FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Victoria Kilgour comes from a non-Gaelic-speaking family, but that didn’t stop her learning. Thàinig Victoria Kilgour à teaghlach aig nach robh Gàidhlig, ach cha do chuir siud stad oirre!

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Victoria Kilgour

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Cuide rium an-dràsta tha Victoria Kilgour à Glaschu, a thàinig à teaghlach aig nach robh Gàidhlig, ach cha do chuir siud stad oirre Gàidhlig ionnsachadh. Fàilte, Victoria. Nise, innis dhuinn ciamar a thàinig thu gu Gàidhlig ionnsachadh.

[VICTORIA] Uill, bha mo mhàthair ag obair ann an cròileagan ann am Bishopbriggs agus dìreach rinn i suas a h-inntinn gum bithinn-sa agus mo pheathraichean a' dol gu fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig an sgoil sin, so chaidh mi ann airson Prìomh a h-Aon, agus an uairsin, ann am Prìomh a Dhà, dh' fhosgail aonad Gàidhlig ann am Bun-sgoil Chondorrait far an robh sinn a' fuireach, so chaidh mi ann a sin agus dh'fhuirich mi ann gu Prìomh a Seachd. 'S an uairsin, chaidh mi air adhart gu Àrdsgoil Greenfaulds agus rinn mi mo chuid Ghàidhlig aig Àrd ìre agus Sàr Àrd ìre, agus às dèidh làimh, fhuair mi na comharraidhean agam airson an oilthigh, agus chaidh mi air adhart gu Oilthigh Ghlaschu airson Gàidhlig agus Film & TBh a dhèanamh.

[SARAH] Nise, cha robh Gàidhlig aig do mhàthair agus aig d' athair.

[VICTORIA] Cha robh.

[SARAH] Mar sin, an robh duilgheadasan sam bith agaibh a thaobh 's dòcha obair-dachaigh agus a leithid?

[VICTORIA] Cha robh mi a' smaoineachadh gu robh aig an àm, ach bha mo mhàthair ag ràdh rium gu robh ise a' faireachdainn caran crosta leatha fhèin nach robh cothrom aice a bhith ga chuideachadh, ach bha mo pheathraichean ann, agus bha iadsan a' bruidhinn Gàidhlig cuideachd, so fhuair sinn air adhart glè mhath.

[SARAH] An robh cothroman sam bith agaibh taobh a-muigh na sgoile airson ur Gàidhlig a chleachdadh?

[VICTORIA] Seadh. Anns a' bhun-sgoil, chaidh sinn ann gach seachdain gu Sradagan, so dìreach cothrom eile, a-muigh às an sgoil, dìreach àite mì-fhoirmeil airson ar cuid Ghàidhlig a chleachdadh dìreach ann an spòrs agus a leithid, so bha sin glè mhath.

[SARAH] Agus an robh dad sam bith eile ann a b' urrainn dhuibh a bhith ris?

[VICTORIA] Nuair a bha mi mu seachd bliadhna a dh'aois, chaidh mi ann gu Còisir Òg Eaglais a' Bhric, agus chaidh mi ann 's dòcha sia bliadhna no rudeigin, agus bha siud glè mhath, oir bha sinn a' seinn ann, ach cuideachd, choinnich mi ri cuid daoine a bha a' fuireach 's dòcha fad air falbh, a' dol gu bun-sgoiltean eile agus a leithid, so bha cothrom agam dìreach caraidean ùra agus blasan eadar-dhealaichte a chluinntinn cuideachd, so bha siud glè mhath.

[SARAH] Oir tha blas fìor mhath air a' Ghàidhlig agad, cha chanadh tu a-riamh gur ann à Glaschu a bha thu. An robh duilgheadasan sam bith agad ann a bhith ag ionnsachadh a' chànain?

[VICTORIA] Anns an àrd-sgoil, bha mi gu math dona le bhith a' litreachadh ann an Gàidhlig, ach cuideachd ann am Beurla cuideachd, so chan ann dìreach trioblaid a bh'ann ann an Gàidhlig idir, ach a-mhàin air a sin, dìreach air sgàth 's nach robh mi ga chleachdadh a-mach às an sgoil, bha e caran duilich uaireannan ma bha mi dìreach airson a bhruidhinn gu mì-fhoirmeil agus gu nàdarra, cha bhiodh na faclan agam uaireannan ach ann am Beurla.

