FaclairDictionary EnglishGàidhlig

457: Murder in Strathspey (2) 457: Murt ann an Srath Spè (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Murt ann an Srath Spè (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu bhàs poilis aig deireadh an naoidheamh linn deug. Bha e faisg air Obar Neithich ann an Srath Spè. Bha dithis oifigearan ann – Iain MacGilleNaoimh agus Tòmas King. Bha iad ag iarraidh airgead fhaighinn bho Ailean MacCaluim.

Lorg na poilis an taigh far an robh MacCaluim a’ fuireach. Chaidh iad a-steach. Bha e dorch. ’S e an geamhradh a bha ann. Bha brag gunna ann. Dh’èigh MacGilleNaoimh air King. Cha d’ fhuair e freagairt.

Chaidh MacGilleNaoimh don chidsin. Lorg e corp a chompanaich. Bha e air a’ bheul fodha air an làr.

Thàinig am post, Alasdair Grannd, don doras. Bha e air MacCaluim fhaicinn, a’ teicheadh sìos an rathad. Theich MacCaluim bho bhaile-fearainn gu baile-fearainn ann an Srath Spè. Chaidh e thar a’ mhonaidh. Chuir na poilis seasgad oifigear a-mach air a thòir. Mu dheireadh, bha iad a’ coimhead taobh Shrath Dheathain.

Dà latha ron Nollaig, dh’inns tuathanach do na poilis gun robh MacCaluim anns a’ bhaile-fearainn aige. Bha e am falach ann an sabhal. An ath mhadainn thàinig ceathrar phoileas. Chuir iad MacCaluim an grèim. Chaidh a thoirt don Aghaidh Mhòir agus an uair sin air an trèana a dh’Inbhir Nis. Bha sluagh mòr a’ feitheamh aig Stèisean Inbhir Nis. Bha ùidh mhòr aig muinntir na Gàidhealtachd anns a’ ghnothach.

Anns a’ chùis-chùirte thuirt an luchd-dìon gun robh MacCaluim air a bhith às a rian nuair a loisg e air a’ Chonstabal King. Ach thuirt triùir dhotairean nach robh sin fìor.

Bha na poilis an dòchas gum biodh MacCaluim air fhaighinn ciontach de mhurt. Ach cha b’ e sin beachd an diùraidh. Dh’aontaich an diùraidh le mòr-chuid gun robh MacCaluim ciontach de mharbhadh le coire, seach murt. Fhuair e binn de chòig bliadhn’ deug anns a’ phrìosan.

Chaidh Tòmas King a thiodhlacadh ann an Cladh Obar Neithich. Bha muinntir na Gàidhealtachd air an uabhasachadh le a bhàs. Thog iad dusan mìle not mar thaic do a bhean agus an ochdnar cloinne. Agus chaidh an naidheachd mun chùis cho fada ri Sealan Nuadh, far an robh i air prìomh dhuilleag nam pàipearan-naidheachd.

Murder in Strathspey (2)

English Beurla

I was telling you about the death of a policeman at the end of the nineteenth century. It was near Abernethy in Strathspey. There were two officers – John MacNiven and Thomas King. They were wanting to collect money from Allan Macallum.

The police found the house where Macallum was living. They went inside. It was dark. It was winter. There was a report of a gun. MacNiven shouted to King. He did not receive a reply.

MacNiven went to the kitchen. He found his companion’s body. It was face-down on the floor.

The postman, Alasdair Grant, came to the door. He had seen Macallum fleeing down the road. Macallum fled from farm to farm in Strathspey. He went over the hills. The police sent out sixty officers in pursuit of him. Finally, they were looking in the vicinity of Strathdon.

Two days before Christmas, a farmer told the police that Macallum was living on his farm. He was hidden in a barn. Next morning, four policemen came. They arrested Macallum. He was taken to Aviemore and then on the train to Inverness. A large crowd was waiting at Inverness Station. The people of the Highlands were fascinated by the affair.

During the court case, the defence said that Macallum had been insane when he fired on Constable King. But three doctors said that was not true.

The police were hoping that Macallum would be found guilty of murder. But that wasn’t the jury’s opinion. The jury agreed by a majority verdict that Macallum was guilty of culpable homicide, rather than murder. He got a sentence of fifteen years in prison.

Thomas King was buried in Abernethy Cemetery. The people of the Highlands were horrified at his death. They raised twelve thousand pounds as help to his wife and eight children. And the news about the matter went as far as New Zealand, where it was on the front page[s] of the newspapers.

Murt ann an Srath Spè (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu bhàs poilis aig deireadh an naoidheamh linn deug. Bha e faisg air Obar Neithich ann an Srath Spè. Bha dithis oifigearan ann – Iain MacGilleNaoimh agus Tòmas King. Bha iad ag iarraidh airgead fhaighinn bho Ailean MacCaluim.

Lorg na poilis an taigh far an robh MacCaluim a’ fuireach. Chaidh iad a-steach. Bha e dorch. ’S e an geamhradh a bha ann. Bha brag gunna ann. Dh’èigh MacGilleNaoimh air King. Cha d’ fhuair e freagairt.

Chaidh MacGilleNaoimh don chidsin. Lorg e corp a chompanaich. Bha e air a’ bheul fodha air an làr.

Thàinig am post, Alasdair Grannd, don doras. Bha e air MacCaluim fhaicinn, a’ teicheadh sìos an rathad. Theich MacCaluim bho bhaile-fearainn gu baile-fearainn ann an Srath Spè. Chaidh e thar a’ mhonaidh. Chuir na poilis seasgad oifigear a-mach air a thòir. Mu dheireadh, bha iad a’ coimhead taobh Shrath Dheathain.

Dà latha ron Nollaig, dh’inns tuathanach do na poilis gun robh MacCaluim anns a’ bhaile-fearainn aige. Bha e am falach ann an sabhal. An ath mhadainn thàinig ceathrar phoileas. Chuir iad MacCaluim an grèim. Chaidh a thoirt don Aghaidh Mhòir agus an uair sin air an trèana a dh’Inbhir Nis. Bha sluagh mòr a’ feitheamh aig Stèisean Inbhir Nis. Bha ùidh mhòr aig muinntir na Gàidhealtachd anns a’ ghnothach.

Anns a’ chùis-chùirte thuirt an luchd-dìon gun robh MacCaluim air a bhith às a rian nuair a loisg e air a’ Chonstabal King. Ach thuirt triùir dhotairean nach robh sin fìor.

Bha na poilis an dòchas gum biodh MacCaluim air fhaighinn ciontach de mhurt. Ach cha b’ e sin beachd an diùraidh. Dh’aontaich an diùraidh le mòr-chuid gun robh MacCaluim ciontach de mharbhadh le coire, seach murt. Fhuair e binn de chòig bliadhn’ deug anns a’ phrìosan.

Chaidh Tòmas King a thiodhlacadh ann an Cladh Obar Neithich. Bha muinntir na Gàidhealtachd air an uabhasachadh le a bhàs. Thog iad dusan mìle not mar thaic do a bhean agus an ochdnar cloinne. Agus chaidh an naidheachd mun chùis cho fada ri Sealan Nuadh, far an robh i air prìomh dhuilleag nam pàipearan-naidheachd.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 761

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile