FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Duncan Scott, from Inverurie, teaches Gaelic. Tha Donnchadh Scott, à Inbhir Ùraidh, a’ teagasg Gàidhlig.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Donnchadh Scott: Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Presenter: Derek MacAoidh (Derek Mackay)

[DEREK] Tha mi an seo còmhla ri Donnchadh Scott, a tha an-diugh a' teagasg Gàidhlig. A Dhonnchaidh, cò às a tha sibh?

[DONNCHADH] 'S ann à Inbhir Ùraidh ann an Siorrachd Obar Dheathain a tha mi.

[DEREK] Chan e sgìre làn Gàidhlig a tha sin. An robh Gàidhlig agaibh anns an teaghlach?

[DONNCHADH] Cha robh idir. Cha robh guth Gàidhlig againn anns an teaghlach. Cha robh duine a b' aithne dhomh ann an Inbhir Ùraidh aig an robh i aig an àm sin codhiù. Ach bhitheamaid a' dol air làithean-saora chun a' chosta an iar gach bliadhna, agus bha an uair sin, bha mi a' cluinntinn Gàidhlig an uair sin.

[DEREK] Agus an ann mar sin a thog sibh ùidh anns a' chànan?

[DONNCHADH] Chan eil fhios agam dè a thog ùidh annam sa Ghàidhlig, ach tha fhios agam gu robh ùidh agam nuair a bha mi òg. Bhitheamaid a' dol a chèilidh air daoine. Tha cuimhn' 'am smaoineachadh, "O, tha cànan eile acasan," 's bha ùidh agam, dìreach mu ... gu math òg, ceithir bliadhna a dh' aois, no còig no rudeigin mar sin.

[DEREK] Ciamar a thog sibh ùidh ann, ma-thà? An ann anns an sgoil a bha sin?

[DONNCHADH] Chan ann. Suas nam dheugaire, sia bliadhna deug, seachd bliadhna deug, fhuair mi leabhar - dà leabhar - à bùth seann leabhraichean ach cha do rinn iad ach suidhe air an sgeilp fad bliadhnaichean. 'S e seòrsa de sìol air choreigin a chur mi a bha gu math slaodach a' fàs, tha mi a' smaointinn.

[DEREK] Mar sin, cha do dh'ionnsaich sibh i nuair a bha sibh ceithir, cha do dh'ionnsaich sibh nuair a bha sibh nur deugaire ... Cuin a dh'ionnsaich agus carson an uairsin a thionndaidh sibh chun a' Ghàidhlig?

[DONNCHADH] Thòisich mi ri Gàidhlig gu dòigheil ionnsachadh nuair a bha mi nam thritheadan. Chaidh mi gu cùrsa bogaidh. Bha mi ag obair, ach bha mi a' dèanamh ... rinn mi an cùrsa bogaidh a bha sin. Bha mi ag obair ... Bha mi nam shaor, agus bha caraidean na b' òige na mise a bha uile aig an oilthigh, no a bha dìreach air crìoch a chur air colaiste no oilthigh. 'S e luchd-ciùil a bh' annta, agus bhitheamaid a' cluiche ciùil còmhla. 'S bha iad uile ag ràdh ... Bha mi car searbh dhen obair. 'S dòcha gum bithinn ag ràdh sin. Bhiodh iad uile a' moladh dhomh a dhol gu oilthigh: "Tha e glè mhath." "Thalla gu oilthigh no colaiste." Chanainn-sa gu robh iad ag ràdh sin fad bliadhna no dhà mus deach mi ann, ach, mar sin, chaidh mi gu oilthigh co-dhiù.

[DEREK] Agus roghnaich sibh a' Ghàidhlig. Carson?

[DONNCHADH] Uill, co-thuiteamas. Thug mi sùil air na leabhrain beag aig na h-oilthighean, na "prospectuses" mar a th' aca orra, agus 's e sin an aon chùrsa a bha gam tharraing, leis an fhìrinn a ràdh.

[DEREK] An robh e duilich tilleadh gu fòghlam aig an aois a bha sin?

[DONNCHADH] Cha robh mi idir cinnteach, ach chuir mi romham dìreach dol ann gu àm na Nollaig, agus mura robh e a' còrdadh rium, 's urrainn dhomh falbh, ach abair thusa gun do chòrd e rium!

[DEREK] Nuair a thòisich sibh anns an oilthigh, dè cho math 's a bha a' Ghàidhlig agaibh?

