FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Photography Dealbhadaireachd

Cailean Maclean, a photographer from the Isle of Skye. Cailean MacGhilleathain - na dhealbhadair san Eilean Sgitheanach.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Cailean MacGhilleathain: Dealbhadaireachd

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Còmhla rium a-nise tha Cailean MacGhilleathain a tha na dhealbhadair san Eilean Sgitheanach. Fàilte ort, a Chailein.

[CAILEAN] Tapadh leat.

[ANGELA] An innis thu dhomh an toiseach cuin agus ciamar a fhuair thu eòlas air obair dhealbhadaireachd anns a' chiad dol a-mach?

[CAILEAN] Thogadh mi ann an Uibhist a Deas. Bha mo phàrantan ... 'S ann às an Eilean Sgitheanach agus Ratharsair a bha iad, ach bha iad a' fuireach ann an Uibhist a Deas airson deich bliadhna fichead agus bha m' athair na dhotair thall an sin. Agus rè na h-ùine sin, bha dotair eile ag obair cuide ris, fear Coinneach MacDhonnchaidh. Bha e math air dealbhan a tharraing le camara agus le peant, agus bha mi tric a' faicinn na dealbhan a bha e air a thogail, agus ghabh mi car de nòisean dhan a h-uile sian an uair sin. Ach, mo bhràthair, Ùisdean, bha barrachd ùidh aigesan anns an rud agus cheannaich esan seann chamara Ghearmailteach, Voigtländer - tha e agam fhathast - agus chuir e air dòigh seòmar dhorcha anns an taigh agus bhiodh esan ag obair air dealbhan a thoirt air adhart bho film gu rud air a chlòbhualadh agus bhithinn a' cur seachad feasgar no dhà cuide ris-san anns an tseòmar dorcha, dìreach a' faicinn na bha e a' dèanamh agus a h-uile sìon. Ach an rud eile a bha a' dol ann an Uibhist aig an àm - Uibhist a Deas - bha an leabhar aig Paul Strand dìreach air ùr-nochdadh. Bha leabhar againn a-staigh a chuir Paul Strand thugainne, agus bha buaidh mhòr aige sin orm. Agus nuair a chaidh mi dhan oilthigh ann an Obar Dheathain, 's ann an uair sin a thòisich mi-fhìn air obair a dhèanamh anns an t-seòmar dhorcha, anns an "darkroom", agus bha buidheann chamara anns an oilthigh agus ghabh mi pàirt ann a sin. Tha cuimhn' 'am a' chiad chamara a cheannaich mi. 'S e camara Ruiseanach, brùid mhòr de chamara. Chosg e còig nota fichead dhomh. 'S e airgead mòr a bha sin aig an àm agus 's e, mar a chanas iad anns a' Bheurla, "single lens reflex" a bh' innte, 's thòisich mi leatha sin.

[ANGELA] Dè an seòrsa deilbh a bha thu a' togail leis a' chiad chamara a bh' agad?

[CAILEAN] Seach gu robh mi ann an Obar Dheathain, 's e dealbhan tron a' bhaile, anns a' bhaile, dealbhan dhaoine a bha mi a' togail. Dealbhan dubh is geal ancòmhnaidh, oir bha cothrom agam obair a dhèanamh orra anns an t-seòmar dhorcha. Sin an rud ... Bha barrachd ùidh agam anns na gnothaichean sin an uair sin.

[ANGELA] Tha diofar mòr eadar siud agus na camaras didseatach a th' againn a-nis.

