FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Drama Dràma

Arthur Donald speaks about being involved in drama Artair Donald, a’ bruidhinn mu dheidhinn an obair aige ann an dràma.

Video is playing in pop-over.

Agallamh le Artair Donald, Actair

Presenter: Angela Mackay

[ANGELA] Fàilte ort, Artair.

[ARTAIR] Halò.

[ANGELA] An innis thu dhomh an toiseach cuin a bha fios agad gur e dràma an rud a bha thu ag iarraidh a dhèanamh agus dè a thòisich d' ùidh ann?

[ARTAIR] Uill, tha deagh chuimhne agam air sin. Bha mi còig bliadhna deug a dh' aois, agus bha mi anns an taigh againn ann an Tiriodh, agus thionndaidh mu ri mo phàrantan 's thuirt mi riutha, "Tha ùidh agam a bhith an sàs ann an dràma." Cha d' thuirt iad guth thugam fad seachdain an uairsin, agus tha cuimhn' agam am bodach agam a' tighinn thugam, 's ag ràdha, "Ma tha ùidh agad ann an dràma, èist ris an fhear seo," agus 's e Caithris na h-Oidhche a bh' ann air Radio nan Gàidheal, agus 's e Sìm bochd nach maireann, Sìm MacCoinnich, am fear-cleasachd, a bha air an rèidio, a' bruidhinn.

[ANGELA] 'S ann à Tiriodh a tha thu. An canadh tu gu bheil e air a bhith cudromach dhut gur e Tiristeach a th' annad na do dhual-chainnt 's na do thogail?

[ARTAIR] Gu dearbha, a' coimhead air ais, cha robh fios agam nuair a bha mi òg cho cudromach 's a' bhitheadh e a bhith a' tighinn à Tiriodh, no a bhith nam Thiristeach, ach tha mi gu math moiteil gur ann às a sin a tha mi, agus gu math pròiseil mu dheidhinn siud cuideachd, agus tha buaidh mhòr aig Tiriodh air a bhith agam na mo bheatha, agus chanainn, gun Ghàidhlig a bhith agam, cha robh mi air an uiread cothroman idir fhaighinn no leantainn, so tha e gu math cudromach gu bheil Gàidhlig agam agus 's e sin a thug dhomh am beartas, tha mi a' smaointinn, a-thaobh an obair agam.

[ANGELA] Dh' fhàg thu an taigh 'nuair a bha thu seachd bliadhna-deug agus chaidh thu a Ghlaschu airson dràma a dhèanamh ann an diofar dhòighean. An innis thu dhomh dè a bha thu ris?

[ARTAIR] Uill, an leisgeul a bh' agam faighinn air falbh bhon an eilein airson dràma a dhèanamh, 's e gu rachamaid gu colaiste bèicearachd, 's bha mi ag ionnsachadh mar a dhèanainn aran 's rudan, ach aig an aon àm, bha mi a' dol gu diofar bùithtean-obrach dràma, a h-uile h-àite ann an Glaschu, meadhan a' bhaile, aig an Seann Athenaeum, agus an uairsin, bhitheamaid a' dol gu Scottish Youth Theatre, agus, cuideachd, mu dheireadh, chaidh mi chun an Actors’ Lab aig Glasgow Arts Centre agus sin far an d' fhuair mi deagh bhrosnachadh a bhith a' dol a-staigh troimh an latha a bhith a' dèanamh auditions agus, an uairsin, mu dheireadh thall, a' faighinn pàirtean anns na shows airson Mayfest agus Fèis Dhùn-Èidinn. Bha sin fìor mhisneachail dhomh.

[ANGELA] Agus chaidh thu an uairsin gu Sabhal Mòr Ostaig gus piseach a thoirt air do chuid Ghàidhlig.

[ARTAIR] Gu dearbha. Mar a thuirt mi, bha mi a' leantainn slighe dràma, ach taobh Beurla aig an àm sin, oir sin far an robh na sgilean ri fhaighinn, so, bha a' Ghàidhlig agam a' fàs gu math meirgeach, agus nuair a bha mi fichead bliadhna a dh' aois, thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig, agus bha sin a' toirt air ais na faclan cùl mo chinn, agus thug sin dhomh misneachd mhòr a-thaobh a' Ghàidhlig, agus an uairsin lean na cothroman ann an dràma gu h-àraid.

[ANGELA] Agus fhuair thu cothrom pàirt Ghàidhlig a chluich anns an siabann Gàidhlig, Machair, às dèidh sin.