[SARAH] Nise, cha robh thu a' dèanamh ach Gàidhlig a-mhàin mar aona chuspair anns an àrd-sgoil. Mar sin, dè a bhuaidh a bh' aig siud air do Ghàidhlig ma bha buaidh idir?

[VICTORIA] Bha e a' faireachdainn gu math mì-nàdarra a bhith a' dol a-steach dhan chlas dìreach uair a thìde gach latha 's a' bruidhinn Gàidhlig agus fad an latha dìreach a' bruidhinn Beurla, so bha e caran neònach dìreach a' dol a-steach airson an uair a thìde sin, ach cuideachd, nuair a choinnich mi ri cuid daoine aig an robh Gàidhlig, dìreach anns an trannsa no aig àm lòn, bhithinnsa a' bruidhinn Gàidhlig riutha so bha siud OK, ach fhathast, cha robh cothroman agam aig an àrd-sgoil, so bha sin gu math neònach.

[SARAH] Agus ciamar a leasaich thu do Ghàidhlig mar sin às dèidh dhut an àrd-sgoil fhàgail?

[VICTORIA] Uill, nuair a chaidh mi air adhart chun a ... Oilthigh Ghlaschu, anns an dàrna bliadhna agam, dh'fhuirich mi ann am flat còmhla ri còignear eile aig an robh Gàidhlig. 'S e Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach a bh' ann, so chuir sinn iarratas asteach agus fhuair sinn as a' flat seo. Bha còignear againn shìos a' staidhre agus triùir ann am flat shuas a' staidhre agus bha siud dìreach sgoinneil, air sgàth 's nach robh mi a-riamh air bruidhinn Gàidhlig aig an taigh agam, so, a-nise, bha còignear eile mum chuairt a bha a' bruidhinn Gàidhlig gu làitheil, agus dìreach suidheachadh air leth mì-fhoirmeil, agus gach latha, bha feum againn Gàidhlig a bhruidhinn agus cuideachd tachartas Gàidhlig a chur air dòigh. So, 's e an tachartas a bh' agam ... Chan e tachartas ceart a bh' ann, ach thòisich mi prògram rèidio aig an oilthigh air Subcity Radio, agus thòisich mi a-mach dìreach a' dèanamh prògram gach mìos, prògram ciùil, ach a bhith a' bruidhinn Gàidhlig. An uairsin, an ath bhliadhna, rinn mi gach cola-deug e, agus às dèidh sin, gach seachdain cuideachd, so tha mi a' smaoineachadh gun d' fhuair mi tòrr misneachd a-mach à sin agus cuideachd le bhith dìreach a' bruidhinn Gàidhlig gu làitheil còmhla ris na caraidean agam dìreach ann an àite mì-fhoirmeil.

[SARAH] Dè an ìre aig a bheil thu a-nis, agus dè a tha thu a' dèanamh?

[VICTORIA] Uill, an-dràsta, tha mi aig Sabhal Mòr Ostaig, agus tha mi a' dèanamh an cùrsa Dioplòma ann am Meadhanan Gàidhlig. Agus tha mi air cùmhnant eile a shoidhneadh a ràdh gu bheil mi gu bhith a' cleachdadh Gàidhlig gu làitheil, agus tha sin gu math, math cudromach dhòmhsa, dìreach a bhith ann an suidheachadh Gàidhlig a-rithist. Cha robh i agam tron samhradh, so dìreach a' faighinn air ais asteach chun a sin. Agus cuideachd, tha mi feumach air am briathrachas air sgàth 's gu bheil mi airson faighinn a-steach gu na meadhanan Gàidhlig cuideachd, 's tha mi a dhìth air a' bhriathrachas cuideachd.

[SARAH] Dè cho cudromach 's a bha e dhut gun do dh' ionnsaich thu Gàidhlig agus a bheil thu a' smaoineachadh gu bheil e air a bhith na bhuannachd dhut? Gun teagamh.

[VICTORIA] Gun teagamh. Tha mi cho taingeil ri mo mhàthair. Mholain-sa gu duine sam bith, oir bha dìreach iomadh cothrom agam tro Ghàidhlig nach biodh idir air a bhith agam mura robh mi ga dhèanamh agus 's e buannachd a th' ann dha-rìreabh.

[SARAH] Mìle taing, Victoria.

[VICTORIA] Mòran taing.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!