[CAILEAN] Tha na camaras fhèin ... Chan eil mòran eadar-dhealachadh eadar "single lens reflexes" anns a bheil film agus an fheadhainn didseatach anns a bheil "lightsensitive cell", no ge bith dè a chanas tu riutha, ach an diofar as motha, 's e gu bheil na dealbhan didseatach, tha e a' toirt dhut comas rudan eadardhealaichte a dhèanamh leotha, rudan nach dèanadh tu gu bràth ann an seòmar dorcha, agus tha seo ga dhèanamh air coimpiutar, mu choinneamh sgrion, le bathar bog a tha furasta a làimhseachadh. Tha e cho goireasach agus cho furasta, ach tha sin a' ciallachadh a-nise gu bheil cha mhòr a h-uile duine na dhealbhadair. Chan eil duine aig nach eil camara anns an latha a th' ann, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil an àireamh de dhealbhan a tha gan togail gach bliadhna air a dhol a mheud iomadach turas. Nuair a bha na h-uidheaman gann, bha an-còmhnaidh eadar-dhealachadh eadar thu fhèin agus daoine aig nach robh camaras. Bha sin follaiseach, agus chan eil e cho furasta anns an latha a th' ann.

[ANGELA] Dè na seòrsa dealbhan as fheàrr leat a bhith a' gabhail?

[CAILEAN] Seach gu bheil sinn a' fuireach ann an eilean a tha cho brèagha, agus air ar cuairteachadh le eileanan eile a tha cho brèagha, tha mi buailteach air dealbhan tìre, seallaidhean a ghabhail - mar a chanas iad anns a' Bheurla, "landscapes". Uaireannan eile, 's ann barrachd air daoine a tha mi ag obair, no air "minutiae" - rudan beaga a chì thu ann an nàdar no ann an toglaichean agus gnothaichean mar sin. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e ag atharrachadh a rèir mar a tha thu fhèin a' faireachdainn, 's an suidheachadh anns a bheil thu fhèin aig an àm.

[ANGELA] A bheil àite no àiteachan as fheàrr leat fhèin?

[CAILEAN] Tha iomadach àite ann, agus tha a' mhòr chuid dhiubh sin air a' Ghàidhealtachd. Tha Rubha Hùnais ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich - 's toigh leam gu mòr a bhith ann an sin - Tarsgabhaig ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, air mullach Sgùrr na Strì - 's e tè dhe na Cuiltheann a tha sineach - an Neist ann an ceann an iar thuath an Eilein Sgitheanaich, aig an taigh-sholais a sin, agus ann an eileanan eile a leithid Uibhist, gu seachd-àraid air na machraichean, tha an-còmhnaidh rudan annasach, àlainn agus eadar-dhealaichte ri fhaicinn ann an sin 's iomadach cothrom airson dealbh a ghabhail an sin. Leòdhas, taobh an iar Leòdhais ... Thug dealbhadaireachd orm a dhol a choimhead air na diofar sgìrean sin, coiseachd - gu seachd-àraid coiseachd - a-null gu rubha air choreigin, no gu mullach beinne air choreigin agus tha mi taingeil gun tug dealbhadaireachd ... thug e orm sin a dhèanamh.

[ANGELA] Tha thu a-nise, na làithean-sa, a' teagasg dhaoine eile. Dè a' chomhairle a bheireadh tu do chuideigin a bha ag iarraidh obair dhealbhadaireachd a dhèanamh mar chur-seachad?

[CAILEAN] Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach a' tuigsinn nach e an camara an rud as cudromaiche. Tha an dà rud as cudromaiche na do cheann fhèin, agus ma tha sùil mhath agad, bu chòir dhut tòiseachadh le camara nach eil cho daor ri cheannach agus a bhith ris cho tric 's as urrainn dhut agus cuideachd a bhith a' coimhead air dealbhan a thog dhaoine eile. Tha iomadach eisimpleir air an eadar-lìon, ann an taisbeanaidhean, ann an leabhraichean ... Dìreach a bhith a' coimhead orra, agus ma tha rudeigin a rinn iadsan a' còrdadh riut, agus tha e ag obrachadh, carson nach fheuch thu fhèin air sin atharrais? Agus uaireannan, tha sin ag obrachadh, agus tha e tlachdmhor nuair a tha thu air dealbh a tha ag obrachadh a tharraing.

[ANGELA] Ceud taing, a Chailein.

[CAILEAN] 'S e do bheatha, gu dearbha.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!