FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Mark Wringe learnt Gaelic and is a lecturer at Sabhal Mòr Ostaig. Mark Wringe, a tha na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus a tha air Gàidhlig ionnsachadh.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Mark Wringe: Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] A còmhradh rium a-nise tha Mark Wringe, a tha na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus a tha air Gàidhlig ionnsachadh. Fàilte ort, Mark.

[MARK] Mòran taing.

[ANGELA] An innis thu dhomh an toiseach co às a tha thu agus ciamar a thàinig thu gu Gàidhlig anns a' ciad dol a-mach?

[MARK] Rugadh mi ann an Cille Bhrìghde an Ear, faisg air Glaschu. Cha deach mo thogail ann, feumaidh mi a ràdh; bha sinn ann an iomadach àite, a' gluasad bho àite gu àite airson grunn bhliadhnachan nuair a bha mi beag, ach 's ann, tha mi a' creidsinn, nuair a bha mi anns an àrd-sgoil ann an Cille Mheàrnaig a thòisich mi a' gabhail ùidh ann an Gàidhlig. Chan e gu robh Gàidhlig ga teagasg anns an sgoil, ach 's ann an uairsin, tha mi a' smaointinn, na mo dheugaire òg ... Bha mi mothachail gu robh Gàidhlig ann. Chuala mi bloigh beag Gàidhlig air an rèidio. Dh'fhaillich orm an stèisean sin a lorg a-rithist. Tha mi a-nise a' tuigsinn gur e 's dòcha Uilleam Carrocher agus cairteal na h-uaireach de Ghàidhlig a bhiodh ann, ach sin an seòrsa saoghal a bh' ann. Bha e doirbh coinneachadh ri Gàidhlig an uair sin.

[ANGELA] Carson Gàidhlig?

[MARK] Uill, bu toigh leam cànanan a-riamh, agus a h-uile cothrom a bh' agam, bha mi ag ionnsachadh cànan. Rinn mi Gearmailtis agus Fraingis san sgoil, mar a tha mòran a' dèanamh, agus bha Acadamaidh Cille Mheàrnaig a' tabhann Ruisis an uair sin agus ghabh mi an cothrom sin a dhèanamh. Rinn mi teisteanas Àrd-ìre ann am bliadhna. Nan robh Gàidhlig air a bhith aca anns an sgoil bha mi air Gàidhlig a dhèanamh, ach cha robh. Cha robh ann an àite sam bith a bha faisg sam bith, sam bith oirnn. Ged a bha mi air leabhraichean a cheannach, gu sònraichte, MacLaren's Gaelic Self-Taught - cheannaich mi sin ann am Menzies, ann am bùth Menzies ann an Cille Mheàrnaig.

[ANGELA] Dè a rinn thu an uair sin? Càite an deach thu airson Gàidhlig ionnsachadh gu ceart?

[MARK] Chaidh mi gu Oilthigh Dhùn Èideann agus rinn mi Ceiltis agus Ruisis anns a' chiad bhliadhna. Bha mi gu math fortanach gu robh Uilleam MacMhathain gar teagasg cuideachd. Tha mi caran moiteil às gu robh mi nam oileanach nuair a bha esan fhathast ann, agus 's e a bha gar teagasg air a' chiad bhliadhna le MacLaren's Gaelic Self-Taught, agus e a' sìor innse dhuinn, "Tha seo ceàrr. Tha seo ceàrr," agus sinn ag atharrachadh na rudan a bha sgrìobhte anns an leabhar. Ach bha oileanaich ann à Uibhist 's à Leòdhas agus às na Hearadh agus bha e math a bhith nan cuideachd, agus 's e rud a dh'obraich dhòmhsa gu sònraichte gu robh feadhainn ann a bha dìreach gu nàdarra a' bruidhinn Gàidhlig 's gu robh sinn a' bruidhinn Gàidhlig nar measg fhìn. Cha dèanadh na clasaichean leotha fhèin a' chùis. Dh'fheumadh tu rudeigin eile a dhèanamh, agus bha sinne a' dèanamh an oidhirp sinn fhìn is thòisich sinn ag iarraidh clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig. 'S e rud gu math ùr, annasach a bh' ann dhan an luchd-teagasg aig an àm, ach bha iad deònach, Dòmhnall Meek agus Raghnall Mac Ille Dhuibh, bha iad gu math deònach feuchainn, agus sin mar a thachair e.

[ANGELA] Dè cho furasta no duilich 's a bha e dhut Gàidhlig ionnsachadh?

[MARK] Uill ... Bidh daoine tric a' cantainn, "O 's e cànan doirbh a th' ann an Gàidhlig, nach e? " Chan eil mise ag aontachadh gur e cànan doirbh a th' ann. Ma tha ùidh agad ann an cànan, ionnsaichidh tu cànan. Agus 's e rud ... tha, gu h-àraid an-diugh, tha a h-uile cothrom mun cuairt ort Gàidhlig a chluinntinn, fiu 's ged nach eil cuideigin faisg ort far a bheil thu a' fuireach, tha an-diugh, telebhisean, rèidio, iPlayer, an teadar-lìon ... Tha a h-uile rud ann an-diugh. Bha cothroman aig daoine ann an Alba, fiu 's anns na seachdadan, nam biodh iad ag ionnsachadh Gàidhlig. Dh'fhaodadh tu Gàidhlig a chluinntinn. Cha bhiodh e cho furasta, ceart gu leòr, agus seo an gearan a th' aig a h-uile neach ionnsachaidh ... Chan eil e furasta a bhith gad bhogadh fhèin anns a' chànan mar a thachras ann an dùthchannan far a bheil mòr-chànan ga bruidhinn.

