FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Singing Seinn

Christine Primrose, well known for her singing and music. Cairistiona Primrose, eòlas aig a h-uile duine oirre airson a seinn agus a’ ceòl.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Christine Primrose: Seinn

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Còmhla rinn an-dràsta tha Cairistiona Primrose agus cha leig mise a leas mòran a ràdh mu deidhinn, oir tha a h-uile duine cho eòlach oirre airson a seinn agus a ceòl. A Chairistìona, a' dol air ais dhan an toiseach ma-thà, dè a' chiad chuimhne a th' agad fhèin air ceòl?

[CHRISTINE] Tha cuimhn' agam fear a' tighinn chun an taigh’ againn. Bha e anns an dùthaich, bha e anns an sgìre againn … Bha e a' dèanamh artaigil dha … dhan a' BhBC, tha mi a' smaoineachadh. Fear … Godfrey Winn an t-ainm a bh' air. Agus bha e a' dèanamh pìos mu dheidhinn na h-eileanan 's mu dheidhinn a' Chlò Mhòr 's Clò Hearach 's breabadairean 's rudan mar sin, 's chan eil fhios agamsa dè mar a thàinig e chun an taigh againne, ach chaidh a stiùireadh a-mach thugainne codhiù agus cuideigin a' cantainn, "O, seinnidh an tè sin, an nighean bheag sin, amhran dhuibh," agus tha mi a' smaoineachadh gu robh mi ceithir bliadhna agus tha cuimhne agam an duine a bha seo - 's e srainnsear a bh' ann. 'Fhios agad, cha robh sinne a' faicinn mòran shrainnsearan no mar sin, agus tha cuimhn' 'am a bhith a' seinn dha, agus 's e a sheinn mi ‘Falt Trom, Trom Dualach’. Tha cuimhn' 'am air a sin. Ach, a bharrachd air an sin, bhiodh … Bhiodh uncail m' athair a' tighinn dhachaidh a h-uile bliadhna à Canada, agus … Chan e uncail m' athair - bràthair m' athair, uncail dhomh fhìn! Agus bhiodh an-còmhnaidh seòrsa de chruinneachadh ann an taigh mo sheanmhair, 'eil fhios agad? 'S bhiodh tape recorder aige, 's bhiodh daoine a' seinn, 'fhios agad, as an teaghlach, no ag innse sgeulachd 's rudan mar sin 's tha cuimhn' 'am a bhith a' seinn ann a shin cuideachd. Bha e cho nàdarrach dha daoine a bhith a' seinn co-dhiù, eil fhios agad? Agus chan e … cha robh càil eadar-dhealaichte ann dhòmhsa a bhith a' seinn. Bha mi a' seinn bho bha mi glè, glè bheag, agus sin a' chuimhne a th' agamsa, daoine, 'fhios agad, a' tighinn … a' cruinneachadh ann an taighean dhaoine eile, 's can, "Siuthad, seinn amhran," 's, "Gabh amhran," 's rudan mar sin. Cha robh càil, tha mi a' smaoineachadh, eadar-dhealaichte na àite sam bith eile, bho àite sam bith eile, chanainn.

[SEUMAS] An canadh tu gur e gibht a chaidh fhàgail agad, an rud a thàinig gad ionnsaigh gu nàdarra, air no an robh agad ri obair air a leasachadh?

[CHRISTINE] O, tha mi a' smaoineachadh gu robh e agam, gu bheil e agam gu nàdarra, leis an fhìrinn. Chan urrainn dhom smaoineachadh a-nis a bhith às aonais, mar gum bitheadh, agus chan e rud a bha me … a chur mi romham a bhithinn a' dèanamh idir, idir, ach dìreach mar a thàinig e gun a seo fhèin, 'fhios agad? Nuair a smaoinicheas mi air ais air mo bheatha, tha e glè iongantach mar a stiùir e mi gu rudan, an t-seinn agam, 's tha mi a' smaoineachadh … Tha mi a' creids' gu mòr ann an rudan. Ma tha e an dàn dhut, 'eil fhios agad? 'S bha e an dàn dhòmhsa an rud a tha mi a' dèanamh. Tha mi mionnaichte às a sin.

[SEUMAS] Dè na h-òrain as fheàrr leat a bhith a' seinn, agus carson?

