FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Greg Thomson, born and raised in Clydebank, now lives and works on the Isle of Skye. Rugadh agus thogadh Greg MacThòmais ann am Bruaich Chluaidh, ach tha e an-diugh a’ fuireach agus ag obair anns an Eilean Sgitheanach.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Griogair MacThòmais: Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Còmhla rium an-dràsta tha Greg MacThòmais, a rugadh agus a thogadh ann am Bruaich Chluaidh, ach a tha an-diugh a' fuireach agus ag obair anns an Eilean Sgitheanach. Greg, ciamar a thòisich thu fhèin leis a' Ghàidhlig?

[GRIOGAIR] Thug tòrr diofar rudan orm Gàidhlig ionnsachadh. Bha ùidh agam ann an ceòl, ann an eachdraidh na h-Alba, ann an ainmean-àite. Nuair a bha sinn glè òg, bhitheamaid a' dol air saor-làithean do EarraGhàidheal agus àiteachan mar sin cuide ris an teaghlach agam, agus bha a h-uile rud mar sin a' toirt orm smaoineachadh air a' Ghàidhlig a bha timcheall oirnn, ach nach robh timcheall oirnn tuilleadh.

[SEUMAS] Agus dè an aois aig an robh thu nuair a thuirt thu riut fhèin gun toireadh tu ceum nas fhaide agus gun ionnsaicheadh tu Gàidhlig?

[GRIOGAIR] 'S dòcha aig toiseach na h-àrd-sgoil, agus bha mi caran a' smaoineachadh, "Carson nach eil dad mar seo ... "Carson nach eil sinn a' faighinn dad mar seo anns an sgoil? " Agus bha mi a' smaoineachadh air rudan mar sin, gu h-àraidh nuair a bha ùidh agam ann an rudan agus cùisean Albannach agus cha robh sinn a' faighinn mòran dheth anns an sgoil, 's bha sin a' toirt orm smaoineachadh air.

[SEUMAS] Cha robh e comasach dhut Gàidhlig fhaighinn mar chuspair anns an sgoil. Ciamar a chaidh thu timcheall air Gàidhlig ionnsachadh dhut fhèin?

[GRIOGAIR] An toiseach, le bhith a' leughadh leabhraichean. Bhitheamaid a' falbh cuide ri m' athair a h-uile deireadh seachdain agus bhithinn fhèin a' dol dha na bùithtean, bùithtean nan leabhraichean, agus cheannaich mi leabhar Gàidhlig no dhà airson Gàidhlig ionnsachadh.

[SEUMAS] Dè na dùbhlain a thug e dhut a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig leat fhèin?

[GRIOGAIR] Bha e gu math doirbh aig an toiseach, agus ged a bha mi ag ionnsachadh beagan agus bha mi ... Uill, bha mi ceart gu leòr air leughadh agus èisteachd cuideachd le bhith ag èisteachd ri teipichean agus a h-uile rud mar sin, ach cha b' ann gus an do rinn mi cùrsa ceart, foirmeil ann an Colaiste Bhruach Chluaidh a chuir mi a h-uile rud mar sin còmhla airson còmhradh a chumail.

[SEUMAS] Dè an ìre de dh'fhileantachd a ràinig thu le bhith gad ionnsachadh fhèin mus deach thu air adhart gu cùrsa foirmeil?

[GRIOGAIR] Ràinig mi gu ìre a bha math gu leòr 's dòcha airson còmhradh gu math sìmplidh a chumail, ach, mar a thuirt mi, cha b' ann gus an do rinn mi cùrsa foirmeil a chuir mi a h-uile rud còmhla.

[SEUMAS] Agus dè an ath cheum a ghabh thu?

[GRIOGAIR] A bhith a' dèanamh an cùrsa sin ann am Bruach Chluaidh. Rinn mi sin fad bliadhna. Bha sin a' tachairt a h-uile madainn, agus an uair sin, fhad 's a bha mi ann, fhuair sinn cothroman gu leòr. Fhuair sinn cothroman a dhol dhan Eilean Sgitheanach agus bha mi an sàs ann am Pàrlamaid nan Oileanach ann an Doire ann an Èirinn, agus nuair a bha mi ann, thachair mi ri daoine a bha aig an t-Sabhail Mhòir agus tha mi a' smaointinn, mun àm sin, bha mi air cur a-steach dhan an tSabhail Mhòir airson a' Chùrsa Comais a tha seo agus fhuair mi amach barrachd bho nah-oileanaich a bha ann an Doire aig an àm sin.

[SEUMAS] Ciamar a thug a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig agus a' dèanamh a' Chùrsa Comais piseach air a' Ghàidhlig agad?

[GRIOGAIR] Cha mhòr nach robh mi a' dèanamh an aon chùrsa a rinn mi ann am Bruach Chluaidh agus chanainn gu robh sin uabhasach math, uabhasach math dhomh airson na structaran gràmair fhaighinn ceart nam inntinn, na mo cheann, agus dìreach a' toirt dhomh cothrom a bhith a' fàs beagan nas fileanta.

[SEUMAS] Tha thu a-nise ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig. Dè an seòrsa cothrom a tha sin a' toirt dhut a bhith fhathast ag ionnsachadh 's a' leasachadh do Ghàidhlig?

[GRIOGAIR] Tha mi ag ionnsachadh tòrr bho dhaoine a tha a' tighinn a-steach dhan an leabharlann a h-uile latha, eadar oileanaich agus daoine bhon taobh a-muigh cuideachd a tha a' tighinn a-steach, Gàidheil agus daoine a dh'ionnsaich na Gàidhlig cuideachd, agus tha clasaichean ann don luchd-obrach cuideachd, cuide ri fileantaich far a bheil thu a' faighinn diofar gnathasan cainnte agus rudan mar sin, agus tha sin air leth cuideachail.

[SEUMAS] 'S an canadh tu gu bheil thu a' sìor-leasachadh do Ghàidhlig? An e obair a th' ann, mar gum bitheadh, a tha fhathast a' dol air adhart?

[GRIOGAIR] Tha, agus bithidh gu bràth tuilleadh, tha mi cinnteach.

[SEUMAS] Greg, tapadh leatsa an-dràsta.

[GRIOGAIR] Tapadh leat.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!