FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Baking Fuine

Muriel Urquhart comes from the Isle of Lewis, but now lives on the Isle of Skye. Buinidh Muireall Urchadan ri Eilean Leòdhais, ach tha i a-nise a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Muireall Urchadan: Fuine

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Cuide rium a-nise Muireall Urchadan, a bhuineas do dh'Eilean Leòdhais, ach a tha a-nise a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach, agus tha ùidh aig Muireall ann a bhith a' fuine agus ann an còcaireachd. Fàilte, Muireall. Nise, ciamar a thòisich an ùidh a tha seo ann a bhith a' fuine agus a' còcaireachd?

[MUIREALL] 'S caomh leam a' bhiadh. 'S caomh leam a' bhiadh, agus bu chaomh leam a' bhiadh bhon a bha mi beag bìodach, agus bhiodh mo mhàthair an còmhnaidh ... Bha i math air còcaireachd agus fuine, ach cha robh cus ùine aice, agus bhiodh i ann an cabhaig agus bhiodh rudan eile aice ri dhèanamh, agus tha, bhiodh i a' dol rudeigin fiadhaich nuair a bhiodh sinne ag obair am measg na rudan a bha i a' dèanamh agus bhithinn-sa an còmhnaidh a' coimhead na bha i a' dèanamh 's ciamar a bha i ga dhèanamh, agus bhithinn ag iarraidh dìreach mo làmhan fhaighinn a-steach dhan an taois agus crathadh dhan a' mhin-fhlùir a dhèanamh 's rudan a chur a-steach ann, agus cha robh i uabhasach measail air gum biodh sinn a' dèanamh sin. Ach bha piuthar mo mhàthar a' fuireach an ath-dhoras dhuinn agus bha barrachd ùine aicese, seach gu robh a' chlann aice air an taigh fhàgail 's mar sin, agus leigeadh ise leat a bhith ag obair anns na poitean, agus, o, bhithinn-sa a' smaoineachadh gu robh mise an dèidh 's an rud a chòcaireachd. Bhithinn a' cur an rud mun cuairt leis an t-sleaghag agus a' smaoineachadh, "Seall an rud a rinn mi." Bha mi a' faireachdainn gu math moiteil gu robh mi an dèidh pana mòr brot a dhèanamh, agus cha robh idir. 'S i ise a bha an dèidh 's a dhèanamh. 'S nuair a bhiodh i ag obair air fuine, leigeadh ise leat a bhith ag obair anns an taois agus a' crathadh am min-fhlùir air feadh an àite 's cha toireadh i trod dhut uair sam bith. Tha mi a' smaoineachadh gur ann às a sin a fhuair mi, 'fhios agad am faireachdainn snog a tha sin, a bhith ag obair le taois a tha rudeigin fliuch agus min-fhlùir ga chrathadh. Tha e gu math ... Tha e gu math therapeutic, tha mi a' creids', ann an dòigh. 'S ann an uairsin a thòisich an ùidh agamsa.

[SARAH] A bheil cuimhn' agad air a' chiad rud a rinn thu leat fhèin?

[MUIREALL] Uill, tha cuimhn' agam nuair a fhuair mi an leabhar a bha seo aig àm na Nollaig. Bha cèice mhòr teoclaid ann, agus bha mi a' cantainn, "Bhiodh sin fìor mhath nam faighinn air seo a dhèanamh." Ach chan eil fhios agam dè a thachair gun deach leigeil dhomh, ach chaidh cantainn rium gu faodainn feuchainn air codhiù, agus ... ach gu feumainn a h-uile càil a dhèanamh mi-fhìn, agus, o, bha mi air mo dhòigh glan leis a seo, agus dh'obraich e glè mhath. Agus tha mi a' creids' gu robh e furasta gu leòr a dhèanamh, ach ... Tha mi a' creids' gu robh mi timcheall air ochd no rudeigin mar sin, agus fhuair mi air an cèic a bha seo a dhèanamh. O, 's bha mi cho moiteil gun do rinn mise an cèic a bha seo. Agus bhon uairsin, dìreach lean e air adhart mar sin, 's bhithinn gu math tric gach Disathairn', gach feasgar Disathairn', bhithinn er ... a' dèanamh còcaireachd air choireigin, bèicearachd air choireigin dìreach a rèir 's dè an seòrsa rudan a bha a dhìth air daoine.

[SARAH] Dè an seòrsa rudan a bhios tu fhèin a' fuine an diugh?

[MUIREALL] Tha e a rèir, really, dè an àm dhen bhliadhna a bhios ann dè a bhios mi ag iarraidh a dhèanamh. Agus cuideachd a rèir a bheil tòrr uighean againn. Tha cearcan againn, 's bidh sinn a' faighinn uighean bhuapa, so, nuair a bhios iad a' breith, bidh gu leòr de dh'uighean agam, so bidh mi a' dèanamh rudan an uairsin mar reòiteagan agus rudan a tha a' cleachdadh tòrr de dh'uighean, mar meringues is reòiteagan agus diofar rudan mar sin, paidhs a tha a' cleachdadh 's dòcha tòrr uighean annta, rudan mar er ... Bidh mi a' dèanamh brownies cha mhòr a h-uile seachdain. Tha a' chlann dìreach ... Bidh iad gan ithe dìreach ... A h-uile latha, tha iad gan gabhail! Agus ... So, tha sin a' feumachadh tòrr uighean, ach uaireannan, chan eil na rudan idir cho furasta an dèanamh sa tha iad a' coimhead agus thèid rudan ceàrr, ach 's ann bho bhith a' feuchainn a-rithist 's dòcha agus a-rithist a gheibh duine ... Bidh mearachdan ann 's bidh rudan a' dol ceàrr, ach coma. Chan eil e gu diofar.

