FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Art terminology Briathrachas Ealain

John Urquhart, who is from Harris, tells about his interest in art. Iain Urchadan (a bhuineas ri na Hearadh) ag innse mun ùidh a th’ aige anns na h-ealain.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Iain Urchadan: Ealain

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Cuide rium an-dràsta, tha Iain Urchadan às na Hearadh, a tha a' dol a dh'innse dhuinn mun ùidh a th' aige anns na h-ealain. Fàilte, Iain. Nise, inns dhuinn, cuin a thòisich d' ùidh anns na h-ealain?

[IAIN] Tha mi a' smaoineachadh gun do thòisich m' ùidh-sa anns na h-ealain gu math tràth na mo bheatha nuair a bha mi na mo ghrioban beag anns na Hearadh. Bhiodh bràthair mo mhàthar, Dòmhnall Beag Bhòirseim, bhiodh e a' dol sìos chun na tràghad, 's bhiodh e a' faighinn fiodh a sin a thigeadh a-steach air a' mhuir agus bhiodh e ga thoirt suas chun na bàthach a bh' againn air cùl an taighe agus a sin, bhiodh ùird agus sgeilbean agus locairean agus sàbhaichean agus a leithid aige, agus bhiodh esan a' cruthachadh rudan le na pìosan fiodha a thàinig a-steach air a' mhuir, agus bha iad uabhasach feumail, ach bha (iad) ealanta aig an aon àm, agus bha e uabhasach math air a bhith a' peantadh rudan cuideachd, ge b' e rudan air an suidheadh tu no preasaichean no dorsan no geataichean no rudan mar sin, agus bhithinn-sa air mo bheò-ghlacadh agus bhithinn-sa a' suidhe ann a shin agus bhithinn ga choimhead, agus bhiodh e fhèin an uairsin, tha, bhiodh e a' cruthachadh chlaidheamhan dhòmhsa airson a bhith a' dol amach na mo ghaisgeach. Agus dhèanadh e sin le sgian agus bhithinn dìreach a' suidhe agus m' anail a' fàs uabhasach domhain 's mi ga choimhead agus e a' dèanamh seo biorach 's deiseil, 's an uairsin, dh'fhaodamaid an cleachdadh. Cha robh esan ach ceithir bliadhn' deug na bu shine na mise, 's bha e uabhasach math dhomh, agus mar sin, tha mi a' smaoineachadh, tha Dòmhnall Bhòirseim a' chiad rud, a' chiad fhear a thug buaidh orm. Ach an rud eile, thòisich an teaghlach a' ceannachd ... tha ... comics dhomh, agus bhiodh e a' còrdadh riums' uabhasach math a bhith a' coimhead na dealbhanan èibhinn agus na dealbhanan magaidh a bha seo, agus bha mi dìreach beò-ghlacte anns na sgeulachdan, a' suidhe fon an Tilley air an oidhche, ag èisteachd rithe mar gum b' e a' feadarsaich rium gu socair, socair, socair agus mise ann an saoghal eile nuair a bhiodh an gèile mòr a' dol a-muigh, taobh a-muigh an taighe. Bha sin uabhasach math, agus tha mi a' creidsinn gun do lean sin air adhart gu m' ùidh anns na h-ealain on a thòisich mi fhèin a' feuchainn ri dealbhanan èibhinn agus dealbhanan magaidh a dhèanamh, agus bhiodh cuid dhen a' chlann anns an sgoil ag ràdh rium, "O, uill, tha thu math air a sin." 'S bha seo a' còrdadh rium, a chionn cha robh mi math air cus, feumaidh mi ràdh, 's cha robh mi uabhasach math anns an sgoil, agus mar sin, a chionn gu robh mi glè mhath air dealbhan a dhèanamh, lean mi orm a' dèanamh barrachd agus barrachd agus barrachd dhiubh. Agus bha tè a bha a' fuireach an ath-dhoras rium, Ceitidh Mòrag, agus shuidheadh ise airson ùine mhòr fhada, agus dhèanainn-sa dhe a h-aghaidh agus sgàil riochdan agus rudan mar sin, agus, o, bha i math, agus chòrd e rium glan. Agus an rud a tha doirbh a chreidsinn, a' coimhead orm an-diugh, bha mi air mo bheò-ghlacadh gu ìre cho mòr nuair a bha mi na mo bhalach agus na mo dheugaire agus a-steach dha na ficheadan agus gu dìochuimhnichinn mo bhiadh a ghabhail air sgàth agus gu robh e a' còrdadh rium cho math agus bha mi a' call suim air ùine no càil sam bith mar sin, agus uaireannan, dh'fhaodainn a dhol eadar àm bracaist agus àm leapach agus mi air dìochuimhneachadh dà bhiadh a ghabhail eatarra air sgàth agus gu robh seo dìreach a' faighinn grèim cho làidir orm. Agus an uairsin ghluais mi suas, agus nuair a bha mi ochd bliadhn' deug, fhuair mi an cothrom a dhol a Cholaiste an Ealaine ann an Glaschu, agus cha b' urrainn dhomh a chreidsinn gun d' fhuair mise a-steach ann a shin. Bha mi cho moiteil 's a' ghabhadh a bhith.

