ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Take

Gabh

Look@LearnGaelic - Àrd Ìre (C1)Look@LearnGaelic - Proficient (C1)

Video is playing in pop-over.

Subtitles: Gaelic Fo-thiotalan: Gàidhlig Subtitles: English Fo-thiotalan: Beurla Subtitles: none Às aonais fo-thiotalan Download text (Gaelic and English) Faigh an teacsa (Gàidhlig agus Beurla)

Gabh

Gaelic Gàidhlig

Gabh

Presenter: Angela NicAoidh (Angela Mackay)

[ANGELA] Tha facail ann a tha gu math sùbailte a ghabhas cleachdadh ann an iomadach seagh eadar-dhealaichte. Gabh, mar eisimpleir, am facal "gabh". A bheil thu a' gabhail ri sin? Chì sinn. Gabhaidh mi air mo shocair, agus ged nach gabh thu ris na chanas mi, cha ghabh mi anns an t-sròin e. Cleachdaidh sinn "gabh" nuair a bhios sinn ag iarraidh air duine rud a dhèanamh - iomadach seòrsa rud:

Gabh comhairle.
Gabh cùram.
Gabh cothrom.
Gabh truas.
Gabh do bhiadh.
Gabh dhan leabaidh.
Gabh mo leisgeul.
Gabh ris.
Gabh seachad.
Gabh suas.
Gabh romhad.
Gabh an rathad.
Gabh gnothaich.
Gabh an t-altachadh.
Gabh òraid.
Gabh òran.

Mura h-eil thu ag iarraidh air duine rud a dhèanamh, dh'fhaodadh tu "na gabh" a ràdh: "na gabh gnothaich", "na gabh òran".

Ma tha thu airson stad a chur orra anns a' bhad, dh'fhaodadh tu "na gabh ort" a ràdh: "na gabh ort òran a sheinn." Tha sin nas làidire - agus feumail aig amannan.

Ach, ma bhios tu ro throm air duine, 's dòcha gum bi thu "a' gabhail aithreachas".

Ma tha rud a' tachairt, canaidh sinn gu bheil e "a' gabhail àite".

Nuair a tha teine a' dol thuige, tha e "a' gabhail". Tha an teine a' gabhail.

Ma tha duine a' bualadh rudeigin, canaidh sinn gu bheil e "a' gabhail dha". Bha e a' gabhail dha le òrd.

Nuair a bhios duine a' leughadh anns a' Bhìobaill do dhaoine eile aig an taigh, bidh an neach sin "a' gabhail an leabhair".

Ma tha duine a' dol dhan arm, canaidh daoine gu bheil e "a' gabhail anns an arm".

Ma bhios thu a' faighneachd mar a tha duine, bidh thu "a' gabhail a naidheachd". Can ri Dòmhnall gun robh mi a' gabhail a naidheachd.

Nuair a dh'fhàsas sinn tinn, bidh sinn "a' gabhail tinneas".

Ma tha thu teagmhach mu rudeigin, "cha ghabh a chreidsinn".

Ma tha rud fìor mhath, tha e "cho math 's a ghabhas".

Bheir sinn sùil air ais a-nis air cuid de na rudan a bha mi ag ràdh.

Gabhaidh mi air mo shocair, agus ged nach gabh thu ris na chanas mi, cha ghabh mi anns an t-sròin e.

Cleachdaidh sinn "gabh" nuair a bhios sinn ag iarraidh air duine rud a dhèanamh, iomadach seòrsa rud: Gabh comhairle. Gabh cùram.

Ma tha thu airson stad a chur orra anns a' bhad, dh'fhaodadh tu "na gabh ort" a ràdh: "na gabh ort òran a sheinn".

Ma tha duine a' dol dhan arm, canaidh daoine gu bheil e "a' gabhail anns an arm."

Can ri Dòmhnall gun robh mi a' gabhail a naidheachd.

A-nis, gabhaidh sinn fois. Mar sin leat an-dràsta.

Take

English Beurla

[ANGELA] Some words are extremely versatile and can be used in a number of different ways. Take, for example, the word "take". Do you agree with that? We'll see. I'll take my time, and although you do not agree with what I say, I won't take it on the nose. We use "gabh" when we want someone to do something - lots of different things:

Take advice.
Take care.
Take an opportunity.
Take pity.
Eat your food.
Go to bed.
Excuse me.
Accept something.
Go past.
Go up.
Carry on.
Take the road.
Get involved.
Say grace.
Give a lecture.
Sing a song.

If you don't want someone to do something, you could say "na gabh": "don't get involved", "don't sing a song".

If you want to stop someone immediately, you could say, "don't you dare": "don't you dare sing a song." That's stronger - and useful at times.

But if you're too hard on someone, you may end up "regretting it".

If something happens, we say it "takes place".

When a fire is lit, it "takes". The fire has taken.

If someone is hitting something, we say he is "taking at it". He was taking at it with a hammer.

When someone is reading from the Bible to other people in their home, that person is "taking the book".

If someone joins the army, people say he is "going into the army".

If you ask how somebody is, you are "taking their news". Tell Donald I was taking his news.

When we become ill, we "take a sickness".

If you are uncertain of something, "it doesn't take belief".

If something is very good, it's "as good as can be".

Let's take a look at some of the things I said.

I'll take my time, and although you do not agree with what I say, I won't take it on the nose.

We use "gabh" when we want someone to do something, lots of different things: take advice, take care.

If you want to stop someone immediately, you could say, "don't you dare": "don't you dare sing a song."

Tell Donald I was taking his news.

Now, let's take a rest. Goodbye for now.

Show English

look@LearnGaelic is a series of videos aimed at learners of Scottish Gaelic. It features a variety of styles, including interviews with experts and Gaelic learners, monologues and conversations. Use the links above to select subtitles in English or Gaelic - or to turn them off altogether. 'S e sreath de bhidiothan gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th' ann an look@LearnGaelic. Bidh measgachadh de mhonologan ann, agallamhan le eòlaichean is luchd-ionnsachaidh, agus còmhraidhean. Gheibhear fo-thiotalan anns a' Ghàidhlig agus ann am Beurla.