[CHRISTINE] 'S caomh leams' na h-amhrain tiamhaidh, àlainn, le fonn brèagha orra, ag innse sgeulachd, agus feumaidh fonn brèagha, dhomhsa, a bhith air an amhran. Mura h-eil, chan eil mi ag iarraidh a sheinn, ged a bhiodh a' bhàrdachd cho math ri math. 'S e sin a tha ga mo tharraing. Agus sin … Chan eil aon seach aon. Mar a thuirt mi, tha tòrr amhrain - agus tha e ag atharrachadh bho latha gu latha. Tha e dìreach a rèir 's dè mar a tha mi fhìn a' faireachdainn. Bidh amhrain a' tighinn a-steach orm, 's bidh mi, "O, 'se amhran brèagha a tha sin!" Bidh e dìreach … Chan eil fhios 'am … Bidh mi dìreach ag iarraidh a sheinn an uair sin fhèin, 'eil fhios agad? Agus 's dòcha an ath sheachdain nach bi guth agam air.

[SEUMAS] Bheil thu ga fhaighinn doirbh a bhith ag ionnsachadh òrain, chan e a-mhàin na facail ach an ceòl cuideachd? A bheil e … A bheil sin a' tighinn gad ionnsaigh gu soirbh?

[CHRISTINE] Uill, chan eil. Tha mi a' smaoineachadh … 'Eil fhios agad dè a tha dhòmhsa duilich a dhèanamh ceart? 'S e puirt-à-beul. 'S na puirt, tha iad dhòmhsa … Tha mi a' faireachdainn … Tha iad uabhasach duilich a bhith gan seinn. Tha tòrr dhaoine a' smaoineachadh, dìreach bhon a tha iad mar … An seòrsa de dh' amhrain a th' annta, mar gum bitheadh, amhrain beaga, 'fhios agad, agus suigeartach, tha iad a' smaoineachadh gu bheil iad cho furasta an ionnsachadh, ach chan eil! Bidh mise a' toirt greis mhòr mus ionnsaich mi puirt. Ach amhrain eile, chan eil e a' toirt uabhasach fada, bhon chan eil mi … Tha mi buailteach dìreach a bhith ag ionnsachadh amhrain air a bheil mi fhìn, 'fhios agad, dèidheil, agus le sin, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e ga dhèanamh nas fhasa dhomh fhìn, eil fhios agad?

[SEUMAS] A bheil thu a' smaoineachadh gu bheil an dòigh seinn agad, an stoidhle agad, air atharrachadh thar nam bliadhnaichean?

[CHRISTINE] Chan eil gu mòr. Tha gu ìre, le, dìreach, leis a' chleachdadh mar gum bitheadh, ach chan eil e air atharrachadh cho mòr ri sin idir, chanainn. Tha an aon stoidhle, an aon sheòrsa … Mar as aosta a tha thu a' fàs, mar as motha a tha thu ga dhèanamh, tha barrachd tuigse agad ann an dòigh air … mu dheidhinn do ghuth fhèin, 's dè a nì thu leis no dè nach b' urrainn … nach urrainn dhut a dhèanamh leis 's rudan mar sin.

[SEUMAS] Tha mi a' creidsinn gur iomadh cothrom a fhuair thu, 's iomadh àite is rud a chunna' tu le do sheinn.

[CHRISTINE] 'S iomadh rud a chunna' mi 'S iomadh rud a rinn mi!

[SEUMAS] 'S e gu dearbha! Dè a dh'iarradh tu a dhèanamh fhathast? Bheil càil idir ann a dh'iarradh tu a dhèanamh fhathast?

[CHRISTINE] Uill, àite sam bith. 'S caomh leamsa a bhith a' siubhal, agus, leis an t-seinn agam, leis an fhìrinn. Chan eil. Cha do smaoinich mi mu dheidhinn sin. Tha mi air a bhith cho fortanach gun d' fhuair mi na cothroman a fhuair mi agus a tha mi a' faighinn air a bhith a' seinn air feadh an t-saoghail, tha mi a' creids', agus chan eil mi a' cantainn rium fhìn, "O, chòrdadh e rium a dhol - chan eil fhios agam càit - a dh'Afraga," no rudeigin mar sin.

[SEUMAS] Ach ma thig an cothrom, gabhaidh tu e?

[CHRISTINE] Ma thig an cothrom, ma tha daoine ga iarraidh, thèid mi ann.

[SEUMAS] A Chairistìona, tapadh leibh an-dràsta.

[CHRISTINE] Tapadh leat fhèin.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!