ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Piping

Pìobaireachd

Look@LearnGaelic - Àrd Ìre (C1)Look@LearnGaelic - Proficient (C1)

Bhidiothan a chuidicheas thu le gnàthasan-cainnte, gràmar is briathrachas. Gaelic videos to help you develop your idioms, grammar and vocabulary.

Tha an Look@LearnGaelic ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Look@LearnGaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Subtitles: Gaelic Fo-thiotalan: Gàidhlig Subtitles: English Fo-thiotalan: Beurla Subtitles: none Às aonais fo-thiotalan Download text (Gaelic and English) Faigh an teacsa (Gàidhlig agus Beurla)

Pìobaireachd

Gaelic Gàidhlig

Agallamh le Conall MacIlleChiar: A' Phìob

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] Cuide rium tha Conall MacIlleChiar, a tha a' dol a dh'innse dhomh beagan mun a bhith a' cluich a' phìob. Fàilte, a Chonaill. Nise, inns dhomh dè bha cho tarraingeach dhutsa mun a' phìob?

[CONALL] Uill, feumaidh mi aideachadh nach robh mòran aig an toiseach. 'S e mo phàrantan a thug orm a' phìob a dh'ionnsachadh. Tha mi a' smaoineachadh, air sàilleibh nach robh an cothrom aca ceòl a bhith aca nuair a bha iad òg, bha iad airson gum bitheadh an cothrom agamsa. Mar sin, thug iad orm a' phìob ionnsachadh agus cha do chòrd e rium airson dha no trì bhliadhnaichean, ach às dèidh greis, bha e a' còrdadh rium 's bha mi ag ionnsachadh fuinn a bha a' còrdadh rium agus bha e tòrr nas fheàrr. Bidh mi ga dhèanamh mòran a-nise. Bidh mi a' cluich fad na h-ùine, so tha mi gu math fortanach, chanainn.

[SARAH] Ciamar a thòisich thu ri ionnsachadh?

[CONALL] Uill, thòisich mi air an fheadan an toiseach, agus thòisich mi anns na fèisean ann an Inbhir Nis, Fèis na h-Òige, agus 's e Donnchadh Dòmhnallach a bha a' teagasg aig an fhèis, agus às dèidh a bhith aig an fhèis, chaidh mi a Dhonnchadh airson leasanan a-mach às na fèisean, às dèidh na sgoile, agus bha mi a' dèanamh sin airson iomadach bliadhna, agus an uairsin, dh'ionnsaich mi a' phìob a chluich às dèidh ... Ach 's e ... Bha e gu math duilich a' dol bhon an fheadain air (dhan) a' phìob.

[SARAH] Dè a bha cho doirbh mun an gluasad a bha sin bhon an fheadain chun a' phìob?

[CONALL] Chanainn gur e dìreach anail. Cha robh gu leòr spionnadh agam airson a' mhàla a lìonadh agus a' cumail a' dol. Ach tha cuid de dhaoine ag ionnsachadh air an rud ris a chanas iad ... 'S e "goose" a th' ann, agus 's e pìob a th' ann gun na duis. Mar sin, tha e gu math furasta a' sèideadh agus a' cumail am màla a' dol, ach gu mì-fhortanach, cha robh sin agam, so bha mi dìreach bhon an fheadain air (dhan) a' phìob, 's bha sin gu math doirbh.

[SARAH] Nis, bha thu a' bruidhinn a siud air an (na) duis. Dè na rudan a dh'fheumas tu a bhith mothachail air fhad 's a tha thu a' cluich a' phìob?

[CONALL] Uill, feumaidh tu a bhith mothachail mu dheidhinn ... gu bheil na duis ann an gleus leis an fheadan air a' phìob, agus tha sin gu math doirbh, agus tha e a' toirt ùine mhòr a bhith a' fàs cleachdte ris. Agus, chun an latha a tha seo, tha mi fhathast ga fhaighinn gu math duilich uaireannan a' phìob a ghleusadh leis an t-sionnsair.

[SARAH] Agus mar sin, dè na fuinn is toigh leat fhèin a bhith a' cluich agus carson?

[CONALL] Uill, tha mòran diofar fhuinn a tha a' còrdadh rium, ach fear a tha a' còrdadh rium gu mòr, 's e Òran Mòr MhicLeòid. Agus 's e seann òran a th' ann agus 's ann às an Eilean Sgitheanach a tha e, agus tha mi a' dol ga chluich dhut an dràsta.

[SARAH] Taing, a Chonaill. Cò na pìobairean eile is toigh leat?

