ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Colours and Proverbs

Dathan agus Seanfhacail

Look@LearnGaelic - Àrd Ìre (C1)Look@LearnGaelic - Proficient (C1)

Bhidiothan a chuidicheas thu le gnàthasan-cainnte, gràmar is briathrachas. Gaelic videos to help you develop your idioms, grammar and vocabulary.

Tha an Look@LearnGaelic ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Look@LearnGaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Subtitles: Gaelic Fo-thiotalan: Gàidhlig Subtitles: English Fo-thiotalan: Beurla Subtitles: none Às aonais fo-thiotalan Download text (Gaelic and English) Faigh an teacsa (Gàidhlig agus Beurla)

Dathan agus Seanfhacail

Gaelic Gàidhlig

Dathan agus Seanfhacail

Presenter: Derek Mackay

[DEREK] Fàilte. Bheir sinn sùil air na dathan, oir 's tric a bhios ainmean nan dathan anns a' Ghàidhlig a' ciallachadh rudeigin eadar-dhealaichte bho chànanan eile. Bheir sinn sùil cuideachd air gnàthasan-cainnte agus seanfhacail far am bi dathan air an ainmeachadh.

Chì thu sgrìne geal a-nis, agus tha "geal" a' nochdadh ann an iomadach seanfhacal is gnàthas-cainnte. Mar eisimpleir, "cho geal ris a' chanach". 'S e canach a th' air an lus seo a dh'fhàsas ann an talamh bhog. Canaidh sinn "cho geal ris an t-sneachd" cuideachd.

Tha "dubh" sìmplidh gu leòr, agus mar a tha an seanfhacal ag rà "Laighidh dubh air gach dath, ach cha laigh dath air dubh". Ma bhios tu airson innse cho dubh 's a tha rudeigin, dh'fhaodadh tu seo a rà "cho dubh ris a' ghual". Agus tha rudeigin eile ann a tha a cheart cho dubh ris a' ghual, agus 's e scho dubh ris an t-sùith". Fàgaidh sinn dubh a-nis, agus thig sinn gu dath eile.

'S e buidhe a chì thu a-nis, agus bidh "buidhe" a' nochdadh ann an diofar abairtean. Tha am facal buidhe a' ciallachadh rudeigin fàbharach cuideachd. 'S e "Latha Buidhe Bealltainn" a th' air a' chiad latha den Chèitean, toiseach an t-samhraidh. Tha "Nach buidhe dhut" a' ciallachadh rudeigin mar "nach tu a tha fortanach".

Chì thu uaine a-nis. Ged a thuigeas sinn uile "uaine", seo far a bheil a' Ghàidhlig rud beag eadar-dhealaichte. Chan e "uaine" a th' againn air feur no duilleagan a tha a' fàs, ged-thà, ach "gorm". Mar eisimpleir, "tha am feur gorm", agus tha àite ann am Muile leis an ainm "An Gleann Gorm", a' ciallachadh gu bheil mòran feòir no dhuilleagan a' fàs anns a' ghleann. Ach 's e seo na tha gorm a' ciallachadh mar as àbhaist.

Agus tha diofar ann eadar gorm agus liath. Chan eil liath cho làidir no cho dorcha ri gorm, agus nuair a dh'fhàsas duine sean 's tric a dh'fhàsas fhalt liath. Nach buidhe dhuinn nach fhàs falt a h-uile duine liath, ged-thà. Chan ionnan "liath" sa Ghàidhlig agus "grey" sa Bheurla, oir tha facal eile sa Ghàidhlig. 'S e "glas" a chì thu a-nis. Chan eil liath cho dorcha ri glas, agus ma tha ceangal eadar gorm agus liath, tha ceangal eadar uaine agus glas cuideachd. Uaireannan bidh a' mhuir glas.

'S e "dearg" a th' againn a-nis, agus bidh "dearg" air a chleachdadh ann an dòigh eile cuideachd, 's e a' ciallachadh rudeigin mar "glè" no "dha-rìribh". Mar eisimpleir, ma tha duine na amadan dha-rìribh, 's e "dearg amadan" a tha ann. Ma tha e na dhroch mhèirleach, 's e "dearg mhèirleach" a th' ann. 'S e dath làidir, soilleir a th' ann an dearg, agus air sàilleabh sin tha facal eile sa Ghàidhlig airson an dath seo a riochdachadh nuair nach bi e cho làidir, 's e sin "ruadh".

Chan eil ruadh cho làidir no cho soilleir ri dearg, agus 's e "ruadh" am facal a th' aig a' Ghàidhlig air falt duine. 'S e Rob Ruadh a bh' air a' ghaisgeach Ghàidhealach ainmeil à Siorrachd Pheairt. 'S e an dearg ghaisgeach a bh' ann ged is e falt ruadh a bh' air.

