FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Donald Macdonald, an information technology specialist at Sabhal Mòr Ostaig. Dòmhnall Dòmhnallach, eòlaiche teicneòlas-fiosrachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Dòmhnall Dòmhnallach: Teicneòlas-fiosrachaidh

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Cuide rium tha Dòmhnall Dòmhnallach à Inbhir Moireastan, a tha ag obair mar eòlaiche teicneòlas-fiosrachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach. Fàilte, a Dhòmhnaill. Nise, thàinig thu dhan obair seo às dèidh bliadhnaichean ann an dreuchd eile. Dè bha tarraingeach dhut mun obair seo gu sònraichte?

[DÒMHNALL] Uill, bha mi bliadhnaichean ag obair air na cruinn-ola sa Chuan a Tuath, agus ged a bha an obair sin inntinneach, bha an dòigh beatha caran neònach agus cha do chòrd ... cha do chòrd sin rium, agus bha deich bliadhna an sin gu leòr. Agus mar tubaist thàinig mi dhan Eilean, agus cha robh mi a' fuireach fad air falbh bho Sabhal Mòr Ostaig, agus a chionn 's gu robh ùidh mhòr agam anns a' Ghàidhlig, bha mi a' smaoineachadh gur e deagh dhòigh a bh' ann airson a bhith a' faighinn air falbh bhon obair anns na cruinn-ola a bhith a' tighinn dhan a' cholaiste mar oileanach. Agus bha mi air a' Chùrsa Chomais airson aon bhliadhna. Mar sin, bha mi dìreach a' smaoineachadh, "Dè nì mi?" Agus a bharrachd air Gàidhlig, nuair a bha mi na b' òige, bha ùidh mhòr agam ann an coimpiutaireachd, agus thòisich mi air teisteanas eile leis an Oilthigh Fosgailte ann an coimpiutaireachd. Agus nuair a bha mi leth-phàirt tro sin, thàinig obair an àirde aig a' cholaiste mar neach teicneòlaiche anns an roinn IT. Fhuair mi an obair dìreach cola-deug às dèidh dhomh a bhith deiseil mar oileanach aig a' cholaiste an seo, so cha robh fiu 's cothrom agam saor-làithean fhaighinn nuair a thòisich mi san dreuchd ùr. Agus tha mi air a bhith an seo ag obair le coimpiutairean o ... dusan bliadhna a-nise, agus tha e a' còrdadh rium fhathast.

[SARAH] Dè na rudan as fheàrr leat mu bhith ag obair le coimpiutairean?

[DÒMHNALL] Tha thu ag obair le d' eanchainn fad an latha, agus gu tric, cuideigin a' tighinn thugad le trioblaid agus tha thu a' cur seachad 's dòcha uair a thìde ann a bhith a' feuchainn ris a chur ceart agus an uairsin tha rudeigin deiseil. Tha duine toilichte agus tha e a' toirt toileachas dhut a bhith air trioblaid fhuasgladh. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e - dhòmhsa co-dhiù - tòrr nas fheàrr na bhith 's dòcha a' sgrìobhadh aithris no a' dol gu coinneamhan. Chan eil mòran a leithid sin againne. Mar sin, gach latha tha thu a' fuasgladh dùbhlain do dhaoine.

[SARAH] Nise, aon dùbhlan eile a dh'fhaodadh a bhith agad, 's ann a thaobh briathrachas. Leis gu bheil thu ag obair tro mheadhan na Gàidhlig, tha briathrachas agad, mar a tha sinn a' cluinntinn, ach a bheil thu a' smaoineachadh gu bheil feum air barrachd?

[DÒMHNALL] Uill, mar a tha a' tachairt ann an tòrr dhùthchannan eile, tha iad a' cleachdadh facail Beurla airson coimpiutaireachd, agus leis cho mòr sa tha an eadar-lion air fàs, air feadh an t-saoghail, agus 's e Beurla a tha air a' mhòr-chuid dhe na làraichean-lìn, tha am briathrachas a' sgaoileadh air feadh an t-saoghail, agus air sgàth sin, 's e Beurla a bhios daoine a' cleachdadh air feadh an t-saoghail mar briathrachas airson coimpiutaireachd, ach chan eil sin ag ràdh gur e rud ceart a th' ann, ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil Gàidhlig air deireadh air cànain eile. Air an làimh eile, tha faclan a' tighinn ann, ach chan eil a h-uile duine a' tarraing air an aon ràmh. Tha diofar dhaoine a' cleachdadh diofar faclan. An e "sgrion" no "sgàil(ean)" a chleachdas tu airson "monitor", agus tòrr rudan eile. Agus am bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh an àirde faclan air ar son fhìn, no am bu chòir dhuinn a bhith ag obair còmhla ris na h-Èireannaich mar eisimpleir, gus am bi na h-aon fhaclan againne, agus a' tighinn gu co-dhùnadh air mar a tha briathrachas a thaobh coimpiutaireachd a' dol? Agus 's e aon dòigh a th' ann airson an dà chànan a thoirt ri chèile a-rithist. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an dà chànan, Gaeilge na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba, a' dol air falbh bho chèile, agus bhiodh e math nan robh iad a' tighinn nas fhaisg a-rithist agus 's dòcha gur e sin aon dòigh airson sin a dhèanamh, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil e fìor airson tòrr dhen a' bhriathrachas a tha a' nochdadh sa bheatha "modern" an-diugh, chan ann dìreach airson coimpiutaireachd. So, 's e ceist a th' ann fhathast, ach cha chreid mi gum bi fuasgladh ann ann am ... uill, airson bliadhnaichean fhathast.

[SARAH] Uill, mìle taing airson bruidhinn rinn, a Dhòmhnaill.

[DÒMHNALL] Tapadh leibhse.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!