[CONALL] Uill, chanainn gu robh mi ag èisteachd ri mòran phìobairean a bha a' dèanamh ... a bha a' cluich ceòl co-fharpais, mar Stuart Liddell agus Gordon Walker, ach tha mi a-nise ag èisteachd ri pìobairean mar Aonghas MacNeacail, Aonghas MacCoinnich agus cuideachd, tha fear ann, Ross Ainslie. 'S ann à Baile Chloichridh a tha Ross Ainslie, agus tha esan a' cluich còmhla ri còmhlan gu math ainmeil a-nise: Treacherous Orchestra, agus tha esan a' dèanamh mòran rudan ùra leis a' phìob nach cuala mise riamh mus robh mi ag èisteachd ri Treacherous.

[SARAH] Agus sin a tha a' còrdadh riut?

[CONALL] Sin a tha a' còrdadh rium, fuinn ùra. Ach tha e fhathast a' cluich puirt a tha gu math sean cuideachd, ach tha e a' sgrìobhadh mòran fuinn cuideachd. Sin a tha a' còrdadh rium gu mòr.

[SARAH] Uill, mìle taing airson bruidhinn rinn, Conaill. Tapadh leat.

[CONALL] 'S e do bheatha. Tapadh leibh.

Piping

English Beurla

Interview with Conall MacIlleChiar: Bagpipes

Presenter: Sarah Cruickshank

[SARAH] With me is Conall MacIlleChiar, who is going to tell us a little about playing the bagpipes. Welcome, Conall. Now, tell us what attracted you so much to the bagpipes?

[CONALL] Well, I must admit that there wasn't much to begin with. My parents made me learn the pipes. I think that, because they didn't have the chance to learn music when they were young, they wanted me to have that opportunity. So they made me learn the pipes and I didn't like it at all for two or three years, but after a while, I began to enjoy it and I was learning tunes that I liked and it was much better. I do it often now. I play all the time, so I'm very lucky, I'd say.

[SARAH] How did you start to learn?

[CONALL] Well, I started on the chanter at first, and I started through the fèisean in Inverness, at Fèis na h-Òige, and Duncan MacDonald was the tutor at the fèis, and after attending the fèis, I went to Duncan for lessons outwith the fèisean, after school, and I did that for many years, and then I learnt to play the pipes after ... But it was ... It was very difficult to move from the chanter to the pipes.

[SARAH] What was so difficult about moving from the chanter to the pipes?

[CONALL] I'd say it was just breath. I didn't have the strength to fill the bag and to keep it going. But some people learnt on something they call ... It's a "goose", which is a set of pipes without drones. So it's fairly easy to blow and to keep the breath going, but unfortunately, I didn't have that, so I just went straight from the chanter to the pipes and that was very difficult.

[SARAH] Now, you spoke there about the drones. What sorts of things do you have to keep in mind while you are playing the pipes?

[CONALL] Well, you have to make sure that the drones are in tune with the chanter on the pipes, and that is quite difficult, and it takes a long time to get used to it. And, to this day, I still sometimes find it very difficult to tune the pipes to the chanter.

[SARAH] And so, what tunes do you like to play and why?

[CONALL] Well, there are a lot of different tunes that I like, but my favourite would be Òran Mòr MhicLeòid. And it's an old song that comes from the Isle of Skye, and I'm going to play it for you now.

[SARAH] Thank you, Conall. Which other pipers do you like?

[CONALL] Well, I'd say I listened to a lot of pipers who do ... who play competition music, such as Stuart Liddell and Gordon Walker, but I now listen to pipers like Angus Nicolson and Angus MacKenzie and there's also a man called Ross Ainslie. Ross Ainslie comes from Pitlochry, and he plays in a band that is now quite famous: Treacherous Orchestra, and he does a lot of things with the pipes that I had never heard before I listened to Treacherous.

[SARAH] And that's what you like?

[CONALL] That's what I like, new tunes. But he still plays some very old tunes too, but he also composes a lot of tunes too. That's what I really like.

[SARAH] A thousand thanks for speaking to us, Conall. Thank you.

[CONALL] You're welcome. Thank you.

Show English

look@LearnGaelic is a series of videos aimed at learners of Scottish Gaelic. It features a variety of styles, including interviews with experts and Gaelic learners, monologues and conversations. Use the links above to select subtitles in English or Gaelic - or to turn them off altogether. 'S e sreath de bhidiothan gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th' ann an look@LearnGaelic. Bidh measgachadh de mhonologan ann, agallamhan le eòlaichean is luchd-ionnsachaidh, agus còmhraidhean. Gheibhear fo-thiotalan anns a' Ghàidhlig agus ann am Beurla.