FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Occupations Dreuchdan

Discussing occupations using two verbs “to be”. A’ bruidhinn mu dheidhinn dreuchdan, a’ cleachdadh “tha” agus “’s e”.

Video is playing in pop-over.

Dreuchdan

Presenter: Gilleasbuig MacFhearghais (Gilleasbuig Ferguson)

[GILLEASBUIG] Is dòcha gu bheil sibh air rudan mar seo a chluinntinn: "'S e latha math a th' ann an-diugh," no, "Tha e na latha math an-diugh." Bheir sinn sùil air an diofar eadar 'is' [an e, 's e, chan e] agus 'bi' [a bheil, tha, chan eil]. Bidh sinn a' coimhead air cuid de na suidheachaidhean far am bi sinn gan cleachdadh agus cuideachd far nach bu chòir dhuinn an cleachdadh.

Feumaidh sinn a ràdh gur e rud a tha a' buntainn ri Gàidhlig ghnàthasach a tha seo, agus mar sin, feumaidh sibh smaoineachadh air mar a tha an cànan a' faireachdainn, seach a bhith a' cumail ri riaghailtean a-mhàin, ged a tha na riaghailtean ceart agus feumail. Bheir sinn sùil air na h-obraichean a bhios aig daoine agus mar a bhios sinn a' bruidhinn mun deidhinn.

Can gun robh mi a' dràibheadh thractaran airson na h-obrach agam ach a-nis gu bheil mi a' teagasg mu dheidhinn thractaran ann an colaiste. Tha diofar dhòighean ann air seo a ràdh. Dh'fhaodainn a ràdh, "Bha mi nam dhràibhear agus a-nis 's e tidsear a tha annam."

Tha dà structar an sin: "Bha mi nam dhràibhear," agus "'S e tidsear a tha annam". Cha bhi an gnìomhair 'bi' ('tha', 'bha', 'bidh', agus msaa) a' cur cus cudrom air rudan. Chan eil thu ag ràdh rudan ann an dòigh làidir le bhith a' cleachdadh 'tha', 'bha' no 'bidh'. Mar sin, nuair a chanas mi, "Bha mi nam dhràibhear," chan eil mi a' cur cus cudrom air.

An uair a chanas mi, "'S e tidsear a tha annam" ged-tà, tha mi dha-rìribh a' cur cudrom air 'tidsear', agus 's e sin a nì mi mar obair, mar dhreuchd. Chì sibh gu bheil iad diofraichte a thaobh brìghe no gu bheil faireachdainn diofraichte annta. Bhiodh e pailt cho ceart a ràdh: "B' e dràibhear a bh' annam agus a-nis tha mi nam thidsear." No: "B' e dràibhear a bha annam agus a-nis 's e tidsear a tha annam." No: "Bha mi nam dhràibhear agus a-nis tha mi nam thidsear." Ged a tha iad uile ceart a thaobh gràmair agus iad uile a' dèanamh ciall; tha iad diofraichte a thaobh nuans.

Chan eil e idir ceart a bhith ag ràdh, "Tha mi plumair," mar eisimpleir. Feumaidh sibh aon de na structaran a bha againn na bu thràithe a chleachdadh. "'S e plumair a tha annam," no "Tha mi nam phlumair."

Tha iomadach dòigh ann air an dà chuid 'is' agus 'bi' a chleachdadh agus mar as trice bheir e greiseag gus an tuig neach-ionnsachaidh an diofar. Mar sin, na gabh dragh ma tha e doirbh an-dràsta; thig e.

Anns na bonn-nòtaichean airson a' chliop seo chì sibh eisimpleirean eile agus barrachd mìneachaidh air far am bu chòir dhuinn 'is' a chleachdadh.

Mar sin leibh an-dràsta.

Bonn-notaichean

Mar a bha sinn ag ràdh sa chliop, bidh an gnìomhair 'is' ga chleachdadh son cudrom a chur air rudan. Tha iomadach suidheachadh ann far a bheil 'is' feumail agus ged nach eil e comasach mìneachadh slàn a dhèanamh an seo, 's urrainn dhuinn toiseach tòiseachaidh a dhèanamh le bhith a' coimhead air dà chlas de shuidheachadh far an tèid 'is' a chleachdadh. Airson aire a thoirt do rudeigin no cuideigin (gu tric an coimeas ri, no an aghaidh rudeigin eile):

'S e càr a bhios aca, chan e motair-bàic.
An tusa a nì seo? Is mi fhèin a nì e!
An esan do mhac? Chan e. Is esan mo cho-ogha.

Airson rudan no daoine a shònrachadh:

'S e nurs a tha ann am Màiri.
'S e nurs a th' innte.
Is ise an nurs.
'S e baile mòr a tha ann an Glaschu.
'S e taigh snog a tha sin.

Tuigidh sibh gu bheil sinn an sàs ann an nuans an seo ach airson eacarsaich, feuch am faigh sibh an diofar eadar na h-abairtean seo:

1. Tha mi nam oileanach.
2. 'S e oileanach a tha annam.
3. Is oileanach mi.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!