Tha ruadh eadar dearg agus an ath dhath - donn. Tuigidh sinn na tha donn a' ciallachadh, ma-thà, agus tha fios againn nach ionnan donn agus ruadh oir tha falt donn air iomadach duine cuideachd.

Mus fhàg sinn dathan falt dhaoine, feumaidh sinn iomradh a thoirt air "bàn". 'S e seo falt bàn. Chan eil bàn cho làidir no cho soilleir ri geal, agus chan ionnan falt bàn agus falt geal.

Agus tha geal gar toirt air ais far an do thòisich sinn leis na dathan. A-nis bheir sinn sùil air cuid de na facail 's na h-abairtean a chaidh a chleachdadh.

Gnàthasan-cainnte.

Seanfhacail.

Cho geal ris a' chanach.

Cho geal ris an t-sneachd.

Laighidh dubh air gach dath, ach cha laigh dath air dubh.

Cho dubh ris a' ghual.

Cho dubh ris an t-sùith.

Latha Buidhe Bealltainn.

Nach buidhe dhut.

Tha am feur gorm.

Dearg amadan.

Dearg mhèirleach.

Rob Ruadh.

Sin e ma-thà. Mar sin leat an-dràsta.

Colours and Proverbs

English Beurla

Colours and Proverbs

Presenter: Derek Mackay

[DEREK] Hello. We'll take a look at colour, because the terms for colours in Gaelic can mean something else in other languages. We'll also take a look at sayings and proverbs which refer to colour.

You can see a white screen, and "white" features in many proverbs and idioms. For example, "as white as bog cotton". This plant is bog cotton which grows in boggy ground. We also say, "as white as snow".

"Black" is fairly straightforward, and as the saying goes: "Black will obscure other colours, but other colours won't obscure black". If you want to say something is very black, you could say: "as black as coal". There's something else that's just as black as coal, and that's: "as black as soot". We'll leave black now, and move on to another colour.

You can see yellow now, and "yellow" is used in a number of sayings. The word "buidhe" can also mean something very good. "The Yellow Day of Beltane" is the first of May, the beginning of summer. "Yellow for you" translates roughly as "aren't you lucky".

This is green. Although everyone understands "green", this is where Gaelic starts to get different. Rather than using "green" to describe grass or growing leaves, we use "blue". For example, "the grass is blue", and there's a place on Mull which is called "Glengorm", which indicates that lots of grass and leaves grow in the glen. But this is what we normally call blue.

And there's a difference between blue and grey. Grey isn't as intense or as dark as blue, and when someone grows older their hair often turns grey We're lucky that not everyone's hair turns grey though. "Liath" in Gaelic isn't the same as "grey" in English, as there's another Gaelic word. This is "glas". Liath isn't as dark as glas, and if there's a crossover between blue and liath, there's also a crossover between green and glas. Sometimes, the sea is grey.

This is red, and "red" is also used in another sense, and means something like "very" or "extremely". For example, if someone is an utter fool, he is a "red fool". If he is an absolute thief he is a "red thief". Red is an intense, bright colour, so there's another word in Gaelic which is used when this colour is less intense, and that's "ruadh".

Ruadh isn't as intense or as bright as dearg, and "ruadh" is the word used to describe the colour of a person's hair. The renowned Gaelic hero from Perthshire was called Rob Roy or Red Rob. He was a great (red) warrior although he had red hair.

Ruadh comes between red and the next colour - brown. We understand what is meant by brown and we know that brown isn't the same as ruadh because many people have brown hair too.

Before leaving hair colours, we should also mention "blonde". This is blonde hair. Blonde isn't as vivid or as bright as white, and blonde hair isn't the same as white hair.

And white takes us back to where we started out on colours. Now let's look at some of the words and phrases we used.

Idioms.

Proverbs.

As white as bog cotton.

As white as snow.

Black will obscure other colours, but other colours won't obscure black.

As black as coal.

As black as soot.

The Yellow Day of Beltane.

Yellow for you. (Lucky you.)

The grass is blue.

An utter fool.

An absolute thief.

Rob Roy.

That's all. Goodbye for now.

Show English

look@LearnGaelic is a series of videos aimed at learners of Scottish Gaelic. It features a variety of styles, including interviews with experts and Gaelic learners, monologues and conversations. Use the links above to select subtitles in English or Gaelic - or to turn them off altogether. 'S e sreath de bhidiothan gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th' ann an look@LearnGaelic. Bidh measgachadh de mhonologan ann, agallamhan le eòlaichean is luchd-ionnsachaidh, agus còmhraidhean. Gheibhear fo-thiotalan anns a' Ghàidhlig agus ann am Beurla.