FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Lismore Liosmòr

Peggy Nicolson, now living on Skye, is originally from Lismore. Buinidh Peigi NicNeacail, an-diugh a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach, ri Lios Mòr bho thùs.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Peigi NicNeacail: Lios Mòr

Presenter: Derek MacAoidh (Derek Mackay)

[DEREK] Tha mi an seo còmhla ri Peigi NicNeacail a tha an-diugh a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach. Ach, a Pheigi, cò às a tha sibh bho thùs?

[PEIGI] 'S ann à Eilean Lios Mòr a tha mi, eilean beag, faisg air an Òbain.

[DEREK] Cò ris a bha e coltach nuair a bha sibh beag ann?

[PEIGI] 'S e àite gu math sàmhach, socair a bh' ann agus a th' ann an-dràsta cuideachd. Chaidh mi dhan a' bhun-sgoil an-sin.

[DEREK] Agus cia mheud a bh' air an eilean fhèin?

[PEIGI] Gu math faisg air ceud 's trì fichead.

[DEREK] Dè a bhiodh daoine a' dèanamh? Dè an cosnadh a bh' aca?

[PEIGI] 'S e obair tuathanas a' chuid as motha. Bha beagan iasgach ann cuideachd, ach 's e tuathanas, obair tuathanas, crodh agus caoraich.

[DEREK] Agus an ann leotha fhèin a bha an talamh?

[PEIGI] 'S ann leotha fhèin - a' chuid as motha, ach tha pìos aig ceann a deas an eilein agus 's ann le Diùc Earra-Ghàidheil a tha e.

[DEREK] Dè seòrsa cur-seachadan a bh' agaibh nur cloinn air an eilean?

[PEIGI] Bha sinn ... Nuair a bha sinn sa bhun-sgoil, dìreach a' cluiche còmhla ri nàbaidhean a bh' againn agus bha "youth club" ann cuideachd dhuinn agus badmantan cuideachd.

[DEREK] Dè cho fad 's a dh'fhuirich sibh air an eilean ma-thà?

[PEIGI] Chanadh mo mhàthair dìreach airson dusan bliadhna, a chionn 's an uairsin dh'fhalbh mi gu Àrd-sgoil an Òbain agus bha againn ri fuireach air falbh fad na seachdain.

[DEREK] Nuair a dh'fhàg sibh airson an Òbain, cò ris a bha sin coltach?

[PEIGI] Bha e gu math doirbh, gu h-àraid airson a' chiad bhliadhna agus gu hàraid a' chiad mhìos, a chionn 's bha againn ri fuireach san ostail agus 's e dòigh beatha eile a bha sin. Cha robh e coltach ri bhith aig an taigh idir. Bha againn ri bhith a-staigh aig còig uairean airson biadh 's an uairsin, bha obair-dachaigh againn airson uair a thìde.

[DEREK] An robh an cianalas oirbh?

[PEIGI] Bha airson a' chiad mhìos gu h-àraid, ach an uairsin bha sinn a' fàs cleachdte ris an routine ùr againn, agus cha robh dòigh eile ann. Bha againn ri bhith ann agus dìreach faighinn air adhart leis.

[DEREK] An robh daoine ann nur measg a thuirt, "Sin e. Chan fhuiling mi an còrr. Tha mi ag iarraidh dhachaigh"?

[PEIGI] Uill, tha fhios gu robh, ach cha robh an cothrom ann faighinn dhachaigh. Bha agad ri fuireach agus sin mar a bha e.

[DEREK] Cuin a dh'fhàg sibh an sgoil?

[PEIGI] Dh'fhàg mi an sgoil aig deireadh a' chòigeamh bliadhna. Cha robh ùidh agam a' falbh dhan cholaiste no dhan an oilthigh aig an àm sin, agus bha fhios agam nach robh obair air an eilean dhomh so bhiodh agam ri falbh. Bha sanas anns a' phàipear airson obair aig Taigh-Òsta Eilean Iarmain agus chuir mi a-staigh air a shon agus, gu fortanach, fhuair mi an obair. 'S ann airson sia mìosan a bha an obair aig an toiseach, ach dh'fhuirich mi ann airson ochd bliadhna.

