FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Shinty Iomain

John Norman MacLeod from Staffin is especially interested in shinty. Tha ùidh mhòr aig Iain Tormod MacLeòid à Stafainn ann an iomain.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Iain Tormod MacLeòid: Iomain

Presenter: Seumas Dòmhnallach (James MacDonald)

[SEUMAS] Cuide rinn an-dràsta tha Iain Tormod MacLeòid à Stafainn anns an Eilean Sgitheanach aig a bheil ùidh mhòr ann an iomain. Fàilte ort, Iain Thormoid. Innis dhuinn an toiseach, ma-thà, ciamar a chuir thu fhèin eòlas air a' gheama a tha seo ris an can sinn iomain.

[IAIN TORMOD] Uill, tha mi a' creidsinn gur ann anns an sgoil a thòisich mi fhìn. Bhiodh iomain againn anns a' bhun-sgoil, ach chan e iomain mar a bha mi fhìn eòlach air nuair a chaidh mi dhan àrd-sgoil a bh' ann. Cha robh camain cheart mar sin againn. Ach nuair a chaidh mi dhan àrd-sgoil, ghabh mi ùidh mhòr anns an iomain, agus bha aon duine, tha mi a' creidsinn gu sònraichte a bha a' togail an ùidh againn anns an iomain, agus 's e sin DR Dòmhnallach, a bha a' teagasg Gàidhlig. Mar sin, bhithinn a' cluich iomain a h-uile feasgar Dihaoine. Bha cothroman againn a bhith a' dol amach 's a bhith a' feuchainn rudan eadar-dhealaichte agus bhithinn a' cluich an uairsin anns an sgoil agus chùm mi orm nuair a chaidh mi dhan an oilthigh cuideachd a' cluich iomain agus às dèidh nuair a thill mi dhan oilthigh agus bha mi fhìn a' teagasg bha mi an uairsin a' dèanamh tòrr trèanadh còmhla ri na balaich òga 's chùm mi orm thairis air na bliadhnaichean mar sin, a' cluich beagan ach a' dèanamh barrachd obair còmhla ri òigridh.

[SEUMAS] Seadh. Ciamar a chaidh fear nach robh a' cluich mòran iomain sa bhun-sgoil, mar a thuirt thu fhèin, ciamar a chaidh a tharraing dhan a' ghèam cho sgiobalta nuair a chaidh e dhan an àrd-sgoil?

[IAIN TORMOD] Uill, a-rithist, cha robh mòran 's dòcha bhon an sgìre agam fhìn anns a' chiad dol amach a' cluich. Cha bhiodh sinn a' cluich, fhios agad, às dèidh na sgoile no càil dhe sin. Ach chanainn fhìn gur e sin a bh' ann, dìreach gun do ghabh mi iomain nuair a chaidh mi dhan an àrd-sgoil agus bha e a' còrdadh rium math fhèin. 'S bha tòrr dhe na balaich an uairsin cuideachd a bha a' gabhail Gàidhlig, bha mise a' faireachadh. Bha iad còmhla rinn. Mar sin, bhiodh tòrr fealla-dhà againn 's mean air mhean, tha mi a' smaoineachadh gu robh iomain dìreach a' fàs nas làidire anns an sgoil cuideachd agus, mar sin, bha sin a' togail m' ùidh.

[SEUMAS] Do dhuine nach eil eòlach air iomain, innis dhuinn mun a' ghèam. Dè an seòrsa gèam a th' ann?

[IAIN TORMOD] Uill, 's e ... Tha mi a' creidsinn gur e a' chiad rud mu dheidhinn tha thu ga chluich le caman, agus ... Innis dhomh dè a th' ann an caman. Uill, caman, 's e tha, maide, dh'fhaodadh tu a ràdh anns an dòigh sin a th' ann. Tha e air a dhèanamh de fiodh eadar-dhealaichte, ach tha an caman, faodaidh tu a bhualadh taobh seach taobh. Bidh daoine ag ràdh, "O tha iomain coltach ri hocaidh." Uill, chan eil anns an dòigh sin idir. Tha ... Faodaidh tu a bhualadh bho gach taobh. Ma tha thu a' cluich, can, anns an loidhne dìon aig a' chùlaibh bhiodh caman nas motha agad airson am ball a thogail nas àirde. Ma tha thu a' cluich anns an loidhne toisich, aig an aghaidh, bhiodh an caman agad ... bhiodh e caran flat mar a chanadh sinn airson am ball a chumail ìosal. 'S e gèam gu math luath a th' ann, gèam cruaidh a th' ann ann an tòrr dhòighean agus feumaidh deagh shùil a bhith agad. Feumaidh tu a bhith math air am ball a bhualadh cuideachd, ach tha mi a' faireachadh an seòrsa gèam a th' ann, tha thu gu mòr tha thu a' cluich an aghaidh an duine a tha thu suas na aghaidh, fhios agad? Tha e gu math ... Fhios agad, chan eil thu ... Tha an sgioba cudromach, ach tha e cudromach cuideachd cò a tha thusa a' cluich na aghaidh, chanainn. Gèam luath, ge-tà. Tha thu air ais 's air adhart. Tha am ball a' dol sìos is suas a' phàirce agus ... Och, gèam math anns an dòigh sin.

