FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Astronomy Reul-eòlas

Caoimhín Ó Donnaíle lives on the Isle of Skye and has a keen interest in astronomy. Tha Caoimhín Ó Donnaíle a’ fuireach san Eilean Sgitheanach agus tha ùidh mhòr aige ann an reul-eòlais.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Caoimhín Ó Donnaíle: Reul-eòlas

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Còmhla rium an-dràsta tha Caoimhín Ó Donnaíle, a tha a' fuireach san Eilean Sgitheanach agus aig a bheil ùidh mhòr ann an reul-eòlais. Fàilte ort, a Chaoimhín. An inns thu dhomh an toiseach cò às a tha thu bho thùs agus ciamar a thàinig thu gu bhith a' fuireach san Eilean Sgitheanach?

[CAOIMHÍN] Thogadh mi ann an Inbhir Àir - Ayr - 's chaidh mi gu Oilthigh Ghlaschu agus bha mi ag obair ann an Dùn Èideann agus, uill, dh'fhalbh an tè a bha a' teagasg coimpiutaireachd an seo romham agus bha iad ag iarraidh cuideigin aig an robh Gàidhlig agus eòlas coimpiutaireachd. Sin aona bhliadhn' fichead air ais agus thàinig mi dhan Eilean an uair sin.

[ANGELA] Tha ùidh mhòr agad ann an reul-eòlais. An innis thu dhomh dè dìreach a th' ann an reul-eòlais?

[CAOIMHÍN] A h-uile rud mu na rionnagan agus na tha sna speuran. Tha diofar ìrean ann. Tha na fìor eòlaichean aig na h-oilthighean a' staideadh cosmology agus galaxies fad às agus breith a h-uile rud agus mar sin air adhart, ach 's e seòrsa de eòlas àbhaisteach a th' agam air.

[ANGELA] Carson a tha e a' còrdadh riut cho mòr mar chur-seachad?

[CAOIMHÍN] Chan e cur-seachad a th' ann dhòmhsa, ach dìreach tha iad ann agus tha e math a bith eòlach orra agus tha e gu math prataigeach cuideachd. Tha fios aig daoine mar a tha An Crann agus ma tha thu a' leantainn na "pointers" gu Rionnag a Tuath agus a' dèanamh do shlighe anns an dòigh sin, agus rinn mi sin barrachd is aon turas nuair a bha mi air na monaidhean air an oidhche. Ach nuair a bha mi aig an oilthigh, bha mi a' dol còmhla ris a' chomann sreap san deireadh seachdain gu bothain ann an Gleann Nibheis no àite fad às agus chur e iongnadh mòr orm cho brèagha, deàrrsach 's a ... Cha b' urrainn dhut a bhith ann an àite mar seo air oidhche bhrèagha reòite agus Slighe (Chlann) Uisnich agus na rionnagan gu lèir fhaicinn agus gun a bhith làn iongnadh. Iongantach.

[ANGELA] 'S e gluasad na gealaich cuspair a tha air leth inntinneach dhut fhèin. Carson a tha sin?

[CAOIMHÍN] Tha e math a bhith a' tuigsinn rudan agus tha e gu math sìmplidh ri thuigsinn nuair a tha thu cleachdte ri faicinn na diofar cumaidhean agus mar a tha e ag atharrachadh. Tha a' ghrian air a dhol fodha ann a shin agus tha leth-chearcall na gealaich ann a shin agus tha fios agad gur e a' ghrian a' deàrrsadh air a' ghealaich a tha a' dèanamh sin. Agus cuideachd, tha buaidh aige air a' mhuir.

[ANGELA] An urrainn dhut mìneachadh dhomh dè a' bhuaidh a th' aig a' ghealach air a' mhuir?

