FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Family names 1 Ainmean Teaghlaich 1

Surnames (part 1): the genitive case of masculine nouns. Ainmean teaghlaich (1): an tuiseal ginideach agus ainmearan fireann.

Video is playing in pop-over.

Ainmean Teaghlaich 1

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Fàilte.

Bidh sinn a' coimhead air ainmean teaghlaich, ainmean a' tòiseachadh le Mac agus ainm pearsanta às a dhèidh. Coimheadaidh sinn air ainmean mar MacDhòmhnaill agus MacRuairidh. Tha na h-ainmean seo cumanta anns a' Ghàidhlig agus chì sinn mar a chuireas sinn ri chèile iad.

Bidh sibh eòlach air ainmean fireann mar Dòmhnall, Fionnlagh, Eòghann, Ruairidh agus Niall, agus tha mòran ainmean teaghlaich stèidhte air ainmean pearsanta mar seo.

Dòmhnall an toiseach. Ma bhios mac aig Dòmhnall, 's e mac Dhòmhnaill a bhios ann: am mac aig Dòmhnall. Tro na bliadhnaichean, chaidh ainmean mar seo nan ainmean teaghlaich, agus a-nis tha MacDhòmhnaill am measg nan ainmean as cumanta an Alba. Cluinnidh sibh an diofar eadar Dòmhnall agus Dhòmhnaill. Tha toiseach agus deireadh an ainm air atharrachadh. Ann an sgrìobhadh, cuiridh sinn 'h' a-steach às dèidh ciad litir an ainm agus 'i' ro na connragan mu dheireadh, agus mar sin, bidh Dòmhnall a' dol gu Dhòmhnaill, agus gheibh sinn an t-ainm: MacDhòmhnaill.

Tha an aon rud a' tachairt le Fionnlagh. Tha toiseach agus deireadh an ainm ag atharrachadh, agus tha Fionnlagh a' dol gu Fhionnlaigh. Ma bhios taigh aig Fionnlagh, 's e taigh Fhionnlaigh a bhios ann: an taigh aig Fionnlagh. A' cumail ris a' phàtran a chunnaic sinn mar-thà, gheibh sinn an t-ainm, MacFhionnlaigh.

Dè tha a' tachairt ma tha an t-ainm a' tòiseachadh le fuaimreag, 's e sin a, e, i, o, no u, mar Eòghann? Uill, chan urrainn dhuinn fuaimreag atharrachadh, agus mar sin cha dèan sinn dad aig toiseach an ainm. Ach 's urrainn dhuinn deireadh an ainm atharrachadh ann an sgrìobhadh le bhith a' cur 'i' a-steach. Ma nì sinn sin, gheibh sinn Eòghainn agus an t-ainm, MacEòghainn.

Dè mu dheidhinn ainm mar Ruairidh? Ann an sgrìobhadh, chan fhaod sinn 'h' a chur còmhla ri 'l', 'n' no 'r' anns a' Ghàidhlig. Tha i aig deireadh an ainm mar-thà, agus mar sin, chan fheum sinn dad a dhèanamh an sin. Tha sin a' ciallachadh nach eil dad idir ri dhèanamh, agus tha Ruairidh a' toirt MacRuairidh dhuinn.

Uaireannan, ann an ainmean goirid, bidh an fhuaimreag fhèin ag atharrachadh ann an suidheachaidhean mar seo. 'S e ainm goirid a th' ann an Niall. Ann an sgrìobhadh, chan fhaod sinn 'h' a chur còmhla ri 'l', 'n' no 'r', mar a chunnaic sinn, ach 's urrainn dhuinn 'i' a chur a-steach ro na connragan mu dheireadh. Ma nì sinn sin, gheibh sinn Niaill, ach chan eil e furasta sin a ràdh. Mar sin, bidh an fhuaimreag fhèin ag atharrachadh, agus gheibh sinn Nèill agus MacNèill, agus canaidh cuid Nìll agus MacNìll.

Mas e boireannach a th' annaibh, chan e Mac a bhios oirbh, ach Nic. Mar eisimpleir, Calum MacDhòmhnaill, ach Anna NicDhòmhnaill.

Mar sin leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!