FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Numbers Àireamhan

Counting using the new system. A’ cunntadh san t-siostam ùr.

Video is playing in pop-over.

Àireamhan: A' cunntadh san t-siostam ùr

Presenter: Angela Mackay

[ANGELA]
Dà mhìle bròg sa còig deug,
dà mhìle sa sia deug,
dà mhìle sa seachd deug ...

Istibh! Tha mi a' feuchainn ris na brògan agam a chunntadh! Nis, càit an robh mi?

Feumaidh mi tòiseachadh a-rithist! Faodaidh sibh mo chuideachadh getà. A bheil sibh math gu cunntadh?

Seall, tha aon bhròg agam an seo, agus a nàbaidh, sin agaibh dà bhròig.

Trì brògan,
ceithir brògan,
còig brògan.

Sin agaibh e. Cumaibh oirbh suas gu deich ...

Naoi brògan,
deich brògan.

Nis tha rud car annasach a' tachairt as dèidh deich - co-dhiù annasach airson muinntir na Beurla.

Èistibh.

Aon bhròg dheug,
dà bhròig dheug,
trì brògan deug,
ceithir brògan deug,
còig brògan deug.

Sin agaibh e. Cumaibh oirbh. Tha pìos againn ri dol fhathast. Stadaibh aig naoi brògan deug.

Naoi brògan deug,
fichead bròg (seadh fichead bròg),
fichead bròg is a h-aon,
fichead bròg is a dhà,
fichead bròg is a trì.

Seadh, cumaibh oirbh ...

Fichead bròg is a naoi,
trithead bròg,
trithead bròg is a h-aon,
trithead bròg is a dhà ...

Cumaibh oirbh tro na tritheadan gu ceathrad,

caogad,
seasgad,
seachdad,
ochdad,
naochad ...
naochad bròg is a naoi,
ceud bròg.

Glè mhath. Faodaidh sibh cumail oirbh

ceud bròg is a h-aon,
ceud bròg is a dhà ...
ceud bròg is dhà dheug,
ceud bròg is a trì deug ...

Mìle bròg,
mìle bròg is a h-aon,
mìle bròg is a dhà ...
Mìle bròg naoi ceud naochad is a naoi,
dà mhìle bròg,
dà mhìle bròg is a h-àon,
dà mhìle bròg is a dhà ...
dà mhìle bròg is a seachd deug.

'S e sin far an robh sinn, nach e?

Agus aonan a bharrachd.

Dà mhìle bròg is a h-ochd deug.

Sin agaibh e. Mo thaing dhuibh uile.

Daoine

Fhad is a tha sinn a-mach air cunntadh, a bheil sibh eòlach air mar a nì sinn cunntadh air àireamh de dhaoine?

Tha siostam fa-leth againn son cunntadh a dhèanamh air daoine, suas gu deich co-dhiù.

Is iad: aonar (ach gu tric cha bhi daoine ach ag ràdh duine, fear, tè, cuideigin neo mar sin)

dithis,
triùir,
ceathrar,
còignear,
sianar,
seachdnar,
ochdnar,
naoinear,
deichnear.

Os cionn deichnear bidh sinn a' cleachdadh an t-siostaim àbhaistich

aon duine deug,
dà dhuine deug,
trì daoine deug ...

Mar sin leibh an-dràsta.

NÒTAICHEAN-COISE

Bidh sibh a' faicinn agus a' cluinntinn rudan a tha diofraichte bho na th' againn an seo. Tha cuid dhiubh cudthromach agus bu chòir dhuibh a bhith mothachail orra. Tha cuid eile ann ge-tà nach eil gu mòran diofar; chan eil annta ach dòigh eile ri ràdh. Tha iad pailt cho ceart is a tha na th' againn an seo. Innsidh mi beagan mu dheidhinn nan rudan sin:

chleachd sinn am facal bròg mar eisimpleir de rud a dh'fhaodadh sibh a bhith a' cunntadh.

'S e facal boireann a tha ann am "bròg". Mas e is gur h-e facal fireann a bha sinn a' cleachdadh mar "doras", bhiodh sin a' dèanamh diofar ann an corra àite.

Aon doras,
dà dhoras,
trì dorsan,
ceithir dorsan ...
aon doras deug,
dà dhoras deug,
trì dorsan deug,
ceithir dorsan deug ...

Tha cuid de dh'fhacail ann a bhios a' sealltainn an iolra (barrachd na dhà) le bhith a' cur "i" ann aig an deireadh (caolachadh).

Cat. Cait (facal fireann).

Aon chat,
dà chat,
trì cait,
ceithir cait ...
trì cait dheug,
ceithir cait dheug ...
fichead cat,
fichead cat is a h-aon ...

Cluinnidh sibh daoine a' cleachdadh seann siostam cunntais, leithid ceithir taighean deug thar trì fichead (74 taighean). Na gabhaibh dragh mu dhèidhinn. Faodaidh sibh sùil a thoirt air uaireigin eile. 'S e a tha ann ach siostam a bhios ag obair ann an cnapan de dh'fhichead an àite deichean mar an t-siostam a tha againn shuas.

Cluinnidh sibh cuideachd daoine ag ràdh caochladh de rudan eile mar fichead is a h-aon brògan, caogad is a dhà brògan. Chan eil iad ceàrr; tha caochladh de dhòighean againn sa Ghàidhlig.

Ma chumas sibh leis na tha againn sa chliob seo cha tèid sibh fada ceàrr agus faodaidh sibh fàs cleachdte ris na dòighean eile nuair a bhios sibh nas cofhurtaile sa chànan.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!