[CAOIMHÍN] B' urrainn. Thàinig mi a-steach le dèideagan an seo, leis na buill airson mìneachadh. Seo a' Ghrian, ceud gu leth millean cilemeatair air falbh, agus seo an Talamh agus seo a' Ghealach. Agus le seo agus na planaidean eile, sin an Rian-grèine. Tha buaidh mhòr aige air an uisge. Tha an uisge anns na cuantan saor airson gluasad. Chan eil a' chreag saor airson gluasad agus a h-uile rud anns a bheil cuideam, tha iad a' tarraing càch a chèile. Ma tha mi a' tilgeil seo suas, tha an Talamh a tha fodhainn ga tharraing a-nuas. Tha a' Ghealach a' dol timcheall na Talamh, ach chan eil e ag itealaich air falbh; tha an Talamh ga tharraing thuige, agus gu ìre, tha an Talamh a' gluasad mun cuairt cuideachd. So, le bhith a' tarraing mar seo, mar a thuirt mi, tha an t-uisge ... Seo an uisge buidhe a th'agam an seo. Tha cnap de dh'uisge air taobh na Gealaich, agus sin an làn. Ach, shaoileadh tu leis a sin nach biodh ach aon làn ann gach latha, ach tha an t-uisge air an taobh thall ... ... tha e a' tarraing na Gealaich nas laige agus tha e ag itealachadh air falbh gu ìre leis a' chuairteachadh mar seo, so tha cnap eile air an taobh thall, agus sin an adhbhar, às dèidh dusan gu leth de dh'uairean a thìde, tha lìonadh agus tràghadh eile ann. Bha mi a' tuigsinn seo bho nuair a bha mi òg agus bha mi air cluinntinn mu dheidhinn "spring tides" agus "neap tides" - sin reothart agus conntraigh - ach cha robh fios agam buileach dè a bh' ann. Uill, gu deimhinn, nuair a bha bàta eathar fiodh - agam, fhuair mi a-mach, oir ma tha thu ag iarraidh am bàta a chur air tìr dhan a' gheamhradh, feumaidh fios a bhith agad ... Nuair a tha conntraigh ann, chan eil ann ach èirigh agus tràghadh rud beag gach latha, 's dòcha meatair air gach taobh. Nuair a tha reothart ann, 's e dhà no trì meatairean air gach taobh, còig no sia uile gu lèir, agus ma tha thu a' cur bàta air tìr, feumaidh e a bhith cho àrd 's a ghabhas gus nach tig a' mhuir agus stoirm agus gu sguab iad am bàta air falbh. 'S e a' Ghrian a tha ag adhbharachadh seo, oir, a bharrachd air a' Ghealach a bhith a' tarraing uisge agus a' tilgeil uisge air falbh, ag adhbharachadh dà lìonadh gach latha, tha a' Ghrian a' dèanamh an aon rud, agus ma tha a' Ghealach mar seo, tha buaidh na Grèine agus buaidh na Gealaich a' dol tarsainn air a chèile, agus 's e conntraigh a chanas iad ri seo. Chan eil an ... Tha iad a' dubhadh às a chèile gu ìre agus chan eil ach beagan de shiubhal mhara ann, ach nuair a tha iad ann an sreath an seo, nuair a tha a' ghealach an seo no an seo, tha iad a' cur ri càch a chèile agus tha a' mhuir gu math àrd agus 'se reothart a chanas iad ri sin.

[ANGELA] Ciamar a bhios tu a' coimhead na Gealaich? A bheil uidheamachd sònraichte agad?

[CAOIMHÍN] Tha mi fhìn dìreach a' coimhead air le prosbaig, "binoculars", agus tha i glè mhath. Duine sam bith, faodaidh iad coimhead a' Ghealaich le ... dìreach "binoculars" àbhaisteach agus chì thu na "crateran" agus rudan. Tha e nas fheàrr nuair a tha leth-ghealach ann, oir tha na ... Tha faileas ... rudan nas soilleire nuair a tha faileasan ann agus chì thu cruthan na "craters" nas fheàrr. Nuair a tha gealach làn ann, tha a h-uile rud tuilleadh is deàrrsach so sin an tàm as fheàrr, agus gu h-àraid air an oir an seo.

[ANGELA] Nuair a thig e gu bhith a' coimhead na Gealaich, a bheil e nas fheàrr a bhith amuigh air an tuath, mar an t-Eilean Sgitheanach, far nach eil truailleadh solais ag adhbharachadh duilgheadas dhut?

[CAOIMHÍN] Chì thu a' Ghealach ann an àite sam bith, gu ìre, ach tha e nas fheàrr airson na rionnagan fhaicinn dha-rìreabh. Tha e fada nas fheàrr a bhith ann an àite dorcha, agus gu mì-fhortanach, san latha an-diugh, feumaidh tu a bhith gu math fad air falbh. Fiù 's nuair a bha mi a' draibheadh air Raineach, bha mi a' faicinn an dath. Stad mi airson cupan cofaidh 's chaidh mi a-mach às a' char, 's a' gabhail iongnadh mu na rionnagan, ach fhathast, chitheadh tu loinnear Glaschu fad às air an taobh seo agus an Gearasdan air an taobh eile. Tha sinn fortanach, uabhasach fortanach, air a' Ghàidhealtachd gu bheil comas againn na rionnagan fhaicinn. Tha daoine air an Talamh fad ceudan de mhìltean de bhliadhnaichean agus a' coimhead seo, agus 's ann dìreach a-nis a tha daoine a' fàs agus beò sna bailtean mòra 's gun a bhith a' faicinn seo idir.

[ANGELA] A bheil dad sam bith ann a bhiodh tu ag iarraidh fhaicinn a bharrachd air a' Ghealach?

[CAOIMHÍN] Satharn agus na fàinnean. Bu toigh leam sin fhaicinn gu ceart, agus na gealaich. A bharrachd air aon ghealach againne, tha iomadh gealach aig Iupatar agus bu toigh leam sin fhaicinn. Mar a bha Galileo bliadhnaichean fad' air ais.

[ANGELA] Mòran taing, a Chaoimhín.

[CAOIMHÍN] 'S e ur beatha.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!