[SARAH] Agus dè a bhuaidh a bh' aig na daoine ann an Colaiste an Ealaine ann an Glaschu ort cuideachd?

[IAIN] Bha buaidh fìor mhòr aig na daoine ann an Colaiste an Ealaine ormsa, agus bha daoine còmhla rium aig an àm sin a chaidh air adhart gus a bhith nan luchd-ealain ann an ealain-sùla a tha dìreach air leth comasach. Feumaidh mi ràdh, bha a' chiad bhliadhna air leth sònraichte, a chionn, bha sinn a' faighinn a h-uile diofar chuspair a thaobh ealain-sùla fheuchainn, agus mar sin, bhiodh peantadh a' dol, dealbhadaireachd le peansail, bhiodh sinn a' dèanamh obair snaidheadaireachd, obair crèadh, agus an uairsin, an dèidh bliadhna dhen a sin, bha roghainn againn ri dhèanamh dè gu sònraichte a bha sinn ag iarraidh a leantail, agus, dhòmhsa, gu hiongantach, b' e na h-oileanaich a bha còmhla rium ann an Colaiste an Ealaine a bu mhotha a thug buaidh orm, gu deimhinne, deimhinne, a chionn, leis an fhìrinn, bha mise a' faireachdainn nach robh mi airidh air a bhith còmhla riutha. Bha cuid dhe na daoine air a' clas agam agus anns na clasaichean os mo chionn cho math agus cho comasach agus nach robh mi dìreach airidh air na brògan aca a ghlanadh. Agus bha fear Coinneach MacAoidh air a' chlas agam, agus bha e cho comasach ri duine a chunnaic mi a-riamh, agus bhiodh e a' dèanamh obair crèadh, agus bha comas a' dòrtadh a-mach às. Cha bu chòir dhòmhsa a bhith air an aon chlas ris. Bha e cho math. Ach bhiodh esan a' dèanamh obair crèadh, agus obair de chinn, agus dh'aithnicheadh tu anns a' bhad cò a bh' ann. Agus thòisich e a' dèanamh na pìosan ealain a bha seo, 's dòcha dà throigh, trì troighean a dh'àirde nuair a bha e anns a' cholaiste, agus bha e coltach ri rud a dhèanadh Michelangelo. Bha iad cho math. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e Coinneach a rinn an ìomhaigh de Dhòmhnall Dewar a th' ann am Buchanan Street ann an Glaschu, agus tha sin gu math ainmeil anise. Agus bha fear eile ann a bha còmhla rium aig an àm, fìor dheagh charaid, Andy Scott, agus tha esan air na "River Kelpies" agus rudan mar sin a dhèanamh a chithear ann an Glaschu, 's "Na h-Eich Mhòra" agus gnothaichean mar sin cuideachd. Bha daoine timcheall orm, agus bha mise a' smaoineachadh gur e urram a bh' ann dhòmhsa a bhith faisg orra.

[SARAH] Agus dè a rinn thu às dèidh a' chiad bhliadhna?