[SARAH] An fheàrr leat biadh samhraidh no biadh geamhraidh, agus carson?

[MUIREALL] Uill, 's toigh leam as t-samhradh, nuair a bhios rudan ... nuair a bhios rudan a' fàs timcheall òirnn. Bidh mi a' dèanamh ... Uill, se elderflower cordial a bhios mi a' dèanamh - a' tòiseachadh a' dèanamh - ach uaireannan, bidh e a' dol na sheòrsa de dh'fhìon. Ach chan e g' eil duine a' gearain mu dheidhinn sin, cha 'reid mi. Ach 's toigh leam cuideachd a bhith a' cruinneachadh rudan nuair a bhios na dearcan a-muigh air craobhan, a' feuchainn rudan eadar-dhealaichte le sin, dè an seòrsa diofar rudan a nì mi leotha. 'S toigh leam a bhith a' dèanamh silidh gu math tric. Ma tha na rudan sin a' fàs gu bitheanta timcheall ort, 's toigh leam a bhith a' cleachdadh na rudan sin, airson diofar rudan mar silidhean, ach 's caomh leam biadh snog geamhradail. Rudan a tha ... 'Fhios agad, rudan blàth, rudan ... Seòrsa de stews agus rudan mar sin, agus 's caomh leam rudan mar sin gu mòr. Sin na rudan as ... Tha mi 'creids' gur e sin na rudan as fheàrr leam a bhith ag ithe.

[SARAH] Dè a tha thu a' smaoineachadh a tha a' dèanamh deagh bhèicear no còcaire?

[MUIREALL] Tha mi a' smaoineachadh, anns a' chiad dol-a-mach, gur e misneachd rudeigin fheuchainn. Chan eil e diofar ... gu diofar ma thèid e ceàrr ort. Feumaidh tu rudeigin fheuchainn uaireannan. Chan eil e math gu leòr, dìreach leabhraichean a bhith agad agus a bhith gan coimhead agus a' cantainn, "Nach biodh sin math a ghabhail?" Feumaidh tu cantainn, "Uill, tha mise a' dol a dh'fheuchainn ri sin a dhèanamh." Agus gun a bhith ro mhì-mhisneachail nuair a thèid rudan ceàrr. Chan e cantainn, "O, uill, chaidh siud uile gu lèir ceàrr," you know? "Chan fheuch mi air gu bràth tuilleadh," ach cantainn, "Càite an deach e ceàrr?" Agus faicinn, "Uill, 's dòcha an ath thuras gun cuir mi ann beagan a bharrachd dhen a siud, no nas lugha dhen a seo, agus cuideachd a bhith a' cumail notaichean. Uaireannan, bidh mi, nuair a bhios mi a' dèanamh 's dòcha recipe a-mach à leabhar, no rudeigin dhen an t-seòrsa sin, no rudeigin far blog no far an eadarlìon, bidh e agam sgrìobhte a-mach, agus bidh mi ga dhèanamh mar a tha e sgrìobhte a' chiad turas, ach an uairsin, an ath thuras, 's dòcha gun can mi, "Uill, bha siud ro bhog," no "bha siud ro chruaidh," no "cha robh siud milis gu leòr," no "bha siud fada ro mhilis," no, "an dùil am biodh e na b' fheàrr le beagan dhen a siud no dhen a seo?" agus dìreach notaichean beaga a ghabhail gach turas agus na h-atharraichidhean a dhèanamh, 's bidh an uairsin ... bidh e nas coltaiche ris an seòrsa rud a tha thu fhèin ag iarraidh a dhèanamh. Aig deireadh an latha, feumaidh e còrdadh riut.

[SARAH] So, mar sin, 's dòcha gu faic sinn air farpais còcaireachd thu.

[MUIREALL] O, chan fhaic gu bràth! Chan fhaic gu bràth, cha 'reid mi! Sin an rud. Nuair a tha thu a' còcaireachd, tha thu ag iarraidh ... Tha thu ag iarraidh fois, really, a bhith ga dhèanamh, agus 's e rud um ... 's e rud saorsainneil a th' ann. Tha thu mar gum biodh ga do chall fhèin ann a bhith ga dhèanamh ma tha tìde gu leòr agad, agus tha e math ma tha ùine agad. Chan eil càil nas miosa na bhith a' feuchainn rudeigin a dhèanamh ann an cabhaig, agus a bhith a' feuchainn rudeigin a dhèanamh ann an cabhaig 's daoine ga do choimhead agus camara ort ... Bhiodh e dìreach uabhasach, tha mi a' smaoineachadh.

[SARAH] So 's e cur-seachad a th' ann airson an t-àm seo?

[MUIREALL] 'S e cur-seachad a th' ann, agus tha mi a' smaoineachadh sin mar a bhios e!

[SARAH] Mìle taing airson bruidhinn rinn, Muireall.

[MUIREALL] Taing.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!