FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Nursery School Teaching Teagasg Sgoil-àraich 

Marion MacKay works in a nursery school on the Isle of Skye. Tha Marion (Mòrag) NicAoidh ag obair ann an sgoil-àraich anns an Eilean Sgitheanaich.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Marion NicAoidh: Teagasg Sgoil-àraich

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Còmhla rinn an-diugh tha Marion (Mòrag) NicAoidh, a tha ag obair ann an sgoil-àraich anns an Eilean Sgitheanaich. A Mhòrag, innis dhomh mun an obair agad.

[MARION] Tha mi ag obair aig sgoil-àraich an seo ann an Slèite. Tha aon duine deug againn, agus tha sin car beag seach an-uiridh nuair a bha naoi duine deug againn. 'S e obair gu math tlachdmhor a th' ann. Tha e spòrsail. Tha sinn a' dèanamh tòrr cluiche tro mheadhan na Gàidhlig, 's obair ealain 's obair a ... a' cluiche a-muigh, 's a' cluich a-staigh geamannan 's ag ionnsachadh dhaibh ciamar a tha còir aca a bhith ag obair còmhla, ag obair mar buidheann seach dìreach a bhith ag obair leotha fhèin. An rud as toigh le clann mar as trice aig an aois sin 's e bhith a' falbh gu oisean leotha fhèin 's a' cluiche leis na dèideagan aca fhèin, ach anns an sgoil-àraich, tha sinn airson 's gum brosnaich sinn iad a bhith am measg clann eile 's gum bi iad nas sòisealta agus gum bi iad ag obair mar buidheann - a' co-obrachadh.

[SEUMAS] Innis dhomh, ma-thà, dè an diofar a th' eadar sgoil-àraich agus cròileag?

[MARION] Cròileag, tha na pàrantan a' fuireach anns an àite còmhla leotha. Tha sin airson clann fo aois trì, so dh' fhaodadh leanabhan a bhith ann, agus na pàrantan, suas gu trì bliadhna a dh'aois. Tha ... Mar tè os cionn na cròileagan, tha thu a' feuchainn ri beagan cànain a thoirt seachad, chan e amhàin dhan an fheadhainn bheaga ach 's dòcha dha na pàrantan aig nach eil Gàidhlig. 'S tha thu a' feuchainn ri bhith ag obair tro-mheadhan na Gàidhlig fad na h-ùine - rud a tha gu math doirbh aig amannan - ach dìreach a' cluich 's an sàs ann an òrain. 'S e òrain as motha a bhios mise a' dèanamh, airson tha mi a' smaoineachadh gur e sin an dòigh as fhasa, agus 's e rudeigin a tha a' tighinn thugam gu math nàdarra co-dhiù.

[SEUMAS] Dè cho doirbh 's a tha e aire leanaibh aig an aois sin a chumail airson beagan uairean a thìde?

[MARION] Gu math doirbh, gu h-àraid ma tha thu a' feuchainn ri bruidhinn riutha, gu hàraid ann an cànan nach tuig iad, ach ma tha thu a' dèanamh rud, mas urrainn dhut a bhith car beòthail leis, 's a bhith a' bruidhinn - no a' seinn airson an aire aca a chumail, no a bhith ga innse tro sgeulachd no tro phupaidean no rudeigin dhen t-seòrsa sin, uaireannan, tha sin ag obrachadh glè mhath.

[SEUMAS] Bheir dhomh eisimpleir, ma-thà, air an seòrsa rud a dhèanadh tu airson aire leanaibh a chumail.

[MARION] Uill, a h-uile madainn, tha iad a' dèanamh eacarsaich agus 's e Madainn Mhath an t-òran a bhios sinn a' cleachdadh airson sin, agus bidh iad fhèin ag innse dhòmhsa dè seòrsa gluasad a tha iad airson a dhèanamh. Mar eisimpleir, bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn na Geamannan Oilimpig agus an spòrs a bh' ann a shin, agus bha iad ag innse dhomh na diofar seòrsa spòrs a bha an sàs anns an Olympic Games agus bha iad a' sealltainn dhomh snàmh agus a bhith a' marcachd eich agus sin an seòrsa gluasadan a bha iad a' cleachdadh.

[SEUMAS] Thoir dhuinn eisimpleir dhen seòrsa òran a chuireadh tu feum air nad obair làitheil.

[MARION] Uill, 's e Madainn Mhath, agus tha sinn a' dèanamh beagan eacarsaich leis 's tha sinn a' tòiseachadh air an sèithear, agus tha sinn ...

[SEUMAS] Siuthad ma-thà, thoir dhuinn rann dheth!

[MARION] Tha sinn a' tòiseachadh le bhith a' dèanamh, Madainn mhath, madainn mhath Ciamar a tha thu fhèin an-diugh? Agus iad a' togail na casan aca, 's an uairsin suas gu na guailnean 's na cinn, 's an uairsin, tha iad a' faighinn àite dhaibh pèin, 's bidh mi a' toirt orrasan uaireannan a bhith a' taghadh dè an seòrsa gluasad a tha iad airson a dhèanamh agus a-rithist a bhith a' gluasad ris an òran, le buile na h-òrain.

[SEUMAS] Dè cho fìor 's a tha e a ràdh nach eil leanabh aig an aois sin a' coimhead air mar gu bheil e ag ionnsachadh cànan, nach eil ann ach pàirt dhen an ionnsachadh nàdarra aige?