[DEREK] Agus bha a' Ghàidhlig mar phàirt dhan adhbhar a fhuair sibh an obair.

[PEIGI] Bha. Bha an sanas gu h-àraid a' canail gun fheumadh Gàidhlig a bhith aig na daoine a bha ag obair san taigh-òsta aig an àm sin.

[DEREK] Carson?

[PEIGI] Tha mi a' smaoineachadh ... Uill, bha e fhèin air Gàidhlig ionnsachadh ...

[DEREK] Sir Iain Noble?

[PEIGI] Sir Iain Noble, agus bha e airson Gàidhlig a bhrosnachadh agus shaoil e gur e rud math a bhiodh seo gu robh an luchd-obrach a' bruidhinn Gàidhlig.

[DEREK] Agus cò ris a bha a' Ghàidhlig anns an Eilean coltach an taca ri ... an taca ris a' Ghàidhlig Liosach?

[PEIGI] A' Ghàidhlig Liosach? Tha ... Tha diofaraichean ann. Can an-seo, bidh iad a' canail, "Bha sinn a' coimhead air rudeigineach," ach chanadh mise, "Bha mi a' coimhead air rudeigineach," so bha faclan ann a bha eadardhealaichte.

[DEREK] A bheil a' Ghàidhlig agaibh air atharrachadh?

[PEIGI] Tha mi cinnteach gu bheil. Tha mi cinnteach gu bheil, beagan, thairis air na bliadhnaichean.

[DEREK] Cò ris a tha a' Ghàidhlig ann an Lios Mòr coltach an-diugh ma-thà?

[PEIGI] Chan eil e cho pailt 's a bha e nuair a bha mi òg. Can airson an ginealach agamsa, chan eil ...cha robh ... cha robh sinn uile a' bruidhinn Gàidhlig. Bha mi fhìn 's mo bhràthair fortanach gu robh Gàidhlig aig na pàrantan againn le chèile, ach airson teaghlaichean eile, can, bhiodh Gàidhlig aig a' mhàthair ach cha robh aig an athair, 's mar sin, cha robh iad a' cumail suas a' Ghàidhlig cho math 's a bha e againne.

[DEREK] 'S an e Gàidhlig Earra-Ghàidheil a th' ann no an e Gàidhlig Loch Abair, no cò ris a tha i coltach?

[PEIGI] 'S e Gàidhlig Earra-Ghàidheil a th' ann. 'S e. Ach tha i gu math faisg air Gàidhlig Loch Abair cuideachd. Tha.

[DEREK] 'S a bheil mòran dhaoine ann an-diugh aig a bheil i? Aig a bheil a' Ghàidhlig?

[PEIGI] Tha beagan ann fhathast, an ginealach as sine, chanainn, ach tha an fheadhainn òga, tha iad airson Gàidhlig ionnsachadh agus tha iad a' faighinn beagan sa bhun-sgoil agus bidh clasaichean Gàidhlig aca thairis air a' gheamhradh.

[DEREK] Agus am bi sibh a' dol air ais ann tric?

[PEIGI] Tha, ach bu thoil leam a dhol ann nas trice na tha mi, ach bidh mi a' dol ann trì no ceithir tursan sa bhliadhna. 'S tha an teaghlach agam ann fhathast. Tha mo mhàthair ann, 's an uncail agam, agus bidh mo bhràthair a' dol ann cuideachd.

[DEREK] 'S e an dachaigh a th' ann.

[PEIGI] 'S e. Gu dearbha.

[DEREK] A Pheigi, tapadh leibh gu mòr.

[PEIGI] 'S e do bheatha.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!