nouns. Ainmean teaghlaich (2): an tuiseal ginideach agus ainmearan fireann.

Video is playing in pop-over.

Ainmean Teaghlaich 2

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Fàilte.

Bidh sinn a' coimhead air ainmean teaghlaich a' tòiseachadh le Mac agus ainmear cumanta às a dhèidh. Coimheadaidh sinn air ainmean mar Mac a' Phearsain, Mac an t-Saoir agus Mac an Tòisich.

'S dòcha nach eil sibh eòlach air ainmearan fireann mar pearsan, saor agus tòiseach no air na h-ainmearan eile a chluinneas sibh an seo, ach tha na facail seo uile ann am faclairean.

Tha ainmean teaghlaich den t-seòrsa seo ag obair dìreach mar a tha na h-ainmeanàite a chì sibh ann am bhidio eile, ainmean mar Baile a' Mhanaich agus Sròn an tSìthein.

Bheir sinn sùil air mar a chuireas sinn ainmean teaghlaich mar seo ri chèile, ma-thà. Tha am pearsan a' toirt dhuinn Mac a' Phearsain. Tha an t-alt a' dol bho "am" gu "a' " agus tha toiseach is deireadh an ainmeir ag atharrachadh: am pearsan agus a' phearsain. Ann an sgrìobhadh cuiridh sinn 'h' a-steach às dèidh ciad litir an ainmeir agus I ro na connragan mu dheireadh. Seo mar a tha a h-uile h-ainmear fireann a' tòiseachadh le 'b', 'f', 'm' agus 'p' a' dol.

Tha an clèireach a' toirt dhuinn Mac a' Chlèirich. Tha ainmearan fireann a tha a' tòiseachadh le 'c' no 'g' uile a' cumail ris an aon phàtran. Tha an t-alt a' dol bho "an" gu "a' " agus tha toiseach is deireadh an ainmeir ag atharrachadh.

Tha an saor a' toirt dhuinn Mac an t-Saoir. Cluinnidh sibh mar a tha an t-alt a' dol bho "an" gu "an t-". Cha chluinn sibh 's' tuilleadh, agus tha 'i' a' dol a-steach aig an deireadh. Seo na tha a' tachairt ann an ainmearan a tha a' tòiseachadh le 's' agus fuaimreag às a dhèidh. Tha Mac an t-Sagairt a' leantainn an aon phàtrain.

Ma tha ainmear a' tòiseachadh le fuaimreag, can an t-ollamh, bheir sin dhuinn Mac an Ollaimh, far a bheil an t-alt a' dol bho "an t-" gu "an", agus 'i' a' dol a-steach aig an deireadh.

Ma tha ainmear a' tòiseachadh le 'f', mar eisimpleir am flèistear, gheibh sinn Mac an Fhlèisteir mar ainm teaghlaich. Am flèistear agus Mac an Fhlèisteir. Nuair a bhios 'h' a' dol a-steach às dèidh 'f', cha chluinn sinn fuaim sam bith.

Mu dheireadh, ma tha ainmear a' tòiseachadh le litir sam bith eile, chan eil dad a' tachairt ag toiseach an fhacail, ach tha I a' dol a-steach aig an deireadh. Cluinnidh sibh sin anns na h-eisimpleirean seo: an tòiseach is Mac an Tòisich; agus an deòradh is Mac an Deòraidh.

Agus anns an dealachadh, 's e Nic 's chan e Mac a tha ann an ainmean bhoireannach, mar eisimpleir: Dòmhnall Mac an t-Saoir ach Seonag Nic an t-Saoir.

Mar sin leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!