FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Claire Nicolson comes from Edinburgh, but now lives on the Isle of Skye. Tha Claire NicNeacail, a bhuineas do Dhùn Èideann, an-diugh a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Claire NicNeacail: Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Presenter: Derek MacAoidh (Derek Mackay)

[DEREK] Còmhla rium tha Claire NicNeacail, a bhuineas do Dhùn Èideann, ach a tha andiugh a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach. Claire, fàilte ort. Innis dhomh, ciamar a thòisich thu air a' Ghàidhlig ionnsachadh?

[CLAIRE] Deagh cheist. Bha mi … 'S ann à Dùn Èideann a tha mi, agus bha mi a' fuireach ann. Is nuair a bha mi nam dheugaire, bha mi ag obair, ach bha mi tinn - bha ME orm - so stad mi ag obair. Ach bha mi airson dèanamh cinnteach gun cumainn m' inntinn beò. Agus chuir mi romham gun dèanainn beagan ionnsachadh. Bha mi a' coimhead anns a' phàipeir, clasaichean air an oidhche aig a' chomhairle, agus nochd Gàidhlig ann agus bha mi a' smaoineachadh … Thuirt mi rium fhìn, "O, tha sin rud beag eadar-dhealaichte." Cha robh ceanglaichean idir againn ris a' chànan no ris a' Ghàidhealtachd, ach nuair a bha sinn òg, bhiodh sinn a' dol airson saor-làithean ann. So, 's e dìreach rud beag diofraichte a bh' ann agus chòrd e rium.

[DEREK] Carson a' Ghàidhlig, ge-tà?

[CLAIRE] Bha mi math air cànain nuair a bha mi aig an sgoil, so bha mi airson cànan eile a dhèanamh. Rinn mi Gearmailtis agus Spàinntis. Bha mi measail air a' Ghàidhealtachd agus bha mi dìreach beagan eòlach air. Bha mi air a chluinntinn beagan, ach cha robh “clue” agam idir mun chultar, na daoine, an cànan fhèin, so … Yeah, bha “spark” ann.

[DEREK] Dè na dùbhlain as motha a bha romhad ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig?

[CLAIRE] Bha e doirbh, a' fuireach ann an Dùn Èideann. Aig an àm sin, cha robh mòran dhaoine airson Gàidhlig ionnsachadh, agus rinn mi clasaichean airson dà theirm agus an uair sin, cha robh àireamhan gu leòr ann airson ga chumail a dol, so stad an clas, ach bha clasaichean eile a' dol aig an oilthigh agus chlàr mi ann agus bha barrachd ann. Bha mi a' dol gach Oidhche Luain airson ceithir bliadhna, tha mi a' smaoineachadh. So, bha e doirbh àm gu leòr fhaighinn airson an cànan ionnsachadh ceart. Tha thu feumach air barrachd air dà uair gach seachdain. So, bha sin doirbh, ach chuir mi an gille beag agam dhan bhun-sgoil Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus bha clasaichean ann airson pàrantan cuideachd, so, aig an àm sin, bha mi a' dèanamh suas gu ochd uairean gach seachdain, agus bha sin fada, fada nas fheàrr.

[DEREK] An e a' Ghàidhlig a thug dhan Eilean Sgitheanach thu?

[CLAIRE] Mu dheireadh. Bha mi eòlach air an eilean. Thàinig sinn airson saor-làithean nuair a bha mi òg, is chòrd e rium. Bha sinn a' fuireach ann an Àrasaig airson dà … dà sheachdain gach bliadhna agus bhiodh sinn a' tighinn a-null. Ach, ann an Dùn Èideann, nuair a bha mi a' dèanamh clasaichean, fhuair sinn ceithir bliadhna, agus às dèidh sin, cha robh clasaichean eile ann, so bha mi airson fuireach ann, ach cha bhiodh clasaichean eile airson iarrtasan a dhèanamh, agus thuirt cuideigin rium, "Dè mu dheidhinn Sabhal Mòr?" So rinn mi An Cùrsa Inntrigidh bhon taigh agus às dèidh sin, thuirt mi, "Right, yeah, nì mi e." Thàinig mi airson bliadhna, agus deich bliadhnaichean às dèidh sin, tha mi fhathast an seo.

[DEREK] Dè a thug a' Ghàidhlig dhut?

[CLAIRE] Tòrr. Tha mi pòsta. Tha an teaghlach agam a-nise. Tha dithis gille agam - uill, triùir, ach dithis on a thàinig mi dhan Eilean. Obair agam. Mòran. Tha e a' ciallachadh tòrr dhomh.

[DEREK] Claire, tapadh leat.

[CLAIRE] Taing.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!