FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Learning Gaelic Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Màrtainn MacLeòir from the Isle of Skye, who has learnt Gaelic. Màrtainn MacLeòir às an Eilean Sgitheanach a th’ air Gàidhlig ionnsachadh.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Màrtainn MacLeòir, Neach-ionnsachaidh

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Cuide rium an-dràsta tha Màrtainn MacLeòir às an Eilean Sgitheanach a th' air Gàidhlig ionnsachadh. Fàilte, a Mhàrtainn. Ciamar a thàinig thu gu Gàidhlig ionnsachadh?

[MÀRTAINN] Chaidh m' athair a thogail anns an sgìre le Gàidhlig agus bha beagan Gàidhlig aig mo mhàthair cuideachd. Chaidh mo mhàthair a thogail ann an Glaschu ach 's ann às an eilean a tha a pàrantan agus bha Gàidhlig acasan. Nuair a thill i air ais dhan eilean nuair a bha i rud beag nas sine thòisich i air Gàidhlig ionnsachadh a-rithist agus bha mo phàrantan gu mòr airson gum biodh sinn a' faighinn Gàidhlig tro fòghlam agus chaidh ar cur a-staigh gu sgoil-àraich anns an sgìre agus an uairsin tro mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoil.

[SARAH] Cò ris a bha e coltach a bhith a' dol tro fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhun-sgoil an toiseach?

[MÀRTAINN] Bha e glè mhath. Cha robh ach mi fhìn agus dithis eile sa chlas agam agus bha mu chòig duine deug anns an roinn Ghàidhlig anns a' bhun-sgoil uile gu lèir le faisg air deich air fhichead anns a' roinn Bheurla. Mar as trice, 's e Beurla a bha sinn a' cleachdadh aig àm lòin agus àm break agus, le sin, bha e car annasach a bhith a' dol air ais gu clas Gàidhlig ach às dèidh greiseag, agus ar bogadh ann an Gàidhlig fad an latha bha e gu math nàdarra. An uairsin, chaidh sinn suas gu Àrd-sgoil Phort Rìgh agus fhuair sinn barrachd chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig chun an dàrna bliadhna agus an dèidh sin cha robh ach aon chuspair againn 's e sin Gàidhlig, tro mheadhan na Gàidhlig.

[SARAH] Agus às dèidh an dàrna bliadhna anns an àrd-sgoil de a' bhuaidh a bh' aige air do Ghàidhlig nach robh thu a' faighinn ach aona chuspair ann an Gàidhlig amhàin?

[MÀRTAINN] Tha mi a' faireachdainn gun do chaill mi cuid dhen bhriathrachas a bh' agam bho chuspairean eile mar eachdraidh is rudan mar sin oir cha robh sinn ga chleachdadh cho tric agus tha mi a' smaoineachadh gur e call mòr a bh' ann nach robh an cothrom againn sin a chumail a' dol agus gur e call de bhriathrachas a bh' ann.

[SARAH] Ciamar a leasaich thu do chuid sgilean às dèidh sin?

[MÀRTAINN] Rinn mi Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil chun na siathamh bliadhna agus an uairsin, thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig airson bliadhna gus mo Ghàidhlig a chur air ais far an robh e agus nas àirde cuideachd. Agus, às dèidh bliadhna dh'fhuirich mi airson trì bliadhna eile.

[SARAH] Feumaidh gun do chòrd e riut ma-thà.

[MÀRTAINN] Chòrd na ceithir bliadhnaichean rium gu mòr agus tha mi a-nise ag obair ann a seo agus tha mi a' faireachdainn a bhith ga bruidhinn gach latha agus ri daoine à sgìrean eadar-dhealaichte tha mi ga chleachdadh agus ag ionnsachadh tòrr abairtean, briathrachas ...

[SARAH] An robh duilgheadasan sam bith agad a thaobh a bhith ag ionnsachadh?

[MÀRTAINN] Tha duilgheadasan air a bhith agam le gràmar agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud a tha duine a chaidh a thogail le Gàidhlig bho ìre nuair a bha iad car òg oir cha robh iad a' faighinn an teagasg air carson a bha rudan mar a tha iad mar na tuisealan is a h-uile càil. Tha mi eòlach air ciamar a bhios mi a' sgrìobhadh rudan ach 's e dìreach feuchainn ri mìneachadh carson a tha rudan mar a tha agus 's e seach nach d' fhuair sinn mòran gràmair san àrd-sgoil.

[SARAH] Dè na dòighean a th' ann airson do chuideachadh ann a bhith a' leasachadh na trioblaidean a tha sin?

[MÀRTAINN] Tha cothroman air a bhith agam iomadh cùrsa gràmair a dhèanamh cùrsa fad trì làithean agus cùrsaichean air astar cuideachd, a' mairsinn suas ri sia mìosan agus tha sin math oir tha e a' dol a-staigh gu gràmar bunaiteach agus a' dol suas gu ìre car àrd. Tha e a' mìneachadh carson a tha suidheachaidhean gràmair ann agus tha e air a bhith math dìreach ga dhèanamh gus am b' urrainn dhòmhsa a h-uile càil ionnsachadh dìreach san ùine agam fhìn.

[SARAH] Dè cho cudromach 's a tha e dhut gu bheil thu air do chuairteachadh le Gàidhlig nad obair làitheil?

[MÀRTAINN] Tha e gu math cudromach, oir mur a bi thu ga chleachdadh, bidh thu ga chall agus ma tha thu air do chuairteachadh leis fad na h-ùine, gach latha tha misneachd is brosnachadh ann gus a bhith ga chleachdadh agus le bhith ga chleachdadh tha thu fhathast ag ionnsachadh rudan ùra agus a' cur ris na th' agad.

[SARAH] Tapadh leat, a Mhàrtainn.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!