FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Writing Poetry A' sgrìobhadh Bàrdachd

Rody Gorman, a poet from Ireland, who also writes in Scottish Gaelic. Rody Gorman, bàrd à Èirinn, ach a bhios a’ sgrìobhadh cuideachd anns a’ Ghàidhlig.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Rody Gorman: A' sgrìobhadh Bàrdachd

Presenter: Derek MacAoidh (Derek Mackay)

[DEREK] Tha mi an seo an-dràsta le Rody Gorman, bàrd à Èirinn, ach a bhios a' sgrìobhadh cuideachd anns a' Ghàidhlig. Rody, ciamar a thòisich thu an toiseach air bàrdachd a sgrìobhadh?

[RODY] Nuair a bha mi anns an sgoil, a' bhliadhna mu dheireadh ma dh'fhaodte anns an sgoil, thachair gun do chuir mi … gun do ghabh mi ùidh ann am bàrdachd Yeats, is tha mi fhathast a' canail, na bliadhnaichean fada às dèidh siud, gur e siud a chuir gu sgrìobhadh mi fhìn. Saoilidh mi gura h-e. Ged a bha beàrn ann a bha cianail fhèin fada eadar a bhith a' meòrachadh air a bhith a' sgrìobhadh agus a bhith a' sgrìobhadh ann am fìrinn - bha 's dòcha fichead bliadhna ann ma dh'fhaodte - gus an robh mi aig ìre far an robh mi a' sgrìobhadh rudan às am faighinn tlachd mi fhìn agus gun a bhith ga thilgeil air falbh. 'S dòcha gur e ceum caran cudromach ann an ionnsachadh na h-obrach a tha siud, nam fhèin, gum bi thu mothachail air dè as fhiach a chumail is dè nach fhiach.

[DEREK] Agus às dèidh bhliadhnaichean a-nise, carson a tha thu fhathast ri sgrìobhadh?

[RODY] Seach gur e fasan a th' ann. Tha mi air fàs cho cleachdte ris 's a tha mi ri bhith a' gabhail fois, fiu 's … 'S e … 'S e dòigh obrach a th' ann dhomh fhìn. 'Se rud a th' ann às … às … 'S e dòigh às am faigh mi fhìn taic gus gnothaichean a thuigsinn is gnothaichean fhaicinn. Sin an dòigh às am faigh mi fhìn seòrsa de lèirsinn air mo bheatha 's na tha timcheall orm, le bhith a' sgrìobhadh. Gu math tric, cha tig às ach sgudal, ach bidh thu a' mothachadh gur h-e sgudal a th' ann, agus gu h-ainneamh is gu h-ainneamh, thig rud as fhiach às, is saoilidh mi gum bi thu mothachail air siud cuideachd. Bidh mi aig amannan a' smaoineachadh, "Carson nach feuch thu rudeigin eile, seach bàrdachd? " Fiu 's … 'S e bàrdachd an aon dòigh sgrìobhaidh a th' agamsa, is ged a tha mi air na mìltean de dh'fhaclan a sgrìobhadh, 's ann as a' bhàrdachd a tha an ìre mhath a h-uile gin dhiubh siud. 'S dòcha gur e freagairt na ceiste a bhios mi a' cur orm fhèin gu bheil an aois orm co-dhiù agus bha mi air mo ghlacadh agus tha mi air a bhith an sàs ann cho fada sin 's nach urrainn dhomh mi fhìn a tharraing às chun na h-ìre 's gu bheil e na fhasan stèidhte agamsa a-nise a bhith a' sgrìobhadh gu cunbhalach. Ma tha buannachd sam bith às a siud, saoilidh mi gur h-e gum bi thu a' fàs nas mothachaile 's nas mothachaile air dè as fhiach … dè as fhiach … Mar as aosta a dh'fhàsas tu - uill, mise co-dhiù - bidh mi nas fhaiceallaiche a thaobh na tha mi a' leughadh. Bidh mi a' canail rium fhìn, "Chan eil cus tìde air fhàgail agamsa ann a sheo," so, leis a sin, 's e a tha bhuam a bhith a' leughadh na tha a dhìth orm agus na tha mi dha-rìribh airson a bhith a' leughadh, agus tha mi car an aon dòigh a thaobh a bhith a' sgrìobhadh a-nise, seach mar a bha bho chionn fiu 's fichead bliadhna air ais, nuair a sgrìobhainn càil sam bith. Chan eil mi an dùil gu bheil mi a-nise a' sgrìobhadh càil sam bith dìreach air a shon fhèin, is gu bheil mi nas fhaiceallaiche a thaobh na tha mi a' leigeil am follais, mar gum bitheadh.

[DEREK] A bheil e furasta a dhèanamh no a bheil e doirbh?

