FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Janni Diez started to learn Gaelic after hearing Runrig on the radio. Thòisich Janni Diez air Gàidhlig ionnsachadh às dèidh dhi Runrig a chluinntinn air an rèidio.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Janni Diez: Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Presenter: Derek MacAoidh (Derek Mackay)

[DEREK] Còmhla rium tha Janni Diez, a tha ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig. Janni, fàilte ort. Cò às a tha thu?

[JANNI] 'S ann às a' Ghearmailt a tha mi. Rugadh is thogadh mi faisg air Cologne.

[DEREK] Agus dè, ma-thà, a tha gad fhàgail an seo an Alba agus làn do chlaiginn de Ghàidhlig agad?

[JANNI] Uill, thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh mu thimcheall còig deug. Chuala mi Gàidhlig air CD aig Runrig, a bha gu math mòr aig an àm air an rèidio, agus bha dìreach ... Bha mi a' coimhead air na faclan agus a' feuchainn ri faighinn a-mach dè a bha rudan a' ciallachadh agus bha ùidh agam ann an cànanan co-dhiù. Rinn mi trì cànanan aig an sgoil 's bha mi an-còmhnaidh a' sireadh barrachd chànanan, agus seo a' Ghàidhlig; nochd i.

[DEREK] Dè a bha ga do thàladh dhan a' Ghàidhlig?

[JANNI] Bha am fuaim an toiseach a' còrdadh rium cho mòr, agus bha mi air mo bheò-ghlacadh le Alba anns an fharsaingeachd 's bha mi ag iarraidh air mo phàrantan a dhol còmhla rium air saor-làithean. Bha fhios agam bhon a' chiad turas a bha mi ann gu robh mi airson fuireach ann, agus mar sin, bha an dùthaich, an cultar agus an cànan uile a' dol còmhla.

[DEREK] An do chuidich e a bhith air saor-làithean ann an Alba?

[JANNI] Chuidich, oir an uairsin, chunnaic mi soidhnichean dà-chànanach agus bha mi a' feuchainn ri togail a-mach bho diofar shoidhnichean dè a bha diofar fhaclan a' ciallachadh agus gan cur ri chèile, 's sgrìobh mi a' h-uile rud sìos agus aig deireadh na saor-làithean, bha liosta mòr de dh'fhaclan agam. O, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis.

[DEREK] An robh e na chuideachadh gu robh eòlas agad air diofar chànain mu thràth?

[JANNI] Tha mi a' smaoineachadh gu robh, oir nuair a tha thu air cànan eile ionnsachadh, tha thu nas fosgailte do structaran diofraichte agus gràmar diofraichte.

[DEREK] An do thill thu bho na saor-làithean ma-thà agus cinnt agad gu robh thu airson a' Ghàidhlig ionnsachadh?

[JANNI] Cha do thill. Cheannaich mi leabhar, agus thòisich mi ag ionnsachadh leis an leabhar, ach cha d' fhuair mi fada. Chuir mi air falbh e as dèidh Aonad a Trì no a Dhà, agus cha b' urrainn dhomh a dhèanamh. Bha e ro dhoirbh. An uairsin bha cothrom agam a dhol a dh'Alba mar phàirt dhen cheum agam agus bha mi a' fuireach ann am Penicuik fad bliadhna, agus gach feasgar, bhithinn a' coimhead air na prògraman cloinne anns a' Ghàidhlig, agus aig an toiseach, tha cuimhn' agam, cha robh mi a' tuigsinn ach 'tha' agus 'a bheil' agus 'agus'.

[DEREK] Dè na prògraman a b' fheàrr, no na prògraman a bu chuideachail a bh' ann?

[JANNI] Dòtaman - uabhasach cuideachail air sgàth 's gu bheil iad a' bruidhinn cho slaodach agus tha an susbaint cho sìmplidh. Is bha Dràgan Sgeul air, agus aig an toiseach, bha mi a' strì gu mòr leis. Bha iad dìreach a' bruidhinn aig astar àbhaisteach agus cha robh mi a' tuigsinn mòran, ach aig an deireadh, bha. Bha mi air mo bheò-ghlacadh leis a' chànan agus thòisich mi fhìn "chat-room" Gàidhlig dìreach airson barrachd ionnsachadh is cumail a' dol. Agus le leabhar ri mo thaobh agus liostaichean mòra air a' bhalla de ghnìomhairean is agam, agad, aice agus mar sin air adhart bha tòrr taic agam agus ùine gu leòr na seantansan agam a sgrìobhadh. Rinn mi sin fad 's dòcha trì bliadhna, oidhche as dèidh oidhche, fad dà no trì uairean a thìde.

[DEREK] Cò ris a bha thu a' cabadaich?

[JANNI] Uill, bha fear às na Hearadh le Gàidhlig bho thùs, tè à Sasainn, fear à Alba Nuadh le Gàidhlig bho thùs agus tè às a' Ghearmailt. Bha tòrr spòrs is fealladhà ann, 's dh'ionnsaich mi an t-uabhas. Chanainn gun do dh'ionnsaich mi a' mhòr, mhòr chuid de mo chuid Gàidhlig air an eadar-lìon sin.

[DEREK] Mar sin, 's ann a' sgrìobhadh a bha thu, 's chan ann a' bruidhinn?

[JANNI] Cha robh mi idir math air Gàidhlig a bhruidhinn. Thàinig an latha far an robh mi airson cùrsa a dhèanamh airson bruidhinn a dh'ionnsachadh a-rithist. Agus bha eagal mo bheatha orm. Chaidh mi dhan a' choille airson bruidhinn ris na craobhan dìreach airson "practice" fhaighinn.

[DEREK] Agus an do fhreagair na craobhan?

[JANNI] Cha do fhreagair! Bha iad gu math modhail! 'S e an clas aig Mìcheal Klevenhaus a bh' ann. Nochd mi aig a' chùrsa sin nam chrith. Ach bha Mìcheal cho brosnachail, 's bha a h-uile duine eile cho brosnachail. Bha e uabhasach math, agus as dèidh dà uair a thìde, bha mi gu math cofhurtail.

[DEREK] Mar sin, tha a' Ghàidhlig agad, tha thu ga bruidhinn, tha thu ga sgrìobhadh. An e sin a thug ort an uairsin a ràdh, "Tha mi a' dol a thilleadh a dh'Alba agus tha mi a' dol a dh'fhaighinn obair anns a' Ghàidhlig"?

[JANNI] Bha fhios 'am gu robh obraichean ann le Gàidhlig, gu robh tidsearan a dhìth a bha a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus bha mise a' dèanamh ceum teagaisg.

[DEREK] An e sin a thug dhan Eilean Sgitheanach thu?

[JANNI] 'S e co-thuiteamas a bha sin! Bha mi airson dol a dh'Uibhist airson obair fhaighinn. Mar sin, stad mi san Eilean Sgitheanach agus dh'innis cuideigin dhomh gu robh obair ann ann an cidsin (Sabhal Mòr), agus fhuair mi e, agus an uairsin, bha mi ag obair aig an Ionad Fàilte fad ceithir bliadhna agus tha mi a-nise nam Oifigear Leasachaidh Cànain. Aig an aon àm, thòisich mi ceum a dhèanamh pàirt-ùine ann an Gàidhlig is Leasachadh.

[DEREK] Tha a' Ghàidhlig agad gu fileanta. A bheil thu toilichte le sin? A bheil i fhathast ga do ghlacadh, no a bheil cànan neònach eile a tha gad thàladh thuice a-nise?

[JANNI] Uill, tha a' Ghàidhlig fhathast ga mo ghlacadh agus tha tòrr, tòrr a bharrachd ri ionnsachadh, gu sònraichte, gnathasan-cainnte is rudan brèagha rudan a ràdh. Tha an cultar an seo a' còrdadh rium cuideachd, is an dùthaich is na daoine. Ach tha mi fhathast fosgailte do chànanan eile. Tha mi ag ionnsachadh Nirribhis. Ged nach eil mi cho fileanta sa tha mi ann an Gàidhlig. tha mi a' faighinn air adhart, agus 's dòcha aon latha gun ionnsaich mi cànanan eile.

[DEREK] Uill, gu soirbhich leat leis an Nirribhis mar shoirbhich thu leis a' Ghàidhlig, Janni.

[JANNI] Mòran taing.

[DEREK] Tapadh leatsa.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!