FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Numbers 2 Àireamhan 2

Ordinal numbers: first, second, third... Àireamhan òrdail: a’ chiad, an dàrna, an treas...

Video is playing in pop-over.

Àireamhan Òrdail

Presenter: Angela Mackay

[ANGELA] Roimhe, bha sinn a' cunntadh bhrògan. Seallaibh, tha sreath dhiubh agam an seo. Seadh, agus a' bhròg dhearg seo, 's i a' chiad thè, a' chiad bhròg san tsreath againn;

agus an dàrna bròg;
an treas bròg;
a' cheathramh bròg;
a' chòigeamh bròg;
an t-siathamh bròg;
an t-seachdamh bròg;
an ochdamh bròg;
an naodhamh bròg;
an deicheamh bròg.

Glè mhath. Faodaidh sinn cumail oirnn.

An aonamh bròg dheug;
an dàrna bròg dheug ...
An t-seachdamh bròg dheug;
an ochdamh bròg dheug;
an naodhamh bròg dheug;
an fhicheadamh bròg;
an fhicheadamh bròg is a h-aon.

Iocamaid! Abair samh a tha san tè ud!

An fhicheadamh bròg is a dhà ...

Tha an uiread de bhrògan agam. Feumaidh mi cuidhteas fhaighinn de chuid dhiubh!

Seadh, an tritheadamh bròg is h-aon;
an tritheadamh bròg is a dhà ...

Is fìor thoil leam brògan ge-tà. Bhiodh e doirbh dhomh gin dhiubh a shadail amach. Bòtannan, sandalan, rud sam bith a chuireas tu air do chasan. Is gann gun urrainn dhomh a dhol seachad air bùth bhrògan. Feumaidh mi co-dhiù coimhead orra.

An naochadamh bròg is a naoi;
a' cheudamh bròg.

Seadh, a' cheudamh bròg, uill 's e bòtann car mòr a th' ann, ach chan urrainn dhomh a shadail a-mach san sgudal. Oh chan urrainn. Bha na bòtannan seo orm nuair a thachair mi ris an duine agam a' chiad uair. 'Eil fhios agaibh, tha sgeulachd air cùl gach rud an seo, sgeulachd is cuimhneachan.

A' cheudamh bròg is h-aon;
a' cheudamh bròg is a dhà ...

Sin agaibh an sandal a bha orm nuair a chaidh an dithis againn a Mhallorca an darna trup. 'S e na bòtannan a bha orm a chiad uair! Tha mi a' smaointinn gur h-e na bòtannan a ghlac a shùil a' chiad uair agus cha b' e na casan a bh' annta!

A' cheudamh bròg, fichead is a h-aon;
a' cheudamh bròg, fichead is a dhà ...

A bheil duine agaibh an sin aig a bheil na tha seo de dh' ablach bhrògan? Is gann gu bheil seo ach an deicheamh cuid dhiubh uile!

A' cheudamh bròg, seasgad is a h-ochd - mas e brog a chanadh tu rithe ...
An naoi ceudamh bròg, naochad is a naoi;

am mìleamh bròg;
am mìleamh bròg is a h-aon ...

Chan eil na tha seo ach an leth chuid dhiubh!

Am mìleamh bròg, ceud caogad is a seachd ...

Tha mi gus bàsachadh leis a seo. Cuiridh sinn crìoch orra uaireigin eile!

Sin agaibh e an-dràsta. Mar sin leibh.

NOTAICHEAN–COISE

Sin agaibh na h-àireamhan òrdail. Cuimhnichibh gu bheil cùisean rud beag eadar dhealaichte le ainmearan boireann agus ainmearan fireann. Ma chumas sibh nur cuimhne gu bheil na h-àireamhan caran coltach ri buadhairean, no facail thuairisgeulach, dìreach mar "seann" agus "dearg". Mar sin tha

"an t-seann bhròg dhearg" agaibh, ach
"an seann doras dearg".

Mar an ceudna,

"an t-seachdamh bròg dheug", ach
"an seachdamh doras deug".

Ged is e buadhairean a th' anns na h-àireamhan, chan eil ach aon, dhà agus a' chiad da-rìribh ag adhbharachadh sèimheachadh san ainmear. Cluinnear cuideachd rudan mar:

"an aonamh bròg air fhichead" neo
"an t-aonamh doras air fhichead".

Cuimhnichibh gu bheil barrachd na aon siostam cunntaidh againn sa Ghàidhlig, agus nach eil ann ach dòigh eile ri ràdh.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!