[ANGELA] Fhad 's a bha thu san oilthigh, fhuair thu eòlas air mar a bha cùisean ag obrachadh ann an Èirinn agus anns a' Chuimrigh. Dè a' bhuaidh a thug seo ort?

[MARK] Dh'ionnsaich sinn beagan mu dheidhinn, uill, Èirinn gu sònraichte, agus bha ùidh agam ann an Èirinn 's a' chiad chothrom a bh' agam, chaidh mi air làithean-saora ann. Chòrd e rium glan. Bha mi ag ràdh rium fhèin, "Chòrdadh e rium beagan ùine a chur seachad an seo." Agus thàinig an cothrom sin nuair a dh'fhàg mi an oilthigh. Fhuair mi obair airson bliadhna a' teagasg ann an Oilthigh na Gaillimhe ann an taobh siar na h-Èireann, agus greiseag an dèidh sin, chaidh an dreuchd a shanasachd mar dhreuchd cheart oifigeil mar òraidiche 's chaidh mi air ais ann agus bha mi ann airson aona bhliadhn' deug. Bha e cho inntinneach an seòrsa spèis agus inbhe a bh' ann dhan a' chànan, gu faiceadh tu i air feadh na dùthcha, air na sràidean, agus gu robh daoine a' gabhail rithe mar rud a bha cudromach agus a' buntainn ris an dùthaich gu lèir. 'S bha mi riamh bhon uair sin a' smaoineachadh gum bu chòir a h-uile Gàidheal òg a dhol a dh'Èirinn agus a thogail misneachd, dìreach a bhith ag iarraidh barrachd na bha sinne ag iarraidh, a bith a' sùileachadh barrachd. Sin mar a thig adhartas, tha mi a' creidsinn.

[ANGELA] Tha thu a-nise a' fuireach san Eilean Sgitheanach ann an coimhearsnachd Ghàidhlig. Ciamar a tha seo a' còrdadh riut?

[MARK] Tha glan. Chan iarrainn a bhith a' fuireach ann an àite sam bith eile, feumaidh mi a ràdh. 'S e coimhearsnachd uabhasach beòthail a th' ann an Slèite, agus tha daoine às gach àite ann. Chan eil a' Ghàidhlig cho làidir aig cuid sa choimhearsnachd sa bha i nuair a thàinig mise a Shlèite an toiseach, tràth anns na h-ochdadan, ach tha rudan math a' tachairt cuideachd. 'S toigh leam an t-àite seo. Tha e math a bhith ag obair còmhla ri daoine a tha a' bruidhinn Gàidhlig agus tha e math a bhith a feuchainn ri oileanaich - feadhainn dhiubh òg agus feadhainn nach eil cho òg - a chuideachadh anns na h-amasan a th' acasan gu bhith a' fàs fileanta ann an Gàidhlig agus an cànan a chleachdadh nan dreuchdan agus anns an t-saoghal a tha a-mach romhpa. 4 Chan urrainn dhomh smaoineachadh air àite far a bheil an aon spiorad am measg an luchd-obrach, agus tha sin fhèin prìseil.

[ANGELA] An innis thu beagan mu dheidhinn an obair agad?

[MARK] Uill, tha mi a' teagasg modalan air cànan, air eachdraidh a' chànain, Gàidhlig na hÈireann, feadhainn air litreachas cuideachd. An seo, tha e a' ciallachadh gu bheil thu a' coinneachadh ri daoine aig diofar aoisean, chan e dìreach feadhainn a tha amach às an sgoil no feadhainn a tha suas ann am bliadhnachan, 's tha sin uabhasach math. Tha e math a bhith ag obair ann an àite far a bheil an aon amas aig a h-uile duine, agus 's e sin maith na Gàidhlig. Ged a shaoileadh daoine bho muigh gu bheil thu an àite iomallach, tha thu ann an àite a tha a' tarraing dhaoine bho air feadh an t-saoghail, agus tha sin sònraichte. Agus tha càirdeas am measg an luchd-obrach nach eil thu a' faighinn ann am mòran àiteachan. Tha spèis ann dhan an rud a tha thu a' dèanamh agus tha sinn a' faighinn cothrom a bhith ag obair air cuspairean a tha a' còrdadh rinn mar, tha, òraidichean, mar sgoilearan, agus feuchainn ri sin a chur an cèill do dh'oileanaich ann an dòigh a tha a' dol gam brosnachadh cuideachd.

[ANGELA] Tha pàirt mhòr air a bhith aig a' Ghàidhlig agad nad bheatha. Dè cho cudromach 's a tha i dhut, agus am b' urrainn dhut smaoineachadh air do bheatha às a haonais?

[MARK] 'S e ... 'S e gibht a bh' ann dhomh, tha mi a' smaoineachadh, gun do choinnich mi ri saoghal agus cultar a bha cho tarraingeach agus coimhearsnachd cho còir, cho inntinneach - daoine le tàlant agus ... ceòl, òrain, litreachas ... Chan urrainn dhomh sin a shamhlachadh a-nise, beatha gun Ghàidhlig. Tha mi mothachail gur dòcha gun tig an t-àm nuair nach bi Gàidhlig ann, agus tha mi ga mo mheas fhìn fortanach gu bheil mi beò aig an àm seo agus gun d' fhuair mi cothrom coinneachadh ri daoine aig an robh fìor liut ann an Gàidhlig agus tha an seanachasan, eirmseachd, craic cho math, ach tha mi a' smaoineachadh gum biodh e gu math duilich a bhith, tha, beò às aonais Gàidhlig.

[ANGELA] Mòran taing, a Mhark.

[MARK] 'S e do bheatha.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!