[ARTAIR] Gu dearbha fhèin. Fhuair mi cothrom a bhith a' cluiche bleigeard beag air an robh an ainm Coinneach, can a' feuchainn ri toirt a' char a-mach à feadhainn agus daonnan a' dèanamh "deals", tha mi a' smaointinn. Char robh e idir coltach rium fhìn na mo bheachd, ach an rud a bha math mu dheidhinn Machair, chan e a h-uile duine à Leòdhas a bha an sàs ann. Cha robh a h-uile duine à Uibhist no à Tiriodh. Bha blas bho diofar eileanan agus diofar àiteanan a' tighinn a-staigh ann, agus bha sin gu math cudromach, agus cuideachd, cha robh e follaiseach no furasta anns na làithean sin a bhith a' lorg fichead daoine a bhiodh math gu leòr air cleasachd a dhèanamh às an aon àite. Bha e doirbh gu leòr buidheann a chruinneachadh leis na bh' againn. Bha tòrr tàlainn an lùib a' show, agus dh' fhàs a h-uile duine nas làidir thairis na bliadhnaichean cuideachd.

[ANGELA] Chaidh thu an uairsin a Lunnainn gus barrachd sgilean ionnsachadh agus às dèidh sin, a New York cuideachd airson treiseag.

[ARTAIR] Bha bruadar agam gu rachamaid gu Lee Strasberg Theatre Institute ann an Lunnainn agus an uairsin a sgoil cheart ann an New York, agus an uairsin fear ann an Los Angeles. Uill, tràth anns na naochadan, chaidh mi chun am fear ann an Lunnainn, 's bha sin fìor mhath. 'S an uairsin, chòrd e rium cho mòr, dà bhliadhna às dèidh sin, chaidh mi chur am fear ann an New York agus chaidh mo theagasg a' mhòr chuid bhon an tè as ainmeile an sin, Irma Sandrey, agus chaidh ise a theagasg i fhèin, bho Lee Strasberg fhèin, so bha e gu math dìreach bho na dòighean aige fhèin, agus bha e math, fìor mhath dhomhsa.

[ANGELA] Dè na seòrsa rudan a dh'ionnsaich thu fhad's a bha thu ann?

[ARTAIR] Bhiodh tu a' cur seachad dà uair a thìde dìreach a' dèanamh warm-ups, le do ghuth, le do bhodhaig, a' dèanamh eacarsaichean le na fèithean agad 's gum bi thu a' blàthachadh an àirde, dìreach mar footballers no daoine-spòrs a' blàthachadh an àirde, agus an uairsin, bhiodh tu a' dèanamh eacarsaichean le do ghuth, gu h-àraid a-rèir de an caractar a tha thu a' cluiche cuideachd, oir tha diofar seòrsa guthan ann, mar "high female" mar a tha iad ag ràdha, 's bidh thu a' bruidhinn suas a-seo, agus an uairsin boireannach caran àbhaisteach 's an uairsin fir àrd agus an uairsin fir ìosal cuideachd. Tha diofar guthan ann, agus feumaidh tu rud beag trèanadh a dhèanamh gus an cleachd thu do ghuth ann an diofar dòighean.

[ANGELA] Bidh na sgilean sin a dh' ionnsaich thu a-siud ga do chuideachadh a-nise na d' obair làitheil, 's tu a' teagasg dràma do dhaoine eile. Dè na diofar sgilean a th' agad a tha thu a' toirt seachad a-nise?

[ARTAIR] Nuair a tha mi ag obair le òigridh agus clann, gu math tric, tha geamaichean gluasad agus ruith ann airson spionnadh a chleachdadh, 's an uairsin, le inbhich, chan fheum thu an uiread seòrsa de gheamaichean no eacarsaichean airson faighinn a-staigh gu cnap na cùise agus an cuspair a tha thu a' deasbad no a' dèiligeadh ris, so tha diofar dòighean ann, 's diofar dòighean a bhith a' bruidhinn riutha cuideachd, agus... Ach tha e inntinneach a bhith ag obair leis an triùir aca.

[ANGELA] Tha e follaiseach gu bheil d' obair a' còrdadh riut.

[ARTAIR] Tha mi gu math fortanach. Tha mi, mar a chanas mi ri daoine, tha mi air a bhith a' dèanamh tòrr phròiseactan a tha air còrdadh rium, agus tha mi uabhasach fortanach. Yeah, tha an obair agam a' còrdadh rium gu mòr, 's a' toirt cothrom dhomh a bhith a' brosnachadh dhaoine eile san àm ri teachd, tha min dòchas.

[ANGELA] Ceud taing, Artair.


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!