[MARION] Uill, tha e gu math soilleir dhòmhsa gur e sin a tha a' tachairt, nach eil iad ach a' toirt a' chànan a-staigh fhad 's a tha iad ... fhad 's a tha iad a' cluiche, fhad 's a tha iad ag eacarsaich no bhith a' cluiche spòrs no a' dèanamh ealain no sìon sam bith. Tha thu a' faicinn gu bheil iad a' togail ... tha iad a' gabhail air bòrd an cànan a tha sin agus tha iad an uairsin ga chleachdadh a-rithist 's dòcha làrna-mhàireach 's tha iad a' cumail cuimhne air sin. Agus, an dòigh sa bheil mise ga dhèanamh co-dhiù aig an sgoil-àraich, tha sinn a' dèanamh cha mhòr an aon rud gach latha sa mhadainn agus 's dòcha feasgar, 's mar sin, tha iad a' cluinntinn an aon rud gu math tric, 's tha mi a' smaointinn ma tha iad a' cluinntinn an aon rud gu math tric, tha iad nas buailtiche a cleachdadh. Tha mi a' smaointinn, aig aois òg mar sin, tha iad a' gabhail a h-uile sìon air bòrd. Tha iad nas dèidheil 's nas deònaiche, saoilidh mise, a bhith a' gabhail rudan air bòrd. Fiù 's a' togail inneal ciùil, no bhith a' dol gu dannsa no snàmh no sìon sam bith. Tha e an aon rud le cànan; ma bheireas tu dhaibh e aig aois gu math òg, tha mi a' smaointinn gu bheil iad gu math deònach. Chan eil iad a' faicinn na h-aon chnapan-starraidh 's a tha 's dòcha inbheach a' faicinn.

[SEUMAS] Seadh. Nach eil e na chus trioblaid ged a bhiodh leanabh agaibh a tha a' tighinn 's dòcha bho dhachaigh anns nach eil Gàidhlig an coimeas ri clann a tha a' tighinn bho dhachaighean anns a bheil Gàidhlig? Tha an fheadhainn aig nach eil a' Ghàidhlig anns an dachaigh a' leantainn an uile?

[MARION] Tha iad a' leantail, 's tha feadhainn aca uabhasach math gu togail an cànan dìreach mar sin, agus tha fear beag agamsa an-dràsta, 's tha e dìreach mìorbhaileach. Chan eil càil ... Chan eil Gàidhlig aig gin dhe na pàrantan aige 's chan eil Gàidhlig sa dhachaigh no san teaghlach, ach tha e cho tuigseil. Tha e dìreach ... Tha mi cho pròiseil às gu bheil e a' togail na tha seo de chànan ann an ùine gu math goirid san latha. Chan eil againn ach dà uair gu leth gach madainn, ach tha sinn a' leantail ùidh na cloinne cuideachd. Tha sin cudromach. Ma tha iadsan ag iarraidh a bhith an sàs ann an saighdearan no armachd no Toy Story no rudeigin dhen an t-seòrsa sin, feumaidh tusa iadsan a leantail agus a bhith a' bruidhinn ... a' cur Gàidhlig ris na faclan is àbhaist dhaibh a bhith a' cluinntinn ann am Beurla. Mar as trice, tha ... Tha sinne air a bhith gu math fortanach an seo ann an Slèite agus tha tòrr dhe na pàrantan, tha a' chuid as motha dhiubh, tha mi a' smaointinn, tha Gàidhlig air a bhith aig cuideigin anns an teaghlach agus tha sin fhèin gar cuideachadh. Dh'fhaodadh tu a dhol chun a' phàiste ud agus a bhith a' sealltainn iadsan mar eisimpleir 's dh'fhaodadh iadsan am freagairt a thoirt dhut, 's an uairsin tha càch a' faicinn, "O, seo a tha fainear dhith," so tha iadsan a' leantail mar gum bitheadh. Tha sin air a bhith gu math soirbheachail dhòmhsa. Ach fiù 's dìreach a' gabhail ùine 's a' dol thairis air. Mas e 's gu bheil thu a' dol a bhith an lùib peantadh, ag innse dhaibh na h-uidheaman a dh'fheumas iad agus a' sealltainn dhaibh. 'S e seo an rud, a bhith a' sealltainn am bruis ... Nuair a tha thu a' bruidhinn air bruis, gu feumadh tu a bhith a' sealltainn bruis dhaibh, fiù 's diofar chànain airson aparain agus am bruis tana agus am bruis a tha gu math tiugh. Ma tha iad a' faicinn rud, tha iad ga ghabhail air bòrd.

[SEUMAS] Tha thu air a bhith a' dèanamh na h-obrach fad deich bliadhna, thuirt thu. Tha e follaiseach gu bheil e a' còrdadh riut.

[MARION] Tha. Tha. 'S toigh leam a bhith cruthachail. 'S toigh leam a bhith am measg a' chlann agus a bhith gam brosnachadh 's tha sin a' toirt tlachd dhòmhsa. 'S e obair gu math cruthachail a th' ann cuideachd dhòmhsa agus tha e a' toirt ... Tha e gu math tlachdmhor.

[SEUMAS] A Mhòrag, tapadh leat.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!