[IAIN] 'S e an rud a thagh mise, rud a tha a-nise a' dèanamh ciall mhòr dhomh, bha mise a' cruthachadh ealain a bha feumail, agus chanadh iad ris a sin ann am Beurla, "functional art", so bhithinn-sa a' dèanamh shuidheachain agus phreasan agus àirneis, rudan mar sin, a bhiodh dealbhach, brèagha - bha min dòchas - ach aig an aon àm, a bha feumail, agus nuair a smaoinicheas mi air, 's e seo a bha Dòmhnall Beag Bhòirseim, bràthair mo mhàthar, a' dèanamh nuair a bha mi òg, 's ann an dòigh, bha e ga mo dheasachadh airson an rud a thigeadh an dèidh sin, agus chuir mi seachad trì bliadhnaichean an uairsin a' dèanamh sin gu sònraichte, agus bha aon neach ealain gu sònraichte a bha san obair seo a bu toigh leam eagallach. 'S e an t-ainm a bh' air-san Tim Stead, Sasannach a bha a' fuireach ann an crìochan na dùthcha, agus, dhòmhsa, cha robh a shamhail anns an tsaoghail, idir, idir, idir. Cha robh duine sam bith. 'S chaidh mi gu factaraidh mhòr ann am Milan, Cassina, far an robh iad a' dèanamh tòrr àirneis a bha a' faighinn cliù air feadh an t-saoghail, agus dhòmhsa, math 's ged a bha Cassina, bha fhathast Tim Stead na b' fheàrr.

[SARAH] Agus dè a thachair às dèidh siud an uairsin?

[IAIN] Uill nuair a bha mi deiseil air a' cheathramh bliadhna, chuir mi a' folio obrach agam gu Tim Stead, agus dh'fhaighnich mi dha am biodh e deònach mise a ghabhail fo sgèith agus teagasg dhomh ciamar a dhèanainn barrachd dhen an seòrsa obair a bha esan a' dèanamh, a chionn na rudan a bha e a' dèanamh le fiodh, chan e loidhnichean cruaidh, mì-nàdarra ann an dòigh a bh' annta idir. Bhiodh e a' cleachdadh cumadh na fiodha, agus bhiodh e a' cur cruthan air a bha caran nàdarra a' coimhead, agus bha iad brèagha. Uaireannan, chuireadh e druim air suidheachan a bha coltach ri cnàmhan èisg. Bha e uabhasach inntinneach mar a chuireadh e rudan ri chèile. Bha mi a' faireachdainn gu robh iad cha mhòr beò ann an dòigh, 's chuir mi seo air falbh thuige agus bha mi mìosan a' feitheamh, 's mi a' ràdh, "Uill, amadain, chan eil Tim Stead a dol ga do ghabhail. Carson a tha thu a' smaoineachadh gun gabhadh an duine as fheàrr anns an t-saoghal thusa fo sgèith?" 'S an uairsin, thàinig am BBC thugam, 's thuirt iad rium gu robh iad ag iarraidh prògram a dhèanamh mu dheidhinn m' obair. 'S bha mise a' faireachdainn caran moiteil an uairsin. Agus chaidh am prògram a chlàradh anns a' Chafé Gandolfi ann an Glaschu, agus bha an àirneis aig Tim Stead mu thimcheall orm ann a shin anns a h-uile h-àite, agus cha b' urrainn dhòmhsa a bhith na bu thoilichte. Agus an ath Dhiluain, dh'fhòn am BBC thugam agus thuirt iad, "An tig thu a dh'obair dhuinne?" agus bha mi a' smaoineachadh gu robh seo caran neònach, gu robh iad ag iarraidh neach àirneis airson rèidio. Bha mi a' ràdh, "Chan eil an àirneis agam uabhasach math a-rèist mura faicear e," ach bha iad ag iarraidh gum bithinn na mo phreasantair, 's bha roghainn agam ri dhèanamh: am bu chòir dhomh feitheamh - bha mi air a bhith a' feitheamh beagan mhìosan air Tim Stead - no am bu chòir dhomh feuchainn ri tuarastal a dhèanamh, agus mar sin, ghabh mi obair a' BhBC. Agus an Latha Sàbaid ron Diluain nuair a bha mi a' tòiseachadh aig a' BhBC, dh'fhòn Tim Stead thugam, 's thuirt e, "Sheall mi air a' folio agad. Chòrd e rium. An tigeadh tu a dh'obair còmhla rium?" Ach bha mise air mo ghealladh a thoirt dhan a' BhBC gun deidhinn còmhla riuthasan, agus theab mo chridhe sgàineadh, oir bha agam ri cantainn ris, "Tha mi duilich. Tha mi air m' ainm a chur sìos airson obair eile mar-thà, agus feumaidh mi bhith, 'fhios agad, fìor ris an rud a dh'aidich mi." Agus mar sin, chaidh mo bheatha air cùrsa eile an uairsin.

[SARAH] O, mo chreach! Abair eadar-dhealachadh mhòr!

[IAIN] Bha siud doirbh.

[SARAH] Tha fhios gu robh. Uill, mìle taing airson bruidhinn rinn, Iain.

[IAIN] 'S e ur beatha.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!