FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Caitlin Smith from Inverness, who went to a Gaelic-medium school. Caitlin Nic a’ Ghobhainn às Inbhir Nis, tè òg a th’ air a bhith ann am fòghlam Gàidhlig.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Caitlin Nic a' Ghobhainn: Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Còmhla rinn an-dràsta tha Caitlin Nic a' Ghobhainn às Inbhir Nis, tè òg a th' air a bhith ann am fòghlam Gàidhlig bhon a' chiad dhol a-mach. A Chaitlin, dè a' chiad cuimhne a th' agad air Gàidhlig ma-thà? Ciamar a thòisich d' fhòghlam ann an Gàidhlig?

[CAITLIN] Chuir mo phàrantan mi fhìn agus mo phiuthar a-steach gu fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chionn 's gu robh Gàidhlig na mo theaghlach. Bha mo sheanair ga bhruidhinn, is tha esan à Geàrrloch agus cha robh cothrom aig mo mhàthair Gàidhlig a dhèanamh san sgoil 's mar sin, bha i ag iarraidh gun cumadh sinne oirnn Gàidhlig anns an teaghlach. Agus chaidh sinn gu Bun-sgoil a' Mheadhain ann an Inbhir Nis agus an uair sin chaidh sinn gu Acadamaidh Allt a' Mhuilinn, agus tha mi air Gàidhlig a dhèanamh an sin suas gu Sàr Àrd-Ìre.

[SEUMAS] Bheil thu toilichte gun do chuir do phàrantan gu fòghlam Gàidhlig thu?

[CAITLIN] O tha, oir 's e pàirt de mo chultar a th' ann is tha mi a' faireachdainn nas dlùithe ri mo chultar agus ri mo dhùthaich, a chionn 's gur e cànan na Gàidhealtachd a th' ann agus gun urrainn dhòmhsa a ràdh gum b' urrainn dhomh Gàidhlig a bhruidhinn, so tha mi toilichte gu bheil mi ...

[SEUMAS] Dè an aois aig an robh thu nuair a mhothaich thu gu robh ceangal aige ri do chultar?

[CAITLIN] Chanainn … 's e nuair a bha mi mu dheich bliadhna a dh' aois, a chionn 's tha mi glè mheasail air ceòl agus nuair a thòisich mi a' seinn sa Ghàidhlig, 's e sin nuair a mhothaich mi gu robh ceangal mòr agam ri cultar na h-Alba agus na Gàidhealtachd a chionn 's gur e Gàidhlig cultar agus cànan na Gàidhealtachd.

[SEUMAS] Chaidh thu tro fhoghlam na sgoile, cho-dhùin thu cumail ort le fòghlam Gàidhlig. Dè a tha thu a' dèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig?

[CAITLIN] Tha mi a' dèanamh Gàidhlig agus Conaltradh an-dràsta, agus bidh mi a' dèanamh na modalan Na Meadhanan, is tha mi an dùil obair na meadhanan a dhèanamh san am ri teachd agus 's dòcha ag obair air an TBh no an rèidio anns a' Ghàidhlig, ach chì sinn.

[SEUMAS] Dè na rudan air a bheil cuimhne agad a thug dùbhlan dhut? Dè na rudan a bu dorra dhut ag ionnsachadh na Gàidhlig?

[CAITLIN] Uill, nuair a bha mi a' fàs suas agus a bha againn ri obair dachaidh a dhèanamh is chan eil mo mhàthair no m' athair a' bruidhinn Gàidhlig, so bha e car doirbh ma bha mi steigte, ach chuir sinn suas ris a chionn 's bha teaghlach agam a bha ga bhruidhinn, so 's urrainn dhomh dìreadh fònadh thuca agus cuideachd, bha mo phiuthar a' dèanamh Gàidhlig cuideachd, so b' urrainn dhìse gam chuideachadh agus mise an aon rud. Yeah, chanainn gur e a bhith a' fàs suas mar dìreach fhathast a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus nuair a bha mi steigte, cha robh really ... Bha e car doirbh, ach tha e nas fhasa a-nis.

[SEUMAS] Dè cho mòr sa bha e na chuideachadh dhut gu robh do phiuthar cuideachd a' dol tro fhòghlam Gàidhlig aig an aon àm?

[CAITLIN] A chionn 's gu robh ise a' dol tron an fhoghlaim cuideachd cha robh mi leam fhìn, agus mar an cuideachadh a thug i dhomh agus an cuideachadh a thug mise dhi cuideachd chanainn gur e sin an aobhar … Bha e … Bha e nas fhasa dhòmhsa.

[SEUMAS] Bhiodh caraidean agad, tha mi a' creidsinn, aig nach robh Gàidhlig. Dè a' bheachd a bh' acasan ort?

[CAITLIN] O, uill, bha iad an còmhnaidh mar, "O, an can thu seo sa Ghàidhlig?" is, "Dè tha seo sa Ghàidhlig?" agus bha e gu math èibhinn a chionn 's bha iad a' coimhead air gur e rud "cool" a bh' ann agus gu robh sinn a' bruidhinn dà chànan agus bha iad a' coimhead air mar gum b' e rud math a bh' ann, agus fhathast, tha iad a' dèanamh sin.

[SEUMAS] 'S ciamar a bha sin a' còrdadh riutsa? An robh thu moiteil asad fhèin gu robh Gàidhlig agad?

[CAITLIN] Bha, agus tha mi fhathast, a chionn 's gun urrainn dhomh a ràdh gum b' urrainn dhomh dà chànan a bhruidhinn, agus, dìreach, tha mi glè thoilichte gu bheil mi a' bruidhinn Gàidhlig a chionn 's gur e pàirt dhen chultar againn a th' ann.

[SEUMAS] Chaitlin, tapadh leatsa.

[CAITLIN] Tapadh leibh.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!