FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Travel Siubhal

Motion: things or people at rest or in motion. Siubhal: rudan no daoine nan tàmh no a’ gluasad.

Video is playing in pop-over.

Siubhal (Rudan no daoine nan tàmh no a' gluasad)

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Uaireannan, ann an còmhradh, feumaidh sinn innse càit a bheil rudeigin no càit a bheil sinn a' dol. Is dòcha gu bheil sibh air cuideigin a chluinntinn ag ràdh rud mar: "Tha mi a' dol a-mach," no "Tha mi a' dol suas an staidhre." An cuala sibh ge-tà, rudeigin mar: "Tha mi a-muigh an-dràsta," no "Tha an duine shuas an staidhre"? Dè an diofar?

Sa Ghàidhlig, feumaidh sinn a dhèanamh soilleir a bheil an duine no an rud aig tàmh no a' gluasad. Ann an, "Tha mi a' dol suas an staidhre", tha mise a' gluasad; tha mi a' dol suas gu fiosaigeach. Ann an, "Tha an duine shuas an staidhre," chan eil e a' gluasad suas no sìos; tha e shuas. Dh'fhaodadh e gluasad mun cuairt shuas an staidhre, ach bhiodh e fhathast shuas.

A-staigh
a-steach
a-muigh
a-mach

Smaoinich air a seo: tha mise a-staigh an-dràsta, a' bruidhinn ris a' chamara seo. Bidh mi ag èirigh bho àm gu àm, is dòcha gus cupa tì a dhèanamh dhomh fhèin, neo a' dol a bhruidhinn ri cuideigin ann an seòmar eile. Tha mi am broinn an taighe; tha mi a-staigh.

Can an uair sin gun tigeadh caraid dhomh chun an dorais agam. Bhiodh am fear sin a-muigh, aig an doras. Tha mise a-staigh agus tha am fear eile amuigh. Ge brith dè cho mòr no dè cho fada is a tha sinn a' gluasad air an taobh a-muigh no air an taobh a-staigh, 's e sin far a bheil sinn: a-muigh no astaigh.

Nise, is dòcha gun canainn, "Thig a-steach!" ris a' charaid agam. Bhiodh dh'fheumadh esan gluasad. Cho luath is a bhiodh e air tighinn a-steach bhiodh an dithis againn a-staigh.

As dèidh greiseag is dòcha gum biodh sinn son pinnt leann fhaighinn. Rachadh an dithis againn a-mach, a' gluasad a-mach às an taigh. Nuair sin bhiodh an dithis againn a-muigh. Bhiomaid a-muigh fad an rathaid chun an taigh-sheinnse agus an sin bhiomaid a' dol a-steach don taigh-sheinnse son pinnt a ghabhail còmhla. Saoil dè chanamaid nuair a bhiomaid anns an taighsheinnse ag òl? Am biomaid a-staigh no a-steach?

Suas
sìos
shuas
shìos.

Thug sinn sùil aithghearr a cheana air na h-abairtean: "Tha mi a' dol suas an staidhre," agus "Tha an duine shuas an staidhre." Chì sibh gu bheil an aon seòrsa siostaim is a bha againn roimhe an sàs an seo. Bidh mise a' dol suas an staidhre. Cho luath is a tha mi air a dhol suas an staidhre, tha mi shuas. Nuair a bhios mi deiseil shuas an sin is dòcha gum bi mi a' dol air ais sìos an staidhre agus nuair sin bidh mi shìos.

Glè mhath gu ruige seo. Tha aon rud eile ri cur ris ge-tà mus tuig sibh seo ceart. Tha mise shìos an staidhre agus tha mo bhean shuas. Ma tha mise ag iarraidh oirre a bhith shìos còmhla rium, canaidh mi: "Thig a-nuas!" Tha e car coltach ri giorrachadh air thig à shuas; thig a-nuas. Can ge-tà gu bheil mo bhean car rag na beachdan, canaidh ise: "Cha tig! Thig thusa a-nìos." (Thig à shìos; thig a-nìos.) Dh'fheumainn an uair sin a dhol suas an staidhre.

A-null
a-nall
thall
a-bhos.

Tha aon suidheachadh eile ann, air an toir sinn sùil an-dràsta. Can gu bheil coogha agam thall an Canada. An cuala sibh sin: "thall an Canada"? Tha i a' fuireach thall an sin. Chan eil i a' gluasad; tha ise thall. Tha mise a-bhos an seo, ann an Alba. Tha ise thall agus tha mise a-bhos. Uaireannan bidh mise a' dol a-null a Chanada son a faicinn. Aig amannan eile bidh ise a' tighinn a-nall à Canada gam fhaicinn-sa.

Is dòcha gu bheil seo doirbh a thuigsinn. 'S ann a tha e ag obair a rèir far a bheil an duine a tha a' bruidhinn na sheasamh. Mar sin tha mise a-bhos an seo ann an Alba agus tha mi ag iarraidh oirre tighinn a-nall bho Chanada a chèilidh orm. Nam b' e is gun robh ise a' bruidhinn riumsa, bhiodh ise a' smaoineachadh gun robh ise aig an taigh a-bhos an Canada agus gun robh mise ag iarraidh oirre a dhol a-null a dh' Alba! Cluinnidh sibh eisimpleir de seo san òran 'Teann a-Nall'. Cluinnidh sibh cuideachd gu tric e nuair a tha daoine a' toirt (seachad) stiùireadh do chuideigin, mar eisimpleir: "Tha am banca air taobh thall an rathaid bhon sgoil."

A bheil sibh eòlach air eisimpleirean eile far an cuala sibh a-bhos, thall, a-null no a-nall?

Mar sin leibh an-dràsta.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!