[DONNCHADH] Uill, bha mi-fhìn dhen bheachd gu robh i meadhanach math co-dhiù, ach cha chreid mi gu robh. Tha cuimhn' 'am a' chiad clas a bh' againn. Bha mi am measg luchd-tòiseachaidh is chaidh mi suas dhan neach-teagaisg againn 's thuirt mi rithe, "A bheil clas eadar-meadhanach agaibh? "Tha mi a' faireachdainn gu bheil seo ro bhunasach dhomh." Agus thuirt i gu math modhail 's gu math socair ... Thuirt i, "Tha mi den bheachd gu bheil thu sa chlas cheart, a Dhonnchaidh."

[DEREK] Agus dè cho duilich, no dè cho furasta 's a bha e a' Ghàidhlig a thogail aig an ìre sin?

[DONNCHADH] Bha tòrr obrach ann, ach chòrd e rium, so mar sin cha robh e doirbh.

[DEREK] Bha sibh ag ràdh gu robh sibh ag iarraidh a dhèanamh is thuirt sibh cuideachd gu robh sibh a' cluiche ceòl. An ann bhon a' cheòl a thàinig an ùidh a bha sin?

[DONNCHADH] Eadar an ceòl is na daoine ris an robh mi a' tachairt, tron cheòl mar gum bitheadh, agus cuideachd tro bhith a' coiseachd nam beann ann an Alba, far a bheil na h-ainmean uile anns a' Ghàidhlig. Agus cuideachd, tòrr de na puirt, tha ainmean Gàidhlig orra cuideachd agus cuid dhiubh nan òrain Gàidhealach, so bha mi caran a' suathadh leis a' chànan ann an dòigh caran air fiaradh ann an dòigh, air dàrna thaobh.

[DEREK] An d' fhuair sibh às a' Ghàidhlig na bha sibh ag iarraidh? An e fileantachd an ceann-uidhe a bh' agaibh, no an robh amas eile agaibh?

[DONNCHADH] Bha mi airson a bhith comasach dol a bhruidhinn ri daoine aig an robh i bho thùs. Agus thachair sin meadhanach tràth. Fhuair mi às na bha mi ag iarraidh. Chòrd e rium gu mòr. Bho cha mhòr a' chiad seachdain, bha e a' còrdadh rium, agus bha sin gu leòr airson mo chumail a' dol mar gum bitheadh.

[DEREK] Tha sibh an-diugh gu math fileanta agus tha blas gu math Gàidhealach air a Ghàidhlig agaibh. Cò às a thàinig am blas a tha sin?

[DONNCHADH] Taing. Eadar Uibhist a Tuath agus Barraigh, chanainn-sa. Sin measgachadh den dà chuid. Bha mi ag obair san dà àite sin greisean an siud 's an seo, agus 's ann a chanainn-sa gur e sin a thog mar gum biodh an dualchainnt no blas a th' agam.

[DEREK] An robh e na chuideachadh dhuibh a bhith a' fuireach ann an coimhearsnachdan eileanach mar sin ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig?

[DONNCHADH] Bha. Bha. Bha dha-rìreabh. Bha. Bha e a' faireachdainn dìreach nàdarra. Tha e doirbh nuair a tha thu nad neach-ionnsachaidh ... 'S e aon rud a bhith ag ionnsachadh a' chànain, structar agus gràmar agus a h-uile càil, agus 's e a chanainn-sa, dhòmhsa dheth co-dhiù, 's e sgil eile a bhith ga bruidhinn, ga cur gu feum, gu tur diofraichte. Chan ionnan iad idir. Tha sgeulachd no dhà agam. Chaidh iarraidh orm rudeigin a dhèanamh, agus cha robh diù agam. Cha robh sgot agam dè a bha iad ag ràdh, ach b' fheudar dhomh dìreach obrachadh a-mach, agus cho luath 's a tha thu a' dèanamh sin ann an dharìreabh, far a bheil feum agad rudeigin a dhèanamh, cha dìochuimhnich thu e. Rudan mar sin. Feumaidh tu cumail ... Feumaidh tu a bhith rudeigin làidir mar neach-ionnsachaidh nuair a thig e gu bruidhinn agus dìreach cumail ort agus ma thèid seòrsa de chàineadh ort, na gabh air an t-sròin e. Dìreach cum ort. An ath thuras, feuch a-rithist. Tha daoine gu math fialaidh, 's gu math taiceil ma chumas tu ort, ma tha thu a' sealltainn deòin cumail ort agus amadan a dhèanamh dhiot fhèin!

[DEREK] Cha chreid mi gur ann a' dèanamh amadan dhiot fhèin a tha thu idir, a Dhonnchaidh. Ceud mìle taing.

[DONNCHADH] 'S e do bheatha. Mòran taing dhut fhèin.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!