FaclairDictionary EnglishGàidhlig

97: An galar ronnach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An galar ronnach

Gaelic Gàidhlig

O chionn beagan seachdainean, dh’èirich duilgheadas ùr ann an saoghal na Gàidhlig. Nochd galar as ùr ann am Breatainn, galar a tha a’ bualadh air beathaichean ladhrach. Ann am Beurla, canaidh iad “Foot and Mouth Disease” ris. Ach dè bha sinne, a tha ag obair anns na meadhanan Gàidhlig, a’ dol a ghabhail air?

Ann an Gàidhlig na h-Eireann, canaidh iad “galar crúibe is béil” ris. Tha sin na eadar-theangachadh air a’ Bheurla. Ann an Cuimris, ’s e eadar-theangachadh a th’ acasan cuideachd. Ach dè mu dheidhinn anns a’ chànan againn fhìn?

’S iomadh facal ùr a dh’fheumas sinn cruthachadh ann an Gàidhlig airson dèiligeadh ri gnothaichean an latha an-diugh, ach tha prionnsabal cudthromach ann, saoilidh mi – ’s e sin, ma tha seann fhacal neo abairt Ghàidhlig ann airson rudeigin, is ma dh’aithnicheas cuid e fhathast, cleachd e. O shean, agus suas chun an latha an-diugh, chanadh cuid de Ghaidheil “an galar roilleach” ris a’ ghalar seo.

Uill, tha sin fìor ann an cuid de dh’àiteachan. Ann an àiteachan eile, chanadh iad, agus canaidh iad fhathast, “an galar ronnach” neo “an galar roinneach”. Tha iad uile a’ ciallachadh na h-aon rud – an galar far am bi uisge a’ ruith as beòil nam beathaichean. “The slavering disease” ann am Beurla.

Ach tha sin a’ fàgail duilgheadas. Am bu chòir dhuinn gabhail ri aon fhacal air a shon air feadh saoghal na Gàidhlig? Mura h-eil am facal “roilleach” ann an Gàidhlig Ile, mar eisimpleir, carson a chanadh na h-Ilich “an galar roilleach”? Cha bhiodh e a’ dèanamh ciall dhaibh. Seo an seòrsa ceist ris a feum sinn dèiligeadh gu tric nuair a tha sinn ag obair gu làitheil, agus aig ìre nàiseanta, ann an Gàidhlig.

Bha mi a’ coimhead tro sheann bhàrdachd airson iomradh sam bith air a’ ghalar seo, ach chan fhaca mi càil. ’S dòcha nach biodh an cuspair uabhasach taitneach do bhàrd! Ach lorg mi am facal “ronn”, a’ ciallachadh “slaver” aig Mac Mhaighstir Alasdair agus, cuideachd, ann an dàn a sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.

Rinn Donnchadh aoir air fear Uisdean a bha na phìobaire. Neo pìobaire de sheòrsa air choreigin. Cha do shaoil Donnchadh mòran dheth, a rèir choltais. Seo rann às an dàn “Aoir Uisdean Phìobair’”:

Ciamar a nì Uisdean òg dhuibh

ceòl gu dannsa,

Nuair a chìtheadh tu sruth ronn

on a h-uile toll a bh’ air an t-seannsair:

’S sgeul tha fìor a dh’innseas mise,

gur h-e dh’fhàg e nis cho manntach,

Gun tug iad dheth leis an t-siosar

bàrr na teanga.

Uill, cha chreid mi gu bheilear a’ sgrìobhadh bàrdachd mar sin an-diugh. Nan nochdadh a leithid, agus Uisdean còir fhathast beò, ’s iongantach mura biodh e air a’ fòn sa bhad don luchd-lagh’ aige! Co-dhiù sin am facal “ronn” ann am bàrdachd, ged nach eil sgeul air crodh, caoraich, mucan neo lighichean-sprèidh!

Saoilidh mi gu bheil còir againn a bhith mothachail do dh’aon rud gu h-àraidh co-cheangailte ris a’ ghalar roilleach. ’S e sin mar a bhiodh galairean de dh’iomadh seòrsa a’ sgapadh am measg an t-sluaigh, gun luaidh air beathaichean, gu math luath, anns na làithean a dh’fhalbh.

Ach cha robh ar sinnsirean gun dòchas mu a leithid. Tha seanfhacal ann a tha a’ sealltainn gu robh iad dhen bheachd gun gabhadh leigheas dèanamh air galar sam bith: “Ruigidh an ro-ghiullachd air an ro-ghalar”. The best of nursing may overcome the worst disease. Ruigidh an ro-ghiullachd air an ro-ghalar. Bidh sinn an dòchas, a thaobh a’ ghalair roillich ann am Breatainn agus anns an Roinn Eòrpa, an-dràsta agus anns an àm ri teachd, gu bheil an seanfhacal ceart.

Faclan na Litreach: dh’èirich: arose; galar: disease; ladhrach: cloven-hoofed; eadar-theangachadh: translation; prionnsabal:principle; o shean: in olden days; beòil: mouths; Ile: Islay; taitneach: pleasant; aoir: satire, lampoon; lighichean-sprèidh: vets.

Abairtean na Litreach: am bu chòir dhuinn gabhail ri aon fhacal air a shon air feadh saoghal na Gàidhlig?: should we accept one word for it throughout the Gaelic world?; cha bhiodh e a’ dèanamh ciall dhaibh: it wouldn’t make sense to them; seo an seòrsa ceist ris a feum sinn dèiligeadh gu tric: this is the sort of question with which we have to deal often; airson iomradh sam bith air a’ ghalar seo: for any mention of this disease; ciamar a nì X dhuibh ceòl gu dannsa: how will X play you dance music; nuair a chitheadh tu sruth ronn on a h-uile toll a bh’ air an t-seannsair: when you could see slaver running from every hole in the chanter; gur h-e dh’fhàg e nis cho manntach: that it is this which left him now so stuttery; gun tug iad dheth leis an t-siosar bàrr na teanga:that they took off the end of the (his) tongue with scissors; cha chreid mi gu bheilear a’ sgrìobhadh bàrdachd mar sin an-diugh:I don’t think poetry like that is written today; gun luaidh air beathaichean: without mentioning animals; anns an àm ri teachd: in the future.

Puing ghràmair na Litreach: ’S iongantach mura biodh e air a’ fòn sa bhad don luchd-lagh’ aige: he would likely be on the phone to his lawyers straightaway. The phraseology “’S iongantach mura …” appears commonly in Gaelic conversation. Iongantach (the “g” is pronounced in some dialects, but not in others and, in Ireland, the spelling has been simplified to “iontach”) means “wonderful, suprising, strange…” Gu h-iongantach means “wonderfully, surprisingly” etc. In the idiom used in the litir, iongantach appears with the assertive verb “is”, and is then followed by the negative form of another verb. Literally, ’s iongantach mura biodh e…”means “it is surprising if he were not…” ie it is likely that he would be... Here are some other examples: Q: Am bi thu aig a’ Mhòd am bliadhna?(will you be at the Mod this year?) A: ’S iongantach mura bi. (I expect so). Q: An caill Rangers an lìog am bliadhna? (will Rangers lose the league this year?) A: ’S iongantach mura caill (I expect so; lit. it will be surprising if they don’t). Learners sometimes get confused with these apparent double negatives in Gaelic, but they occur in English as well (eg “I wouldn’t say no to a drink…”; “he’s not the most incapable man you’ll ever see”).

Seanfhacal na Litreach: Ruigidh an ro-ghiullachd air an ro-ghalar: the best of nursing may overcome the worst disease.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean