FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Lisa Moyes learnt Gaelic after leaving school. Thàinig Lisa Moyes gu Gàidhlig às dèidh dhi an sgoil fhàgail.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Lisa Moyes: Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Presenter: Derek MacAoidh (Derek Mackay)

[DEREK] Còmhla rium tha Lisa Moyes, a bhios ag obair a' trusadh oileanaich airson cùrsaichean. Lisa, cò às a tha thu bho thùs?

[LISA] 'S ann à Baile Màiri a tha mi, baile beag faisg air Inbhir Pheofharain, mu còig deug mionaidean bho Inbhir Nis.

[DEREK] An robh Gàidhlig anns an teaghlach agad?

[LISA] Cha robh. Chan eil Gàidhlig san teaghlach agam 's cha robh sinn a' faighinn Gàidhlig sa bhun-sgoil. Cha robh mi really mothachail air a' Ghàidhlig.

[DEREK] Ciamar a thàinig thu gu Gàidhlig a-rèist?

[LISA] Bha mi a' dol gu na fèisean nuair a bha mi beag so bha sinn a' faighinn blasad dhen a' Ghàidhlig aig a h-uile fèis agus nuair a bha mi mu ochd bliadhna deug, bha mi air a' Chèilidh Trail aca, so bha sin... Bha mi a' cluiche ann am buidheann de luchd-ciùil eile, deugairean eile, 's bha sinn a' dol air cuairt timcheall a' Ghàidhealtachd. 'S bha againn ri òran Gàidhlig ionnsachadh agus beagan Gàidhlig ionnsachadh - uill, bruidhinn sa Ghàidhlig aig toiseach cuirmean ciùil no cèilidhean. So, tha mi a' smaointinn gur e sin a' chiad àm a bhruidhinn mi Gàidhlig, agus bha e doirbh aig an àm; cha robh fios agam dè a bha mi ag ràdh.

[DEREK] Ma bha e doirbh dhuts' gun thu bhith cinnteach dè a bha thu ag ràdh, dè a thug ort a bhith ag iarraidh barrachd ionnsachadh?

[LISA] Às dèidh na deuchainnean agam a dhèanamh sa chòigeamh bliadhna agam bha cothrom agam cuspairean eile a dhèanamh. Chunnaic mi gu robh cùrsa inntrigidh anns an sgoil againn, cùrsa inntrigidh sa Ghàidhlig, so rinn mi sin. Bha mi dìreach airson feuchainn às dèidh a' Chèilidh Trail a dhèanamh. So, rinn mi sin, 's bha e math. Chòrd e rium gu mòr. Cha robh e cho doirbh às dèidh sin.

[DEREK] Dè a rinn thu às dèidh na sgoile?

[LISA] Rinn mi cùrsa goirid aig an t-Sabhail Mhòir. Is bha sin duilich, actually, oir bha na clasaichean uile air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Is an uairsin chaidh mi dhan a' chùrsa BA ann an Ceòl Traidiseanta agus Gàidhlig aig an t-Sabhail Mhòir is bha mi ann airson ceithir bliadhna.

[DEREK] 'S nuair a thàinig thu gu toiseach a' chùrsa, dè cho cofhurtail 's a bha thu a bhith a' bruidhinn a' Ghàidhlig agus cuideachd a' bhith ag èisteachd ris a' Ghàidhlig?

[LISA] Bha sin gu math duilich aig an toiseach agus bha sinn a' bruidhinn Gàidhlig fad na h-ùine, ach chan eil mi a' smaointinn gum biodh mi comasach air bruidhinn Gàidhlig an-diugh mura robh na clasaichean uile air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

[DEREK] Agus dè mu dheidhinn taobh a-muigh a' chlas, nuair a bha sibh a' bruidhinn nur measg fhèin, am measg nan oileanach?

[LISA] Uaireannan, tha e doirbh, mura h-eil thu aig ìre àrd sa chànan, ach bha oileanaich eile ann a bha fileanta, so bha sin feumail.

[DEREK] An robh e nas dorra dhut a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn rudan ... rudan làitheil, rudan àbhaisteach, seach mu na rudan a bha sibh a' dèanamh anns a' chlas?

[LISA] Tha mi a' smaointinn gu robh. Ma bha sinn a-mach air an oidhche, bha e doirbh dìreach a bhith a' faighinn an craic, really, sa Ghàidhlig.

[DEREK] Agus a bheil sin air feum a dhèanamh dhan a' cheòl agad, dhan an fhìdhlearachd agad?

[LISA] Tha mi a' smaointinn gu bheil, dìreach mar a tha na puirt a' cluinntinn, really. Tha mi gan cluich san dòigh ceart. Ma tha mi a' cluiche òran Gàidhlig, tha fios agam ciamar a tha e a' dol, an àite dìreach a bhith a' cluich san dòigh a tha mi a' smaointinn gu bheil e, so tha mi a' smaointinn gu bheil e a' dèanamh diofar.

[DEREK] Rinn sibh cùrsa aig an sgoil, thàinig sibh dhan an t-Sabhail, rinn sibh ceum ...

[LISA] Rinn.

[DEREK] Dè an uair sin?

[LISA] Rinn mi an cùrsa agus chuir mi crìoch air sin, agus às dèidh sin bha mi a' teagaisg fìdhlearachd - uill, a' teagaisg leasanan air an fhidhill ann am Baile Màiri airson ùine - agus às dèidh sin, fhuair mi obair aig an t-Sabhail Mhòir mar oifigear trusaidh, so tha mi fhathast ag obair an sin. Tha mi ag obair sa Ghàidhlig, a' bruidhinn sa Ghàidhlig a h-uile latha, so tha sin math. Bidh mi a' dol timcheall na sgoiltean 's a' bruidhinn mu dheidhinn cùrsaichean is a' brosnachadh na Gàidhlig.

[DEREK] A bheil sin a' dèanamh feum dhan a' Ghàidhlig agad fhèin?

[LISA] Tha mi a' bruidhinn a h-uile latha ann an suidheachadh diofraichte a h-uile latha cuideachd, so tha agam ri bhith a' bruidhinn ri ... Bidh mi a' coinneachadh le diofar dhaoine a h-uile seachdain so tha sin a' toirt barrachd misneachd dhomh, tha mi a' smaointinn. Tha sin a' dèanamh diofar mòr dhan a' Ghàidhlig agam.

[DEREK] Nuair a dh'fhàg thu an sgoil, an robh càil a bheachd agad gur ann ag obair a thaobh na Gàidhlig a bhiodh tu dìreach an ceann beagan bhliadhnaichean?

[LISA] Chan eil mi a' creidsinn gu bheil mi fhathast ... gu bheil mi a' dèanamh seo andiugh. Chan eil mi a' smaointinn gum biodh obair agam mura dèanainn ceòl!

[DEREK] A bheil thu toilichte ma-thà gun do rinn thu Gàidhlig?

[LISA] Tha mi air tòrr chothroman fhaighinn tro bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus ag obair sa Ghàidhlig. Bha mi ann an Ceap Breatainn airson ùine ghoirid. Tha e math gu bheil tòrr dhaoine mothachail air a' chànan. Tha mi toilichte a bhith ag obair sa Ghàidhlig. Tha mi gu math toilichte.

[DEREK] Tapadh leatsa, Lisa.

[LISA] Tapadh leibh.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!