[RODY] Bha còir aige a bhith doirbh, doirbh. Aig amannan, feumaidh mi aideachadh gu bheil mi fhìn ga fhaighinn caran soirbh. 'S dòcha, mar a thuirt mi, seach gur e fasan a th' ann dhomh fhìn - tha e air a bhith na fhasan o chionn fada - gu bheil mi cho cleachdte ris an dòigh chruthachaidh, mas e siud a th' ann, an dòigh smaoineachaidh, às an tig, air a' cheann thall, bàrdachd air choreigin. 'S dòcha gur e siud a bhios a' toirt orm a bhith a' smaoineachadh aig amannan gu bheil e soirbh, ach 's e droch nòs a tha siud dhomh fhìn, saoilidh mi. Càil sam bith as fhiach do sgrìobhadh, bha còir aige a bhith doirbh, bha còir aige a bhith na dhùbhlan dhut. 'S dòcha nach eil mi a' cur uimhir a dhùbhlan orm fhìn 's a bha còir agam, 68 no 's dòcha gu bheil mi air fàs cho cleachdte 's cho eòlach air an obair fhèin gu bheil e ann an seadh … gu bheil mi a' smaoineachadh gu bheil e nas fhasa. 'S dòcha nach eil e nas fhasa, ach 's dòcha gu bheil e dìreach nas cunbhalaiche.

[DEREK] Dè an rud as fheàrr a sgrìobh thu riamh, no an rud as motha a thug tlachd dhut?

[RODY] 'S dòcha gur e a' chiad rud a chaidh fhoillseachadh. Bidh cuimhne agad air a siud gu siorraidh bràth, agus tha cuimhn' 'am a' chiad dàn a sgrìobh mise, a' chiad dàn ann an Gàidhlig a sgrìobh mise. 'S ann o chionn fichead bliadhna a bha e agus nochd e anns an iris, ‘New Writing Scotland’, agus bha mi air mo dhòigh fad na mìosan fada leis an aon dàn bheag a bha siud. Nist, tha mi air na ceudan dhiubh a sgrìobhadh bhon uair sin is chan eil mi an dùil gu bheil gin dhiubh air uimhir a thlachd a thoirt dhomh agus a thug am fear sin. Ach tha mi air a bhith ag obair a-nist o chionn faisg air bliadhna a-nist air sreath gu math fada de bhàrdachd anns an dà Ghàidhlig agus as a' Bheurla, agus tha measgachadh, agus tha iad a' dol an lùib a' chèile fad na tìde, agus tha stuth - seann stuth air an do chuir mi riochd an latha an-diugh, mar gum bitheadh - agus tha stuth a chruthaich mi às ùr agus stuth a thionndaidh mi gu Gàidhlig an latha an-diugh is Gaeilge an latha an-diugh a rèir an tsuidheachaidh agus tha sin stèidhte air sgeulachd Shuibhne, Buile Shuibhne, a dh'fheuch iomadach bàrd nas fheàrr na mi fhìn, Seumas Heaney nam measg 's dòcha gu bheil dùbhlan ann a shiud - agus tha sin air toileachas a thoirt dhomh nach eil mi a' faireachdainn le càil sam bith a sgrìobh mi o chionn ùine fhada. Agus thèid … Nochdaidh e sa chlò an ath-bhliadhna. So, chì sinn dè an seòrsa … ciamar a thèid gabhail ris. Ach tha mi toilichte leis a siud an-dràsta, agus chan ann tric a chanainn siud mun obair agam, ach mar aon chnap còmhla, tha … tha mi caran toilichte leis a seo.

[DEREK] Dè an t-àite as annasaiche dhan deach thu le bhith a' sgrìobhadh, no an rud as annasaiche a thachair dhut ri linn?

[RODY] Tha cuimhn' 'am, bha mi turas … Bha mi a' leughadh ann an toll san talamh. Agus às dèidh siud ann an craobh ann an àite air a bheil Druskininkai ann an Lituàinia, agus nas fhaisg air an taigh, bha mi aon turas a' leughadh san tùr ann am Port-adhair Inbhir Nis. Ann an iomadach dòigh, bheir a' bhàrdachd gu àiteachan neònach thu, ach … agus àiteachan tlachdmhor fhèin cuideachd. Tha thu a' cruthachadh ceanglaichean le bhith a' sgrìobhadh. Tha thu a' dol an lùib feadhainn eile a tha ris an aon obair - car an aon obair riut fhèin - is tha thu a' faicinn mar a tha iadsan ga làimhseachadh seach mar a tha thu fhèin. Is tha sin na thogail inntinn an-còmhnaidh. Ach cuideachd gu bheil thu a' dol an lùib dhaoine eile a tha ri ealain air choireigin aig nach eil an aon càirdeas ri sgrìobhadh fhèin, agus 's e fosgladh sùil a tha sin cuideachd. Chan eil fhios 'am a bheil sin annasach, ach 's e rud cianail fhèin feumail is inntinneach a th' ann.

[DEREK] Rody, tapadh leat gu dearbha.

[RODY] Do bheatha, a dhuine. Tapadh leat fhèin.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!