FaclairDictionary EnglishGàidhlig

At Home 1 Aig an Taigh 1

The article, masculine nouns and adjectives. The dative case. An alt, ainmearan fireann agus buadhairean. An tuiseal tabhartach.

Video is playing in pop-over.

Aig an Taigh 1

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Fàilte air ais. Bidh thu mothachail, tha mi cinnteach, gu bheil faclan ag atharrachadh sa Ghàidhlig a rèir an t-suidheachaidh anns a bheil iad san tseantans.

Tha, mar eisimpleir, bòrd againn aig an taigh. Seo agad am bòrd mòr againn. Nis, can gu bheil am bòrd againn làn stuth. Tha tòrr stuth againn air a' bhòrd mhòr. Tha na faclan, 'am', 'bòrd' agus 'mòr' uile air atharrachadh ann an diofar dhòighean.

Tha sinc againn aig an taigh cuideachd. Seo agad an sinc beag geal agam. 'S e leisgeadair a th' annam ged-tà, agus gu tric bidh mi a' fàgail nan soithichean salach fad latha no dhà mus dèan mi an nighe. Ma thig neach-tadhail a chèilidh oirnn agus an sinc làn stuth, is dòcha gun can iad, "Od od! Tha tòrr shoithichean salach anns an t-sinc bheag gheal agad!" Uill, is dòcha nach canadh, ach chì thu gu bheil na faclan seo air atharrachadh cuideachd - cuid dhiubh air atharrachadh san aon dòigh agus cuid eile ann an dòigh eadardhealaichte.

Is dòcha gun do mhothaich thu cuideachd, san dà eisimpleir seo, 'air a' bhòrd mhòr' agus 'anns an t-sinc bheag gheal', gu bheil na faclan beaga sin, 'air' agus 'anns', a' tighinn dìreach ron rud air a bheil sinn a-mach - 'am bòrd' agus 'an sinc'.

Èist ris an sgeul ghòrach seo. Bidh tòrr eisimpleirean den rud seo ann agus bidh mìneachadh sna bonn-notaichean.

Bha caraid dhomh a' cèilidh orm. Bha e na sheasamh faisg air an doras bheag. Bha an doras beag fosgailte agus mo charaid an sin na sheasamh a' gabhail òran! 'S e òran mòr fada a bh' ann agus bha tòrr fhaclan anns an òran mhòr a bha seo. Bha a' chlann agam fhathast air an cois agus iad nan suidhe air an làr ag èisteachd ris.

Nis, tha an làr againn dubh agus geal. Bha a' chlann nan suidhe air an làr dhubh agus gheal. Bha iad a' coimhead coltach ri fir-thàileisg air an làr bhreac sin. Dh'iarr mi orra a dhol suas an staidhre don t-seòmar aca. Nis tha an seòmar aca pìos air falbh bhon chidsin agus shaoil mi nach biodh e comasach dhaibh mo charaid a chluinntinn san t-seòmar bheag aca agus gun rachadh iad a chadal. Bha mo charaid fhathast a' seinn fhad 's a bha mise ag obair air a' chloinn a dhol suas an staidhre!

Cho luath 's a thàinig mi a-nuas a-rithist sguir mo charaid den òran aige. Thuirt e an uair sin gum b' urrainn dha am feadan a chluich cuideachd, agus dh'fhaighnich e dhomh an robh feadan againn. Thuirt mi gun robh, ach nach robh ribheid anns an fheadan agus gum bu chòir dha falbh. Dh'fhalbh e sa bhad. Càit an deach e? Chan eil fhios 'am, ach tha mi an dòchas nach till e ann an cabhaig!

Mar sin leibh an-dràsta.

Bonn-nòtaichean

’S e gnè an fhacail (boireann no fireann) a bhios a’ stiùireadh mar a tha seo ag obair. Sa chliob seo ’s e faclan fireann air an robh sinn a’ toirt sùil.

Bidh an t-alt agus am buadhair a bhuineas do dh’fhaclan fireann ag atharrachadh as dèidh roimhearan sìmplidh, sin agad faclan mar anns, ri, air, fo, bho, agus tòrr eile.

Bidh an t-alt ag atharrachadh chun a’ chruth a bhiodh air nam b' e facal boireann a bha ann. Bidh am buadhair ga shèimheachadh.

Seo agad mar a bhios an t-alt ag obair gun an roimhear sìmplidh ann:

Fireann
Faclan a’ tòiseachadh le: fuaimreag an t- an t-ospadal
an t-uisge
b, f, m, p am am balach
am fearann
Litir sam bith eile an an dannsa
an geama
Boireann
Faclan a’ tòiseachadh le: b, c, g, m, & p a' + sèimheachadh a' bhean
a' chaileag
f an + sèimheachadh an fheamainn
an fhidheall
sl, sn, sr neo s + fuaimreag an t- an t-sùil
an t-slàinte
Litir sam bith eile an an oifis
an òraid

Ma choimheadas tu air na faclan a bha againn sa chliob, chì thu gun robh iad a’ leantainn an t-siostaim seo. Bha am bòrd mòr againn, facal fireann a’ tòiseachadh le ‘B’. Bha tòrr stuth againn air a’ bhòrd mhòr (an t-alt ag atharrachadh gu cruth boireann & am buadhair ga sèimheachadh)

Chì thu cuideachd gun robh rudan mar seo ann:

don t-seòmar bhon chidsin san t-seòmar bheag den òran sa bhad

’S e an aon siostam a tha an sàs an seo ach gu bheil an roimhear agus an talt air an cur còmhla ann an seòrsa de ghiorrachadh.

do an t-seòmar bho a’ chidsin anns an t-seòmar de an òran anns a’ bhad
don t-seòmar bhon chidsin san t-seòmar bheag den òran sa bhad

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!