[SEUMAS] Bhruidhinn thu an siud air a bhith a' bualadh a' bhuill suas is sìos a' phàirce. Dè an seòrsa ball a th' ann? Cò ris a tha e coltach?

[IAIN TORMOD] Uill, 's e ball gu math cruaidh a th' ann. Cha chreid leamsa an-diugh gu bheil e cho cruaidh 's a bha e. Nuair a thòisich mise a' cluich, 's e ball dubh a bh' ann, leathair dubh, 's nuair a thigeadh e a-mach 's a' chiad turas, bha e coltach ri cnap guail. Ach bhon uairsin, tha na buill ... Saoilidh mise nach eil iad cho cruaidh 's a bha iad. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' tighinn à Èirinn a-nise, feadhainn dhiubh cuideachd, agus 's e rud a' tha mi fhìn a' faireachadh mu dheidhinn an gèam, thairis air na bliadhnaichean, gu h-àraid air, can, anns an ùine a bha mi fhìn a' tòiseachadh air trèanadh òigridh, gu bheil an gèam a-nise air fàs, chanain-sa, nas sàbhailte no nas fheàrr airson feadhainn òga a bhith ga chluich, chan e a-mhàin balaich, ach nigheanan cuideachd. 'S tha ball ... Gheibh thu ball nas buige, agus cuideachd, bidh daoine a' cur orra clogadan a-nise, rud nach robh ann nuair a thòisich mise a' cluich iomain. 'S mar sin, tha mi a' smaoineachadh gu bheil an gèam air fàs tòrr nas fheàrr airson daoine eadar-dhealaichte, aoisean eadardhealaichte, a bhith a' cluich an geama. Agus faodaidh tu cuideachd a bhith a' cluich an geama taobh a-staigh talla. Tha, mar a chanas sinn ann am Beurla, "first shinty" ann, le camain a tha air an dèanamh de phlastaig 's de rubair, 's tha sin math cuideachd, dìreach airson na sgilean agus misneachd aig an òigridh a thogail agus an ùidh aca a thogail anns a' ghèam a tha seo.

[SEUMAS] A bheil thu a' smaoineachadh gu bheil na h-atharraichidhean air a bheil thu a' bruidhinn an sin, clogadan, sàbhailteachd, a' toirt atharrachadh air stoidhle a' ghèam?

[IAIN TORMOD] Uill, 's dòcha gu bheil, gu ìre. Tha mi a' creidsinn, 's dòcha ma tha clogad ort, 's dòcha gu bheil thu a' faireachdainn gu bheil thu fhèin nas sàbhailte ach, an dèidh sin, 's e an rud, chan eil an gèam ag atharrachadh. Feumaidh tu ionnsachadh gu math tràth ciamar a tha thu a' dol a-staigh, mar a chanas sinn, airson "tackle" a dhèanamh. Ma tha thu a' feuchainn ri stad 's dòcha an caman aig an duine eile no am ball a stad, ach cuideachd, feumaidh tu a bhith faiceallach nuair a tha thu a' dol faisg air duine a tha a' bualadh, a' bualadh ball, gun tig thu a-staigh air an taobh cheart, no dh'fhaodadh an caman bualadh annad. Mar sin, tha e uabhasach fhèin cudromach gu bheil a h-uile rud a tha sin air a theagasg anns a' chiad dol amach.

[SEUMAS] A bheil thu a' smaoineachadh, ann an seadh spòrs, gu bheil iomain ag ionnsachadh dhut a bhith a' cur dìon ort fhèin?

[IAIN TORMOD] Tha sin fìor. Agus chan e a-mhàin ort fhèin. Chanain-sa gu bheil e cudromach cuideachd gu bheil thu a' smaoineachadh air na daoine a tha thu a' cluich, a cluich nan aghaidh, agus chan e ... Bidh feadhainn de dhaoine a' smaoineachadh mar as cruaidhe no mar as motha a bheir thu buile air a' bhall no a bheir thu an caman air ais gu bheil sin nas fheàrr. Chan eil. Mar as luaithe ... Tha e mu dheidhinn a bhith a faighinn ... a bhith a' gluasad luath leis a h-uile rud a th' ann, ach tha e cudromach gu bheil thu ag ionnsachadh dìreach a bhith sàbhailte anns a' chiad dol a-mach agus gu bheil a h-uile duine sàbhailte.

[SEUMAS] Mar sin, slaic no dhà, agus chan eil thu fada ag ionnsachadh mar a sheallas tu às do dhèidh fhèin?

[IAIN TORMOD] Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin fìor, fìor mu ar beatha, 's fìor mu dheidhinn tòrr rudan, dìreach gu bheil thu a' tuigsinn an uairsin gu bheil agad ri bhith caran faiceallach cuideachd agus cùramach, agus cùramach, tha mise a' smaoineachadh cuideachd, mu dheidhinn daoine eile. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin cudromach.

[SEUMAS] Iain Tormod, tapadh leat.

[IAIN TORMOD] Mòran taing.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!